am baile Gàidhealach

fiosrachadh, gearan, deasbad
Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

am baile Gàidhealach

Beitragvon Micheal » Mo Nov 17, 2008 1:08 am

Tha deasbad cruaidh - mar as àbhaist - a' dol am-measg Gàidheal is nuadh-Ghàidheal mu plana atha aig Fionnlagh nan strì. Tha esan airson baile a chruthachadh far nach bi ach Gàidhlig ga bruidhinn. Tha e a' smaoineachadh air mìle neach a bhios a' fuireachd ann, le bùithean, gniomhachasan amsaa.

Deagh bheachd no sgudal?

Dè ur beachd air baile Gàidhealach - gun Bheurla?




Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Mo Nov 17, 2008 8:18 am

Agus dè thachras ma bhruidhinneas cuideigin Beurla an-sin? An tèid an tilgeil a-mach? No rudan nas miosa? Nach eil eachdraidh gar teagasg gu bheil rudan mar sin gu math cunnartach?
Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Mo Nov 17, 2008 11:44 am

Sin dìreach an trioblaid gu bheil mòran theaghlaichean ann gun Ghàidhlig aig a h-uile duine, is caraidean aca gun Ghàidhlig nas motha.

'S dòcha gum b' urrainn dhà rudeigin a' ur air dòigh le cuid mòr dhen daoine a' bruidhinn 'sa Ghàidhlig, ach mar a thuirt Mona, cò thigeas a-steach is cò nach tig?
'S e saoghal a th' anns gach cànan


Zurück zu „polataigs“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast