Gàidhlig ann an Cataibh

fiosrachadh, gearan, deasbad
Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Gàidhlig ann an Cataibh

Beitragvon Micheal » Do Jun 12, 2008 6:23 pm

Tha upraid a' dol an-dràsda fhèin mu sanasan-rathaid dà-chànanach ann an Cataibh. Sgrìobh Dr. Domhnall Uilleam Stiùbhart artaigeal mu dheidhinn anns a' phàipear Am Bratach. Gheibhear e an seo: http://www.bratach.co.uk/bratach/archiv ... aelic.html

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Gàidhlig ann an Cataibh

Beitragvon An Gille Donn » Do Jun 12, 2008 11:02 pm

A Mhìcheil chòir,

tha mi toilichte gun do chuir sibh an ceangal seo ann, agus gun do nochd t-airtigeil seo 'sa chiad àite, is mi fhèin seachd searbh sgìth mun nàimhdeas is an nìmhe a tha a' Ghàidhlig a' faighinn ann an Gallaibh, agus an aineolas a th' ann mu dèidhinn an diugh.

Obh, obh, tha deagh-chuimhne agam fhathast air an latha ud an uiridh a bha mi thall ann an Inbhir Nis, ann an Ionad-Stiùiridh Leabharlannan na Gàidhealtachd, is mi a' feuchainn mo chuid ceisteachan-rannsachaidh a chur mu sgaoil - agus dhiùlt ceann-stiùiriche nan leabharlann ceisteachan a chur gu leabharlannan Inbhir Uige is Inbhir Theòrsa, air adhbhar "nach robh a' Ghàidhlig riamh ga brudhinn an siud, agus nach robh muinntir Gallaibh idir, idir dèidheil air a' Ghàidhlig..." :roll: Is mithich don leithid sin de bheachdan a bhith ga chur fon fhòd mu dheireadh thall, agus an aineolas is mì-rùn mòr nan Gall cuide ris !

Na bu mhiosa buileach, nuair a rinn mi gearain ris an stiùiriche agam fhèin aig an àm ud, thuirt e gun robh mi ri "langanachd culturail" agus "nach robh ann ach beachd gun robh a' Ghàidhlig ga bruidhinn anns gach uile roinn de Gharbh-chrìochan na h-Albann". Abair aineolas - mar nach faighte dearbhadh is teisteanasan gu leòr ann an ainmean-àite ! Obh, obh, ach cho dall(ta ?) is a tha na daoine... :cry: :x :evil: :?

Tha mi air a bhith 'san dùthaich seo fad deich bliadhna a nise, is chan eil mi fhathast a' tugsinn cho doirbh is a tha e an aineolas sin a chur fo smachd, ach thachair mi ri gu leòr oileanach Gearmailteach (nach robh an sàs anns a' Ghàidhlig) aig an robh an aon sheòrsa de bheachdan neònach mun Ghàidhlig, is iad fiù teagmhach no neo-chreidmheach is gum faighte Gàidheal air an oilthigh idir - smaoinichibh ! Mar gun robh iad den aon bheachd is an cuid càirdean Gallda, Sasannach no Ameirigeanach gur e daoine borb a bh' anns na Gàidheal ! :( :( :oops: Is minig a bha mi air chall, is na faclan ceart a dhìth orm - agus na faclan a bh' agam air a leithid siud de bheachdan cho mì-mhodhail is nach gabhadh an ràdh idir ! Ach ciod am math a bhith a' gearain...

...agus tha e math fhaicinn gum faighear daoine nar measg, agus am measg Ameirigeanach is Sasannach aig a bheil tuilleadh tuigse is lèirsinn.

Sin agam e an ceartuair. Foghnaidh na dh' fhoghnas.

Mar sin leibh,

Acsail Òg

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Do Jun 12, 2008 11:38 pm

Ann an dòigh, chan eil mi a' tuigsinn a h-uile upraid a tha a' dol a-nis. Leis an fhìrinn innse, dè am feum a nì cuid soighnichean-rathaid agus stuth mar sin, agus dè an diofair a nì e an creid triùir no ceathrar eile an robh Gàidhlig ga bruidhinn an-siud no nach robh.
Mholainn-sa an t-airgead agus an neart gu tùr a chur do na h-àiteachan is do na daoine a tha deiseil is deònach rudeigin a dhèanamh airson a' chànain. Tha daoine gu leòr ann aig a bheil beachdan ùra is beachdan feumail, agus tha an t-airgead a dhìth fiù 's anns na pròiseactan far a bheil na daoine ag aontachadh gum b' fhiach a' Ghàidhlig a shàbhalachd.
Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Fr Jun 13, 2008 7:48 am

'S e an rud gun tig am Mod a Ghallaibh. Tha muinntir na sgìre toilichte le bhith prothaid a dhèanamh le leithid de thachartas mòr ach air an aon làimh tha iad a' diùltadh gun robh Gàidhlig ga bruidhinn an sin. Tha fàilte bhlàth air an airgead ceart gu leòr ach...
Fàsaidh sin fasanta air feadh na h-Albann ma smaoinicheas duine air bliadhna na Gàidhealtachd an uiridh.
Dìreach beachd mar choimeas: Oktoberfest ann am München gun fhacal Ghearmailtis neo dual-chainnt Babhàirianach???!!! Agus fiù's le bhith a' diùltadh gum biodh rud mar chultar Babhàirianach riamh anns an sgìre seo.

Agus tha mi fhìn searbh sgìth de na deasbaidean aca gum biodh sanasan-rathaid dà-chànanach cunnartach agus gun cuireadh iad na dràibhearan troimhe-chèile. `S iad na daoine le leithid de bheachdan a tha gu tùr rag is troimhe chèile. Am facas riamh tubaistean air an autobahn gu Lüttich/Leuk/Liège neo Aachen/ Aaken/ Aix la Chapelle air adhbhar nan sanasan-rathaid???
Duilich sin a ràdh ach `s e standard a tha ann an sanasan-rathaid dà-chànanach anns an Roinn-Eòrpa an latha an-diugh seach ann an sgìrean iomallach a tha ri sectarianism neo ìompaireachas (Imperialismus) gus an latha an-diugh.
A' chiad rud a dh' fheumas tachairt nam bheachd: a' cur stad ri maoineachadh Eòrpach anns na sgìrean sin. Agus bu chòir dhan Mhod smaoineachadh air àite eile far am bi e a' tachairt!
Abair dùthaich bhochd nach fhaic na cothroman prìseil a th' aice.

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Fr Jun 13, 2008 8:39 am

Dh' fhuirich mi ann an Aachen/ Aaken/ Aix la Chapelle agus tha mi beò fhathast! :P

Saoilidh mi gu bheil na sanasan dà-chànanach feumail. Chan eil iad a' cosg ach beagan peant, agus tha daoine ann a tha measail oirre. Tha feadhainn ag iarraidh bun-sgoil Gàidhlig ann an Inbhir Theòrsa agus tha mi cinnteach gum biodh e a' còrdadh riutha a bhith a' faicinn an cànan mun cuairt.
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Fr Jun 13, 2008 8:51 am

NoClockThing hat geschrieben:Dh' fhuirich mi ann an Aachen/ Aaken/ Aix la Chapelle agus tha mi beò fhathast! :P

Saoilidh mi gu bheil na sanasan dà-chànanach feumail. Chan eil iad a' cosg ach beagan peant, agus tha daoine ann a tha measail oirre. Tha feadhainn ag iarraidh bun-sgoil Gàidhlig ann an Inbhir Theòrsa agus tha mi cinnteach gum biodh e a' còrdadh riutha a bhith a' faicinn an cànan mun cuairt.



bun-sgoil Ghàidhlig
a' faicinn a' chànain

M.
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Fr Jun 13, 2008 9:55 am

Micheal hat geschrieben:A' chiad rud a dh' fheumas tachairt nam bheachd: a' cur stad ri maoineachadh Eòrpach anns na sgìrean sin. Agus bu chòir dhan Mhod smaoineachadh air àite eile far am bi e a' tachairt!


Sin dìreach na bha mi a' ciallachadh: 'S e rud Gàidhealach a tha anns a' Mhod. Cha bu chòir dhan airgead a tha an sàs an-sin a dhol do sgìre far nach eil iad deonach fàilte a chur air a' Ghàidhlig.

A thaobh nan sanasan-rathaid, chan eil fhios agam... cha robh mi a-riamh a' smaoineachadh gu bheil iad cho cudthromach. Ceart gu leòr, tha mi a' tuigsinn gum bu chòir dhaibh a bhith ann, dìreach mar a tha iad ann an àiteachan eile. Ach tha an comhnaidh na deasbadan mòra ann mun deidhinn agus chan fhiach e sin, nam bheachd-sa. Tha rudan eile ann a tha fada nas cudthromaiche, mar na sgoiltean no an telebhisean. Sin na roinntean far am bi a' Ghàidhlig air cùmal beò - no nach bi. Mura bheil daoine ann a thèid an togal leis a' chànan, daoine a bhitheas a leughadh is a sgrìobhadh anns na sgoiltean, daoine a bhitheas a cluinntinn is a faicinn anns na meadhanan gach latha, dè an ciall a bhitheas ann an sanasan-rathaid? Chan e ach faclan neònach, àlainn, "dualchasach" a bhitheas annta, snog dhan luchd-turais, ach gun cheangal do bheatha nan daoine.
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~


Zurück zu „polataigs“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast