cò-labhairt Nairobi air blàthachadh na cruinne

fiosrachadh, gearan, deasbad
Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Sa Nov 11, 2006 3:15 pm

Tha cò-labhairt air blàthachadh na cruinne a' dol ann an Nairobi an-dràsda - cuspair gu math cudthromach is connspaideach agus tha na meadhanan làn aithisgean dheth. Dè ur bheachd fhèin? Dè a' bhuaidh a bhitheas aig blàthachadh na cruinne air a' bheatha againne. Am bi cùisean ag atharrachadh gu mòr neo am faicear gun do thòisich sin mar-thà? Bu toil leam deasbaireachd air a' chuspair an-seo agus tha mi an dòchas gum bi mòran dhiubh a' gabhail pàirt ann.


Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Sleite
Beiträge: 1721
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Beitragvon Sleite » Sa Nov 11, 2006 4:11 pm

Tha mi a' smaoineachadh gum b'urrainn dhomh leabhar a sgrìobhadh air a' chuspair sin. Dè a' bhuaidh a bhitheas aig blàthachadh na cruinne air a' bheatha againne: is dòcha nach eil mòran. Bidh an dèidh a' leaghadh agus an uairsin is dòcha gum bi an tìr nas lugha agus bidh cuid de na h-eileanan an iar a' dol fodha. Ach tha mi fhìn a' faicinn gun tig cròn nas motha air beathaichean agus lusan. Tha sinne comasach ar beatha agus ar tecneolas atharrachadh gus am bi e freagarrach do gach suidheachadh. Ach bidh sinne a' call bòidhchead agus farsaingeachd nan creutairean eile.

Tha cuid ag ràdh gu bheil blàthachadh na cruinne nàdarrach agus gun robh e a' tachairt ann an eachdraidh na cruinne mar thà. Co-dhiù, tha e nas luaithe agus nas blàithe an turas seo agus tha mise dhen bheachd gum feumar rudeigin a dhèanamh. Thathar ag ràdh gu bheil e ro fhadalach co-dhiù, gu bheil duthchannan eile a' dèanamh barrachd cròn na sinne fhìn, ach co-dhiù, tha mi dhen bheachd gum bu chòr gach duine dèanamh nas urrainn dha. Chan eil e cho doirbh ri sin. Ach an rud a th' ann is gu bheil na companaidhean mòra dìreach a' paigheadh airgid gu leòr los gum faod iad dèanamh na thogras iad. Tha an aon rud a' tachairt leis na Stàitean Aonaichte (agus 's dòcha a' Ghearmailt cuideachd). Ach chan eil airgead a' cumail a' chruinne fuar, a bheil? Tha mi a' smaoineachadh gu bheil daoine còmasach gu leòr teicneolas sgoinneil a dhèanamh a bhiodh a' cuideachadh ach bidh daonnan aobhar ann gun a bhith a' togail an teicneolais ùr, gearrain aig companaidh air choireagan a bhiodh a' call airgid air sgàth 's nach cleachdadh daoine dealain no connadh gu leòr.

Sin gu leòr an-dràsta, ach is dòcha gun tig barrachd nam chuimhne a-màireach

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

tearlach_alascanach
Beiträge: 35
Registriert: Mo Aug 07, 2006 4:55 am

Beitragvon tearlach_alascanach » Di Nov 14, 2006 5:24 pm

Tha mise nam chabhag an-dràsda ach bu mhath leam meòrachadh air a'chuspair seo leibh. Nuair a bha sgioba na BBC an seo (ann an Juneau) se fear de na cuspairean air a bha sinn a-mach leis gu bheil fianais blathachadh na cruinne cho follaiseach an seo. Rinn iad mòran fiolmadh deth.

A chum nas fhaide...

Chuck

graisg
Beiträge: 214
Registriert: Mi Mär 24, 2004 2:40 pm
Kontaktdaten:

Beitragvon graisg » So Nov 19, 2006 2:02 pm

Tha an luchd-politigs ann a sheo a-mach air an àrainneachd. Chan eil iad a’ dhèanamh dad ach tha iad a-mach air an àrainneachd. An darna turas a chuala sin a leithid thàinig e bho Mhairead Thachter agus air sgath ‘s sin fhuair am partaidh Uaine 15% san tagadh eòrpach ach cha d’ fhuair ball sam bith dhiubh a-steach (cha robh siostam riochdachaidh co-roinneil’ againn aig an àm ud ann am Breatainn ma a bha e airson a h-uile dùthaich eile san taghadh eòrpach sin.)
Ok ma tha, iad a’ bruidhinn mu a dheidhinn agus tha mòran dhinn a’ cur stuth san bocsaicean ath-chuartachadh ach seall taobh thall an saoghal. Tha na h-Innseachan agus Sìne airson a gabhail pàirt aig an aon ìre coltach rinn. Nan robh càraichean aca mar a tha againn mar eisimpleir cha bhiodh mòran air fhàgail den t-saoghal. Ach fuireach mionaid de a tha iad a’ lorg, dhomhsa tha iad a’ sireadh an t-aon seòrsa mhearachdan a rinn sinn. Sa dhearbh madainn seo leugh mi rudeigin a tha a’ mìneachadh dè a tha dol air adhart san taobh an iar.

‘S e geàrr-chunntas a leugh mi co-cheangailte ri fear ris an canar Guy Debord agus tha mi an dòchas gun d’rinn mi eadar-theangachaidh math air.

‘Chan eil ann an daoine ach innealan den eaconamaidh, chan eil sealbh aca aig na miannan fhèin. Tha miannan air an cruthachadh dìreach mar a tha am bathar a tha ga chruthachadh airson na miannan ud a riarachadh. Tha sinn a’ caitheamh dìreach airson ar feumannan a choilionadh ach gun fhios dhuinn nach eil ann na tha sinn a’ coimhead air mar ‘feum’ ach rudeigin a tha air a dhèanamh mar bhreug.’

(chleachd an t-ùghdar ‘artificially’ ach chleachd mise breug na h-àite, chan eil mi a’ faicinn facal gàidhlig air a shon)

Co-dhiù chàirdean tha mi ag aontachadh gu mòr le sin agus cha bhi sinn a riamh a bhith a’ dèiligeadh leis na trioblaidean cunnartach a tha againn a thaobh an àrainneachd no dad sam bith eile gus am bi sin mar ghnè a’ toirt sùil air na tha ceàrr aig cnag na cùise an-diugh.

Ma dh’fhaoidte nach bi sibh ag aontachadh leum ach tha mise den bheachd na ann an a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig tha mi an sàs de rudeigin a tha pàirt den saoghal a tha againn an-diugh ach a tha aig an aon àm fhathast pìos beagan taobh a-muigh bhon mòran den mhearachdan. Chan eil mi cho gòraich ‘s a bhith a’ meòrachadh gum bi Ghàidhlig a’ sàbhaladh an cruinne-cè ach tha i gu dearbh dìreach aon de na rudan nach bu chòir dhuinn a bhith a sheachnadh. Ma thèid sinn air adhart ann a bhith a’ tilgeil a h-uile càil a tha àlainn dhan t-sitig chan eil àm ri teachd againn a bhios gu mòran feum idir.
An leabhar a bha 'too racy' dhaibh?
Reul Chearbach Air Chuairt
http://myweb.tiscali.co.uk/narann/thill.pdf

Agus blog ri fhaicinn aig:
http://inbhirnarann.blogspot.com/

caoimhinn
Beiträge: 28
Registriert: Fr Nov 17, 2006 3:56 am
Wohnort: Sruighlea, Schottland

Beitragvon caoimhinn » So Nov 19, 2006 3:51 pm

Faclan ghasgeil' gu dearbh. An do dh'fheuch thu riamh an larach-lion aig
Seoras Monbiot. Monbiot.com? Gun teagamh sabhailidh do ghaol air Gaidhlig an saoghal

Caoimhinn
's beannaicht' ar sinnsearachd uasal

graisg
Beiträge: 214
Registriert: Mi Mär 24, 2004 2:40 pm
Kontaktdaten:

Beitragvon graisg » So Nov 19, 2006 7:39 pm

Tapadh leat airson sin a bhalaich,
Tha mise fhathast a’ creidsinn gur e air oidhche Latha-Luain a tha sinn, chan eil mòran diofar ann bhon an latha a sgrìobh Barry McGuire an t-òran ud o chionn 40 bliadhna, uill tha Tesco’s mòr, mòr againn ann an Inbhir Nis agus tha e beagan nas blàithe, b’ ann an raoir a thuit mòran den dhuilleagan, Disathairne 18mh den t-Samhain 2006
Cùm sinn oirnn ge-tà, cùm sinn oirnn...

Code: Alles auswählen

 <object width="425" height="350"><param name="movie" value="http://www.youtube.com/v/Akoukq5DvAE"></param><param name="wmode" value="transparent"></param><embed src="http://www.youtube.com/v/Akoukq5DvAE" type="application/x-shockwave-flash" wmode="transparent" width="425" height="350"></embed></object>
An leabhar a bha 'too racy' dhaibh?

Reul Chearbach Air Chuairt

http://myweb.tiscali.co.uk/narann/thill.pdf



Agus blog ri fhaicinn aig:

http://inbhirnarann.blogspot.com/

tearlach_alascanach
Beiträge: 35
Registriert: Mo Aug 07, 2006 4:55 am

Beitragvon tearlach_alascanach » So Nov 19, 2006 7:56 pm

'S àbhaist dhomhsa a bhith rud beag amharasach nuair a bhios feadhainn a'cumail a-mach gu bheil crìoch an t-saoghail gu bhith ann, ge be an t-adhbhar as coireach. Ach bho a ghluais mi a Juneau far a bheil fianais blàthachaidh na cruinne cho soilleir, tha mi an-dràsda ag aontachadh gu bheil leithid ann.

Ach tha cèist eile ann. Dè a nì thu ro bhlàthachadh na cruinne? Chan eil fhios am. Ach tha mi rudeigin amharasach ri thaobh Co-dhunadh Kyoto airson na dearbh adhbharan air a rinn Graisg iomradh: Na h-Innseachan 's Sìne. Tha na eaconamaighean acasan a'fàs gu math luath. Mura bheil mi air mo mhealladh, chan fheudar dhaibh an cuid CO2 ('s eile) a ghearradh sìos. As an aonais, dè feum dhan àrainneachd? Bith gearraidhean a dheanadh na S.A. neo an Roinn Eòrpa ceart gu leòr. Ach ma dh'fhàsas CO2 bho thaobh Sìne 's na h-Innseachan nas luaithe a bheil feum sam bith ann an sin.

Chuck

caoimhinn
Beiträge: 28
Registriert: Fr Nov 17, 2006 3:56 am
Wohnort: Sruighlea, Schottland

Beitragvon caoimhinn » Mo Nov 20, 2006 3:15 am

Ah, 's cuimhne leam, a ghraisg, nuair a b'abhaist dhomh a'seinn Eve of
Destruction ann an Inbhir Nis (nuair a bha mi a'busgagh air na sraidean le caraid). 'S e aon dhe dh'orain as fhearr a thainig riamh as na 'hippie' laithean. 1965 , nach robh?

Sith 's gaol, duine

Caoimhinn
's beannaicht' ar sinnsearachd uasal

tearlach_alascanach
Beiträge: 35
Registriert: Mo Aug 07, 2006 4:55 am

Beitragvon tearlach_alascanach » Mo Nov 20, 2006 4:05 am

A Ghràisg, air cumhachdach a th'ann. Tapadh leat. Chuck

caoimhinn
Beiträge: 28
Registriert: Fr Nov 17, 2006 3:56 am
Wohnort: Sruighlea, Schottland

Beitragvon caoimhinn » Mo Nov 20, 2006 3:39 pm

A Ghraisg choir, nach robh an teacsa a dh'eadar-thengaich thu air a thoirt
bhon leabhar Society of the Spectacle. Thainig nam chuimhe cuid shluagh-ghairmean sgoinneil bhardail na Situationists mar 'fom cabhsair seo, traigh' !
Ca'bheil na h-anam-reubalaich la'n diugh nuair a bhios feum againn orra?
A h-uile fear a'caitheamh uine air beulaibh chompiutarean mar mhise, 's docha

Caoimhinn
's beannaicht' ar sinnsearachd uasal

graisg
Beiträge: 214
Registriert: Mi Mär 24, 2004 2:40 pm
Kontaktdaten:

Beitragvon graisg » Mo Nov 20, 2006 7:58 pm

Seadh ach leugh mi iomradh dheth ann an leabhar eile,
'fom cabhsair seo, traigh' !

Bha mi a-mach air cuspair co-ceangailte ris air mo bhlog agus fhuair mi an fhreagairt seo:
'Alasdair Dubh said...
Sous les pavés, la plage.

http://www.bopsecrets.org/French/graffiti.htm

Abair gaisgich an sin - cha faic sinn a leithid gu siorraidh. Tha ceangal eadar an 68 agus bàrd Gàidheal ainmeil. A bheil fhios aig duine sam bith cò am bàrd? '
Chan eil fhios agam cò am bard.
Seo na bha mise a-mach air
http://inbhirnarann.blogspot.com/2006/11/teintean-cheitein-1968.html

Mar sin leat an-d a charaid
An leabhar a bha 'too racy' dhaibh?

Reul Chearbach Air Chuairt

http://myweb.tiscali.co.uk/narann/thill.pdf



Agus blog ri fhaicinn aig:

http://inbhirnarann.blogspot.com/

caoimhinn
Beiträge: 28
Registriert: Fr Nov 17, 2006 3:56 am
Wohnort: Sruighlea, Schottland

Beitragvon caoimhinn » Mo Nov 20, 2006 8:32 pm

A Ghraisg, tha am fear a'cordadh rium fior mhath, 'Tha gaol agam ortsa!!! Abair le clachan-chabhsair e.'

Caoimhinn
's beannaicht' ar sinnsearachd uasal

graisg
Beiträge: 214
Registriert: Mi Mär 24, 2004 2:40 pm
Kontaktdaten:

Beitragvon graisg » Mo Nov 20, 2006 9:39 pm

Feumaidh mi aideachadh gun dèan tràigh Inbhir Narann a' chùis dhomhsa ge-tà, tha mise ro sheann a bhith a' togail na 'pavés' no fiù 's pinnt sna laithean seo. A feum air ar-a-mach nar inntinnean a h-uile neach-mathar againn mus do thog sinn na sràidean oirnn fhèin. Tha sinn às coireach, tha sinn a' draibhaidh caraichean, a' cleachdadh dealainn niuclasach....bocsa siabainn tighinn orm lol

Nach mise craicte ach tha mi a' cumail a mach gu bheil
' Mar as luaithe a bhios a' ghàidhlig a' dol a-steach
's ann as luaithe a dh' fhalbhas an cac.'
No rudeigin den leithid sin.

Ok ma tha sin agad e bhuamsa a-nochd bidh mi air ais aig an aon àm a-màireach. :)
An leabhar a bha 'too racy' dhaibh?

Reul Chearbach Air Chuairt

http://myweb.tiscali.co.uk/narann/thill.pdf



Agus blog ri fhaicinn aig:

http://inbhirnarann.blogspot.com/

tearlach_alascanach
Beiträge: 35
Registriert: Mo Aug 07, 2006 4:55 am

Beitragvon tearlach_alascanach » Mo Nov 20, 2006 11:27 pm

Sgrìobh Graisg: "Tha sinn às coireach, tha sinn a' draibhaidh caraichean, a' cleachdadh dealainn niuclasach...."

Ach ciamar a nì thu a'chùis air gasaichean a tha ag adhbhrachadh blàthachadh na cruinne (GBC) as aonais dealainn niùicleasach? Ma dh'fheumas tu na GBC a ghearradh sìos 's mura bheil e ceadachte dealainn niùicleasach a chleachdadh, dè a tha romhainn ach bochdain? 'S dhomhsa, 's droch bhuaidh a th'aig bochdain air an àrainneachd. Chan àbhaist do dhaoine bochd cus for a thoirt dhan àrainneachd.

Chuck

graisg
Beiträge: 214
Registriert: Mi Mär 24, 2004 2:40 pm
Kontaktdaten:

Beitragvon graisg » Di Nov 21, 2006 3:25 pm

Tha aisling agam Chuc, agus chan eil cumhachd niucliasach pàirt dheth. Dhomhsa, ged’s a tha mi a’ faicinn carson a tha e co tarraingeach an-diugh, the e dìreach mar uilbheist eile. Sa bhascaid de trioblaidean a tha romhainn, ‘s e sin aon den ughan nas motha na broinn.

Chan eil freagairtean agam Chuc direach ceistean eile. Feumaidh mi aideachadh ge-tà nam robh am Partaidh Uaine os cionn a h-uile càil ma dh’fhaoidte bhiodh iadsan nas miosa na Pol Pot mura robh iad faiceallach.

Tha e a’ còrdadh rium a bhith deasbaid riut a charaid, cùm ort.
An leabhar a bha 'too racy' dhaibh?

Reul Chearbach Air Chuairt

http://myweb.tiscali.co.uk/narann/thill.pdf



Agus blog ri fhaicinn aig:

http://inbhirnarann.blogspot.com/


Zurück zu „polataigs“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast