Chaochail Johannes Rau

fiosrachadh, gearan, deasbad
mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Fr Jan 27, 2006 2:06 pm

Tha mi dìreach air sin a leughadh air an lìon. Bha Johannes Rau às a' bhaile seo far a bheil mi a' fuireach a-nis, Wuppertal. B' e am Bundespräsident a bha ann gu 2004, chan eil fhios agam ciamar a chanas mi sin 'sa Ghàidhlig. Prìomh fhear na dùthcha, is dòcha, ged nach eil cumhachd aige ann an riaghaltas.
Dè ur beachdan mu dheidhinn?
mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Fr Jan 27, 2006 3:52 pm

Chuala mi sin air an rèidio sa mhadainn an-diugh gun do chaochail seann cheannard na Gearmailt Johannes Rau. Is e duine uabhasach glic a bh' ann a rinn mòran airson na dùthcha againne. Cha dhiochuimhnich mi m.e. an òraid a thug e seachad anns a Khnesset ann an Jerusalem (ann an Gearmailtis) airson an ceangail luachmhòr is prìseil eadar na dhà dhùthaich a neartachadh. Bha e na cheann-suidhe eaglais phròstanach san sgìre Wuppertal, priomh-mhinistear Nordrhein-Westphalen, an stàit againn, ceannard SPD (am pàrtaidh soisealta-deamocratach) agus bha e a' feuchainn ri bhith air a thaghadh mar seansalair na Gearmailt ach cha deach aige air. Mu dheireadh thall chaidh a thaghadh mar ceannard na dùthcha. Bha e tinn o choinn beagan bhliachnaichean is chaochail e sa mhadainn an-diugh. Is e call mòr a th' ann airson na Gearmailt gun teagamh!

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Fr Jan 27, 2006 6:55 pm

'S e call mòr gu dearbh, a Mhìcheil. 'S e duine glè ghlic is inntinneach a bh' ann, chunnaic mi e bliadhnaichean air ais nuair a bha e ann am Wuppertal aig tachartas air choireigin, rinn e òraid bheag, mas math mo chuimhne agus b' urrainn do dhaoine bruidhinn ris.

P.S. - Dè rinn thu an-seo? Bha an seòc orm! Ach tha seo sgoinneil!
mona :D
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Sleite
Beiträge: 1740
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Beitragvon Sleite » Fr Jan 27, 2006 11:13 pm

Gu sealladh orm. Tha mi cho duilich. Ciamar no carson a chaochail e?
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Fr Jan 27, 2006 11:25 pm

Bha e san taigh-eiridinn gu math tric agus chuala mi gun robh aillse air.
Bha e a' coimhead gu math dona bhon a sheo agus cha b' urrainn dha dol dhan phartaidh gu Berlin tuilleadh nuair a bha co latha breith aige cola-deug air ais ann an lùchairt Bellevue - -taigh ceannard na Gearmailt ann am Berlin.


Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************


Zurück zu „polataigs“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast