Suaicheantas na Croise Ceiltich Toirmisgte 'sa Ghearmailt ?

fiosrachadh, gearan, deasbad
An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Suaicheantas na Croise Ceiltich Toirmisgte 'sa Ghearmailt ?

Beitragvon An Gille Donn » Fr Nov 21, 2008 7:58 pm

A Chàirdean chòir,

tha Cùirt Mhòr na Gearmailte chun suaicheantas na croise Ceiltich air brataichean a thoirmisgeadh gu buileach is gu h-iomlan, on a chaidh a chleachdadh le buidhnean Naitseach.
Nise, is mòr an nàire agus am peacadh gun deach a chleachdadh leis a leithid ud de dhaoine, ach chan e swastika a th' anns a' chrois Cheilteach, agus chan eil e ceart a toirmisgeadh mar shuaicheantas air fad, is e ceangailte ri creideamh is eachdraidh nach eil idir ceangailte ri beachdan cunnartach nan Naitseach. An toirmisgeadh iad suaicheantas na caol-ghealaich, dìreach on a tha e ga chleachdadh le buidhnean-foineirt is ceannaircich Ioslamach ? Cha thoirmisgeadh, geallaidh mi dhuibh ! Ach thoirmisgeadh iad crois Cheilteach 'sa Ghearmailt...abair ceartas ! Dè ur beachd fhèin mun ghnothach ?

Seo dhuibh an ceangal, don fheadhainn nur measg aig a bheil Gearmailtis:

http://juris.bundesgerichtshof.de/cgi-bin/rechtsprechung/document.py?Gericht=bgh&Art=en&Datum=Aktuell&Sort=12288&nr=45888&linked=pm&Blank=1

Cha bu chòir dhuibh sin a dhèanamh, am bu chòir ? Dh' fheumadh iad an suaicheantas a dhìon o na Naitsich, ach chan ann a thoirmisgeadh, nach aontaicheadh sibh ? Ciod e ur beachds', ma tha ?

Acsail Òg

Isbeal
Beiträge: 1013
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » Fr Nov 21, 2008 11:53 pm

Pairt mu dheireadh:

Ausnahmen von diesem Grundsatz gelten allerdings in Fortführung der Rechtsprechung des Bundesgerichtshofs zur verfassungskonformen Auslegung des § 86 a StGB dann, wenn die äußeren Umstände der Verwendung des Symbols eindeutig ergeben, dass der Schutzzweck des § 86 a StGB nicht tangiert, also das Symbol offenkundig in einem unverfänglichen Zusammenhang gebraucht wird.

Beschluss vom 1. Oktober 2008 - 3 StR 164/08


Sin ceart gu leòr, tha fhios, ach nach biodh e nas fheàrr dearbhadh iarraidh gur e ceangal / co-theacsa cunnartach a th' ann na dearbhadh iarraidh gur e rud neo-chiontach a th' ann?

Càite am prionnsapal 'neo-chionatch gus dearbhte ciontach'?
:shock:


Zurück zu „polataigs“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast