A bheil clann-daoine glic idir?

fiosrachadh, gearan, deasbad
mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Fr Aug 11, 2006 8:28 am

Tha mi air mo shàrachadh leis an t-suidheachadh anns an t-saoghal. Dè ur beachdan? Am faigh Israel is na dùthchanan Arabach sìth idir? Am bi an t-eagal oirnn a-nis gach turas a thèid sinn a-steach itealan? Dè as urrainn dhuinn-se a dhèanamh co-dhiù?
Tha mi nam shuidhe an-seo, eadar dà bheachd. Tha mi toilichte le mo bheatha fhèin, tha mòran rudan inntinneach a' tachairt an-dràsda. Ach gach turas a leughas mi naidheachdan, bidh mi feargach. Carson a nì clann-daoine mearachdan a-rithist is a-rithist. Nach dh' fàs sinn glic às an eachdraidh idir? Agus an rud as lugha orm, na deasbadan "intellectual" air dè bu chòir do dh' Israel a dhèanamh agus dè nach bu chòir agus blablabla, agus sin uile bho daoine nach robh a-riamh ann, agus a tha nan suidhe gu comhfhurtail anns an cathair an-seo 'san Roinn-Eòrpa.
Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

UnaMac
Beiträge: 567
Registriert: Mo Mär 07, 2005 6:38 pm
Wohnort: Isle of Skye

Beitragvon UnaMac » Fr Aug 11, 2006 2:44 pm

A Mhona, chleachdainn am facal 'mac an duine' an àite 'clann-daoine'; cha chual mi am facal idir gu ruige seo. 8-)

Tha tòrr shaidearan Breatannach an sàs anns a' bhlàr ann an Afghanistan agus Iraq. Chan eil daoine an seo toilichte le sin, agus chaidh barrachd air ceud dhiubh a mharbhadh mar-thà. Bha Tonaidh Blair cho dèidheil faibhar a dhèanamh dhan charaid Seòras, agus bi daoine eile a' pàigheadh air a shon.

Nam biodh dùthchannan Arabannach eile a' tighinn a-steach dhan chonflict eadar Israel agus Lebanon, bidh trioblaid ann, trioblaid mhòr.... Ach tha na h-Israelis a' dèanamh na h-obrach airson Seòrais, so nach bi esan gan sgùrr...

Ùna
Bhith beò beathail ged nach bitheadh tu beò ach leth-uair.

tearlach_alascanach
Beiträge: 35
Registriert: Mo Aug 07, 2006 4:55 am

Beitragvon tearlach_alascanach » Fr Aug 11, 2006 7:01 pm

Halo a Mhona,

Anns a'chiad a-dol-a-mach, leis an eadar-lionn 's telebheisean 's msaa, tha fios a bharrachd againn mu na tha a'tachairt san na bha a-riamh roimhe. Cus fios s dòcha. Smaoinich, ceudan bliadhnaichean air ais, 's gann a biodh fios agad mu olc a bhathar a'deanamh thar a'chuan.

Aon eiseimplir de sin 's e nuair dh'fhoillsich paipear naidheachd ann an Danmharc dealbh le droch bheachd mu Muthamad. Bha na daoine ann am Pakistan feargach, mu na bha cuideigin a sgrìobhadh air taobh thall dhen t-saoghal. cha robh gnothaich sam bith aig na Pakastani ann na sgrìobh na Danmarcaich. Ach an rud a chuir iongach orm 's e mar a rinn Danmarc aithreachas mu dheidhinn.

Dhomhsa tha cus eagal oirnn mu fhearg acasan.

Chuck

graisg
Beiträge: 214
Registriert: Mi Mär 24, 2004 2:40 pm
Kontaktdaten:

Beitragvon graisg » Fr Aug 11, 2006 9:33 pm

Tha thusa ceart Chuc, tha cus againn ri fhaicinn. Tha innealan eagalach cogaidh ùra ann a-nis agus tha na meadhanan a’ leantail a h-uile mionaid dhith. Tha mise den bheach mur a biodh cogaidhean a’ dol san t-saoghal bhiodh na meadhanan a’ phàigheadh airson fear ùr a thòiseachadh. Tha iad air fàs cleachdte ris.
An leabhar a bha 'too racy' dhaibh?
Reul Chearbach Air Chuairt
http://myweb.tiscali.co.uk/narann/thill.pdf

Agus blog ri fhaicinn aig:
http://inbhirnarann.blogspot.com/

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Fr Aug 11, 2006 10:20 pm

Hmm, a bheil cus fhiosrachaidh againn? Is dòcha. No is dòcha gur e seo a' cheist, an seòrsa fhiosrachaidh a gheibh sin... Tha an eadar-lìon loma-làn stuth, tha mi cinnteach gu bheil an telebhisean loma-làn dheasbadan cuideachd, ach an e fiosrachadh a th' ann dhà-riribh? An cuir sinn earbsa ann? Tha mise dhen bheachd gu bheil e a' fàs nas doirbhe do dhaoine fiosrachadh feumail a thaghadh. Le naidheachdan as-dèidh naidheachdan, tha e furasda a bhith a' smaoineachadh gu bheil deagh fhios againn air a h-uile rud - ach a bheil ùine no ùidh aig na daoine meòrachadh air na rudan a thèid innse dhaibh?

Seadh, ceud no dà cheud bhliadhna air ais cha bhitheadh naidheachdan againn air feadh an t-saoghal cho luath - mar a thuirt thusa, Chuck. Ach uill... tha an saoghal air fàs nas lugha. Tha ceangail ann eadar gnìomhachasan is coimhearsnachdan air feadh an t-saoghal, agus chan urrainn dhomh ar sùilean a dhùnadh. Gu cinnteach, tha e fada nas fhasa a ràdh: Tha mise coma, chan eil sin a' tachairt anns an sgìre agam-sa.
Ach co-dhiù, tha sinn a' faicinn dè tha dol - agus chan e na meadhanan a thòisich na cogaidhean is trioblaidean seo. Tha caraidean aig mo mhàthair a' fuireach ann an Israel, tha caraidean agam fhèin aig a bheil càirdean anns na dùthchanan Arabannach... chan eil na rudan seo dìreach a' tachairt anns an telebhisean!
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

graisg
Beiträge: 214
Registriert: Mi Mär 24, 2004 2:40 pm
Kontaktdaten:

Beitragvon graisg » Fr Aug 11, 2006 11:35 pm

Cuir sùil air na sgrìobh Dylan in 1963 ( maighstirean cogaidh), dè an diofar a bh’ ann.
http://www.bobdylan.com/songs/masters.html
An leabhar a bha 'too racy' dhaibh?

Reul Chearbach Air Chuairt

http://myweb.tiscali.co.uk/narann/thill.pdf



Agus blog ri fhaicinn aig:

http://inbhirnarann.blogspot.com/

tearlach_alascanach
Beiträge: 35
Registriert: Mo Aug 07, 2006 4:55 am

Beitragvon tearlach_alascanach » Sa Aug 12, 2006 11:28 pm

A Mhona, chan eil mi a'moladh coma a bhith leat (an d'thuirt mi sin gu ceart?). Tha e math 's nàdarach a bhith faireachdainnean làidir agad mu olc a tha a'tachairt san t-saoghal. Ach, gabhaidh fiosrachadh mu cha mhòr a h-uile nì fon grèin a'bualachadh oirnn thar ar comas a ghiùlan.

Chuck

graisg
Beiträge: 214
Registriert: Mi Mär 24, 2004 2:40 pm
Kontaktdaten:

Beitragvon graisg » Mo Aug 14, 2006 11:23 am

Bha aiste aig Ruairidh MacIlleathain co-cheangailte ris a’ chuspair seo sa cholbh aige ‘AmPeursa’ an t-seachdain seo. Tha e a' toirt dhuinn a chuid feallsanachd a thaobh cogaidh agus cò a tha dèanamh airgid às.
http://www.inverness-courier.co.uk/news/fullstory.php/aid/638/Am_Peursa.html
An leabhar a bha 'too racy' dhaibh?

Reul Chearbach Air Chuairt

http://myweb.tiscali.co.uk/narann/thill.pdf



Agus blog ri fhaicinn aig:

http://inbhirnarann.blogspot.com/

melinuxfool
Beiträge: 7
Registriert: Di Okt 07, 2008 10:21 pm

Beitragvon melinuxfool » Do Okt 16, 2008 4:27 am

Chan eil mi a' smaoineachad gum faic sinn sìth ann's an ròinn seo nuair a bhios sinn beò. Tha Israel agus a nàbaidhean air sabaid o chionn glè fhada.

Tha Israel agus na h-Arabaich a' creidsinn gu bheil iad clann Abraham... oir tha an t-ainm aige sgrìobhte anns a' Bhiobail agus anns a' Choràn. Ma bhios an dà ceart, bidh iad mar bràithrean, nach bi? Na dh'fheuch sibh a-riamh a chur stad air sabaid eadar dà bhràthair? Chan eil sin furasta nuair a bhios dìreach , agus cò mheud duine a tha a' fuireach ann an Israel agus anns na dùthchanan Arabach?

Tha mi a' smaoineachadh gur e "Am bidh an sluagh a-riamh sìobhailichte gu leòr airson cur stad air a h-uile cogadh?" a cheist.

mona nicleoid hat geschrieben: Tha mi air mo shàrachadh leis an t-suidheachadh anns an t-saoghal. Dè ur beachdan? Am faigh Israel is na dùthchanan Arabach sìth idir? Am bi an t-eagal oirnn a-nis gach turas a thèid sinn a-steach itealan? Dè as urrainn dhuinn-se a dhèanamh co-dhiù?
Tha mi nam shuidhe an-seo, eadar dà bheachd. Tha mi toilichte le mo bheatha fhèin, tha mòran rudan inntinneach a' tachairt an-dràsda. Ach gach turas a leughas mi naidheachdan, bidh mi feargach. Carson a nì clann-daoine mearachdan a-rithist is a-rithist. Nach dh' fàs sinn glic às an eachdraidh idir? Agus an rud as lugha orm, na deasbadan "intellectual" air dè bu chòir do dh' Israel a dhèanamh agus dè nach bu chòir agus blablabla, agus sin uile bho daoine nach robh a-riamh ann, agus a tha nan suidhe gu comhfhurtail anns an cathair an-seo 'san Roinn-Eòrpa.
Mona


Zurück zu „polataigs“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast