50 bliadhna a dh' aois

fiosrachadh, gearan, deasbad
Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Fr Mär 23, 2007 9:45 pm

Tha an t-Aonadh Eòrpach 50 bliadhna a dh 'aois sna làithean-sa.
Tha mòran a' gearan gur e buidhean a th' ann airson nan dùthchannan a cheannsachadh agus e gun a bhith deamocratach.
Tha cuid eile ga mholadh agus ag ràdh gur ann a tha e feumail agus a' toirt cothrom dhuinn a bhith beò ann an sìth cho fada na bha riamh roimhe anns an Roinn Eòrpa.

Cuspair connspaideach a-réir coltais. Dè ur beachd air an Aonadh Eòrpach?
Meal a naidheachd - neo taigh na galla dha...!?!


Mìcheal
a' dèanamh fiùghair ri deasbad inntinneach fainear dhuinn.
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Fr Mär 23, 2007 11:01 pm

Tha mi a' smaoineachadh gur e rud uabhasach feumail agus cudthromach a tha anns an Aonadh Eòrpach. Tha na dùthchanan anns an Roinn Eòrpa uile eadar-dhealaichte, ach tha ceangail eadarainn cuideachd, ann an polataics, eachdraidh, gnìomhachas, anns a' chultar agus anns na h-ealanan, a.m.s.a.a.
Tha e math dhuinn a bhith làidir còmhla, agus tha mòran cheistean cudthromach no trioblaidean cudthromach anns an t-saoghal, m.e. cogaidhean, terrorism (? dhìochuimhnich mi am facal Gàidhlig), an àrainneachd, agus feumaidh an Roinn Eòrpa a bhruidhinn le guth làidir.

Ach tha mi dhen bheachd gun tèid cus airgid a thilgeil a-mach anns an Aonadh Eòrpach airson rudan nach eil cho feumail, no gum bi airgead dìreach a' falbh àiteigin air an t-slighe.

Uill, sin mo bheachd an-dràsda. Bu toigh leam beachdan eile a leughadh.
Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Fr Mär 23, 2007 11:33 pm

ceannarcas - Terrorismus

Mìcheal :)



Tha mise mi fhìn a' smaoineachadh gum bu chòir dhan choimisean a bhith air a thaghadh gu deamocratach leis a' pharlamaid ann an Straßburg seach gun tèid na buill a chur dhan Bhruiseal le riaghaltasan nan dùthchannan.
Bhitheadh e na b' fhèarr nam bitheadh barrachd cumhachd aig a' pharlamaid.

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Sa Mär 24, 2007 10:30 am

'S toil leam an t-Aonadh Eòrpach. Is urrainn dhomh siubhal gu furasda, agus b' urrainn dhomh dol dhan oilthigh ann an Portagal leis. Tha e cuthromach gum bi an sluagh a' bruidhinn ri chèile gun chogaidh.

Tha mi a' smaoineachadh uaireannan co-dhiù gu bheil cus biùrocrasaidh agus righailtean craicte ann.
'S e saoghal a th' anns gach cànan

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Sa Mär 24, 2007 10:39 am

A Mhìcheil,
tha thu ceart, bhitheadh sin na b' fheàrr. Agus tha e coltach gu bheil mòran daoine dhen bheachd nach tha ceangal sam bith eatorra agus an t-Aonadh Eòrpach. Cha bhi mòran a' gabhal pàirt anns na taghaidhean airson a' Pharlamaid Eòrpach.
Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~


Zurück zu „polataigs“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast