Obama neo Mac Cain

fiosrachadh, gearan, deasbad
Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Obama neo Mac Cain

Beitragvon Micheal » So Okt 26, 2008 8:32 am

Seachdain eile agus bidh ceannard ùr aig na Stàitean Aonaichte agus an turas seo tha e gu math furasda eadar-dhealachadh eadar an dithis tagraiche 's cho diofraichte 's a tha iad. Do chuid 's e leth-bhreac Sheòrais Bush a tha ann an Mgr. Mac Cain agus tha iad airson atharrachadh polataigs anns na Stàitean gu tùr.
Do chuid eile is e an diabhal fhèin ( Domhnall Dubh mar gum b' eagh) a tha ann an Obama agus iad a' cur sìos air ann an dòigh suarach.
Dè ur beachd fhèin air a chùis? Agus dè tha ceannard ùr an sin a' ciallachadh dhuinnse anns a' Ghearmailt. Am fàs cùisen nas miosa na tha iad co-dhiù neo am faod sinn a bhith dòchasach gun tèid na trioblaidean mòra ann an Afghanistan is Iràg ann an eaconomaidh agus an roinn sòisealta fhuasgladh le cuideigin às ùr. Neo an tèid an aon phort a chluich a-rithist a chuala sin fad 7 bliadhna mar-thà?


Mìcheal
Zuletzt geändert von Micheal am Mo Okt 27, 2008 8:03 am, insgesamt 1-mal geändert.
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » So Okt 26, 2008 10:12 am

Nach tusa tha air do chois tràth, air madainn Di-Domhnaich! :)

Co-dhiù, dhan chuspair: Tha mi an dòchas gun dèan Mr. Obama e. Gun teagamh, cha bhi a h-uile rud ag atharrachadh sa bhad, nuair a bhitheas esan anns an "Taigh Gheal". Ach tha beachdan feumail aige.

An rud nach toigh leam-sa idir mu dheidhinn taghaidh ceannard nan Stàitean Aonaichte, 's e gu bheil na deasbadan gu math gòrach agus chan eil mòran fhaclan glic ri cluinntinn bho na tagraichean idir. Chuala sinn gu leòr mu dheidhinn Mrs. Palin, fìor oinseach nam bheachd-sa (agus aobhar eile an-aghaidh McCain), ach cha chuala mise mòran bho na tagraichean fhèin mu dheidhinn an trioblaid eaconomaiceach (seach faclan brèagha agus misneachail), mar eisimpleir.

Mu dheidhinn cùisean anns an Roinn-Eòrpa no anns a' Ghearmailt fhèin, tha mi dhen bheachd gum feum sinn a thuigsinn nach e am "bràthair mòr làidir" a tha anns na Stàitean Aonaichte nas motha na laithean seo. Tha trioblaidean mòra aca fhèin agus rinn iad mearachdan gu leòr, agus feumaidh an Roinn-Eòrpa a bhith nas dàna is nas treasa air àrd-urlar an t-saoghail. Bha Angela Merkel agus luchd-polataics eile glic gu leòr mu dheidhinn an trioblaid ann an Georgien, agus cha robh mòran aig na Stàitean Aonaichte ri ràdh an-sin.
Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Isbeal
Beiträge: 1028
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » So Okt 26, 2008 7:28 pm

Tha thu ceart, a Mhona.

'S e an t-olc nas lugha den dhithis aca a th' anns an Obama, nam bheachd-sa. Fiù 's a bhios e ann an Taigh Gheal fhèin, cha bhi buill gu leòr air a shon anns an House of Representatives no anns an Senate airson fìor atharradhan mòra a thoirt gu buil. (Ma ghabhas sinn gu bheil e fìor airson atharrachdan mòra idir co-dhiù. 'S e 'seann sgaitear' a th' annam. :twisted: )

Chì sinn.

graisg
Beiträge: 214
Registriert: Mi Mär 24, 2004 2:40 pm
Kontaktdaten:

Beitragvon graisg » So Okt 26, 2008 9:59 pm

Halo a chàirdean,

Nan robh bhòt agamsa bhithinnsa a' bhòtadh airson an dithis seo
Bild

Gu mi-fhortanach chan eil iadsan faighinn a-steach den dheasbaid idir, idir. Tha feadhainn eile ann cuideachd ach chan eil teans sam bith agad taobh a-muigh an dithis amadan a tha a' còrdadh ris na meadhanan.
Dhomhsa chan eil ann ach duine geal eile a th' ann an Obama - pàirt den t-siostam.
Agus rudeigin eile am biodh earbsa agad sna innealan bhòtadh a th' aca thall an sin. Fhuair na hackers a-steach cunntas-banca Mgr Sarkcozy còir agus sa bhad saoilidh mi gum biodh cuideigin a-steach na innealan ud.
An tèid a h-uile càil a ghoid sna SA co-dhiù?
Eist ris an duine seo air utube ma thoghras tu.
http://uk.youtube.com/watch?v=ZAyEfovA4 ... re=related

Seadh theoraidh co-fheall eile, tha fhios agam:-)

Rudeigin eile, bha mi a' bruidhinn le daoine a Nigeria an t-seachdain seo chaidh, tha iadsan gu mòr airson bhòt-dealanach 'e-vote' mar a chanas iad sa chànan eile. Bhiodh iad air an dòigh glan nan robh e comasach dhaibh a bhith a' bhòtadh air fòn làimh le còd encryption. Thuirt mi riutha nach robh earbsa san riaghaltas gus cùisean a' ruith mar bu chòir. Dhaibhsan bhiodh e fada na b' fheàrr - carson? Thuirt iad gu bheil ann an Afriga gu tric bidh cuideigin le gunna eadar thusa agus am bucas dubh!
Faodaidh tu feuchainn ri bhòtadh ach tha teans ann nach till thu dhachaigh.
Nach eil sinn fhathast beo ann an Disneyland?
An leabhar a bha 'too racy' dhaibh?
Reul Chearbach Air Chuairt
http://myweb.tiscali.co.uk/narann/thill.pdf

Agus blog ri fhaicinn aig:
http://inbhirnarann.blogspot.com/


Zurück zu „polataigs“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast