Chaidh balla Bherlin a thogail ann an 13mh an Lunasdal 1961

fiosrachadh, gearan, deasbad
Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » So Aug 13, 2006 10:00 pm

..agus taing do Dhia chaidh a sgrios ann an 8mh an Samhain 1989.
Ach dìreach o chionn 45 bliadhna chaidh a thogail agus abair rud a bha seo! San oidhche mhìnich an DDR gur e crìochan na dùthcha a bhitheadh ann an crìochan eadar an sòn Rùiseach agus an fheadhainn aig na Stàitean Aonaichte, aig an Fhraing agus aig Breatann agus thog iad feans dìreach tro mheadhan baile Bherlin agus an uair sin balla cruaidh. Chaidh teaghlaichean a tarraing às a cheile, caraidean is fiù`s siostam nam pìoban uisge, dealain is gas.
Rud a bha gu math cunnartach sin stéisean nan tréanaichean Friedrichstraße. Tha deagh chuimhne agam gun robh dà phlatforms ann:
fear anns an Iar - an sin dh' fhaodadh tu trèana às an Iar a ghabhail is tionndadh gu trèana eile ach nam bitheadh tu air a' phlatform eile bhitheadh tu ann an dùthaich communach!
An aon rud leis na tréanaichean fo thalamh. Bha tréana ann a chaidh bho Dheis gu tuath ann am Berlin an Iar ach fon Ear. Bha cuid de na stèiseanan ann a bha fàlamh, dorch is dùinte, chitheadh tu saighdearan an Ear le gunna a' coimhead air na trèanaichean às an Iar a chaidh trompa gun stad gus an do stad iad ann am Friedrichstraße far am b` urrainn dhut tionndadh gu trèana eile a chaidh air ais dhan Iar - ach platform ceárr agsu bhitheadh tu ann an trèana gu Berlin an Ear - agus ann an dùthaich eile.
Gu fortanach tha sin seachad! Chaidh mu 125 duine a losgadh is a mharbhadh aig a' bhalla seo - dh' fheuch iad ri bhith teicheadh á siostam bruideal gun choirichean dhaoine sam bith. Sin an dearbh latha airson an cuimhneachadh!
Ach tha Queen's birthday parade annam Berlin seachad cuideachd. bhitheadh sin a` tachairt a h-uile bliadhna aig na saighdearan á Breatann a bhitheadh ann airson Berlin an Iar a dhìon.
Ach sin an saoghal - feumaidh sin dol gu Lunnainn airson sin fhaicinn
:)


Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

tearlach_alascanach
Beiträge: 35
Registriert: Mo Aug 07, 2006 4:55 am

Beitragvon tearlach_alascanach » Mo Aug 14, 2006 10:23 pm

'S inntinneach a tha sin a Mhìcheil. Cò roinn sa bha thusa a'fuireach tro na bliadhnaichean an sgaraidh? A bheil duine sam bith am bòrd comhraidh seo a bha a'fuireach ann an ceann an ear sna bliadhnaichean sin?

An robh ceangal sam bith na dà roinn na Gearmailt tro na bliadhnaichean, tha mi a'ciallachadh, an robh e ceadaichte muinntir na dhà roinn sgrìobhadh, chuir fòn neo deanamh cèilidh ri chèile ann an dòigh sam bith?

A bheil buaidh an sgaraidh fhathast ann? Ann an eagonamaidh neo ann an cultar an dhà sgìre?

Chuck


Zurück zu „polataigs“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast