facail fhìrinneach mu staid na Gàidhlig san h-eileannan

fiosrachadh, gearan, deasbad
Isbeal
Beiträge: 1018
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » Do Mär 06, 2008 9:39 pm

Chan eil mi an còmhnaidh ag aontachadh le Aoghnais (leughaidh mi na h-airtigailean aige anns an WHPF gu trice - le faclair ;) ), ach feumaidh mi an còmhnaidh luach a chur air an doigh air a bhios e a bheachdan a chur air cèill! :)



Ach a dh' aindeoin cuan mòr na Beurla, 's
d' fhiach daonnan cuimhneachadh gu bheil
dà-chànanas (gu dearbha iomadh-chànanas)
nas "nàdarra" no co-dhiù nas àbhaistiche air
feadh an t-saoghail mhòir na tha aonchànanas


'S e seo a bhios mise fhìn ag ràdh o chionn fhada fhada!

(Ach nach bhios cho grinn... :P )

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Do Mär 06, 2008 9:43 pm

Tha sin fìor gun teagamh! Bidh mise ag innse sin do na sgoilearan agam gach latha, na deugairean a tha gu tric ro leisg agus dhen bheachd nach dèan cànanan cèin feum idir, gur e dìreach cuspairean sgoile a tha annta. Agus cuideachd do na deugairean a tha nan seasamh eadar dà chultar, agus a' faireachdainn mi-chinnteach cò iad is càit a bheil iad - feuchaidh mi ri innse dhaibh gu bheil luach mòr anns an dà chànan is dà chultar a tha aca bho thùs.
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

graisg
Beiträge: 214
Registriert: Mi Mär 24, 2004 2:40 pm
Kontaktdaten:

Beitragvon graisg » Fr Mär 07, 2008 11:19 am

'Sin carson 's a dh' fheumas Calpachas a
h-uile nì a tha na rathad a shlugadh sìos:'

Gu h-àiridh an seòrsa calpachas a tha na rian fhèin an-duigh, 's e sin ri ràdh globalisation. Dhomhsa 's e sin a tha ag adhbharadh mòran trioblaidean, fiù 's cultar na neds a bha cuideigin a mach air ann a sheo.

Seo ciamar a tha mise a' faicinn feallsanachd globalisation:

'Mura bheil cothrom agad cliù, cumhachd no airgead faighainn às dean mùin air agus èigh 'Globalisation gu bràth!' aig àrd do chlaigeann agus 's ann mar sin, a Ghrasshopper, a gheibh thu beairteas.'
An leabhar a bha 'too racy' dhaibh?
Reul Chearbach Air Chuairt
http://myweb.tiscali.co.uk/narann/thill.pdf

Agus blog ri fhaicinn aig:
http://inbhirnarann.blogspot.com/

Isbeal
Beiträge: 1018
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » Di Mär 11, 2008 3:00 am

Colbh inntinneach eile le 'Am Peursa':

http://www.inverness-courier.co.uk/news/fullstory.php/aid/5359/Am_Peursa.html


.............Thug e (Alasdair MhicCaluim) leabhar a-mach o chionn ghoirid a tha stèidhichte air an tràchdas PhD aige anns an tug e sùil mhionaideach air suidheachadh luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Tha "Reversing Language Shift: The Social Identity and Role of Scottish Gaelic Learners" air fhoillseachadh le Cló Ollscoil na Banríona ann am Beal Feirste agus bu chòir do dhuine sam bith a tha an sàs ann an leasachadh na Gàidhlig aig ìre phroifeiseanta a leughadh.................

........Tha saoghal na Gàidhlig feumach air an dà chuid — fileantaich dhùthchasach agus luchd-ionnsachaidh.................

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Di Mär 11, 2008 11:01 am

Leugh mi aiste le Alasdair MacCaluim ann an "Revitalising Gaelic in Scotland", leabhar a chaidh deasachadh le Wilson MacLeòid.
Bha an aiste sin mu dheidhinn luchd-ionnsachaidh cuideachd, agus ràinig Alasdair an co-dhùnadh nach eil luchd-ionnsachaidh gu leòr ann idir a bhitheas fileanta uaireigin, o chionn 's nach eil na dòighean-teagaisg freagarrach.

Chanainn-sa nach deànadh e diofar nam bitheadh na dòighean nas fheàrr: Chan eil mòr-chuid an luchd-ionnsachaidh ag iarraidh a bhith fileanta, nam bheachd-sa. Tòisichidh mòran dìreach airson spòrs, agus tha iad trang le rudan eile nam beatha, chan eil iad ag iarraidh tòrr obrach a chur a-steach dhan Ghàidhlig. Bidh tòrr daoine a' toiseachadh a-rithist 's a-rithist, agus cha deàn iad adhartas idir. Agus uaireigin bidh iad a' coimhead air an airgead a tha iad air cur a-steach dhan chur-seachad sin agus bidh iad a' smaoineachadh nach fiach e tuilleadh.

Dè na daoine a dh' fhàsas fileanta? Bhon fheadhainn ris a thachair mise, chanainn-sa: Sin daoine a bha ag ionnsachadh Gàidhlig aig an oilthigh, no daoine an sàs le buidhnean Gàidhlig, no daoine a chur tòrr obrach dhan chànan dìreach bhon tòiseach, agus gu tric is iad-san daoine a tha math air cànanan co-dhiù.
Rud a tha cudthromach: Chan eil mòran daoine aig a bheil Gàidhlig bho thùs cho cleachdte ri luchd-ionnsachaidh, agus ma tha iad a' faicinn gu bheil duilgheadas aig cuideigin, 's fheàrr leotha bruidhinn 'sa Bheurla. Mar sin, feumaidh neach-ionnsachaidh a bhith aig ìre gu math adhartach mus bi cothrom ann conaltradh a dhèanamh còmhla ri luchd na Gàidhlig, gu h-àraidh leis na daoine aig a bheil dual-chainnt làidir.

Cha chreid mi gun dèan mòr-chuid an luchd-ionnsachaidh buaidh làidir ann an saoghal na Gàidhlig a-riamh. Ach is truagh gu bheil mòr-chuid an airgid a' dol do chùrsaichean toiseachaidh, agus chan eil mòran ann idir do luchd-ionnsachaidh adhartaich, seach foghlam làn-thìde aig na oilthighean.
Tha rudan coltach ri "Cùrsa Inntrigidh" a dhìth, aig ìre nas àirde, gus luchd-ionnsachaidh aig ìre meadhanach no adhartach a chur gu fileantachd.
Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Di Mär 11, 2008 11:58 am

Ach ma chuireas tu cùrsa ldo dh' fhileantaich neo cùrsa comhraidh air cois cha tig iad oir tha iad den bheachd gu bheil Gàidhlig gu leòr aca. Agus sin an aon rud an seo sa Ghearmailt neo an Alba.
Tha cothroman Gàidhlig ionnsachadh cho math na bha iad riamh ach b' fheàrr le mòran gun tachradh an cùrsa anns an t-seòmar-shuidhe aca fhèin agus sin saor 's an asgaidh. A bharrachd air an sin tha mi ag aontachadh gu tùr le Mòna.
Tha mise an sàs le bhith a' teasgasg a-niste airson gu bhith 10 bliadhna agus bhon a chì mise cha dèan ach 5 às a' cheud adhartas gu ìre fileantachd. An latha bidh aid ag ionnsachadh Gàidhlig agus latha eile bith iad ag ionnsachadh dannsa bollywood.
Agus rud a tha bunaiteach nam bheachd-sa: Chan fhiach e Gàidhlig ionnsachadh air sgàth 's gu bheilear airson ruith air falbh bhon chultar agad fhèin neo airson rud fhaighinn a thathar ag ionndrainn ann am beatha. Feumaidh an cuid ionnsachaidh a bhith freumhaichte ann am beatha dhaoine mar rud prìseil, sònraichte a chuireas ri beartas culturach an luchd-ionsachaidh. Chan e ersatz culturach romansach a tha anns a' Ghàidhlig.
Bhiodh tòrr abharrachd agam ri ràdh air a' chùis seo ach feumaidh mi obair a-niste

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Di Mär 11, 2008 2:42 pm

Hmm, cùrsa anns an t-seòmar-shuidhe agam... deagh bheachd. Agus saor 's an asgaidh, gu dearbh fhèin. Gheibh thu Bergische Waffeln, agus tha uisge-beatha gu leòr ann cuideachd 8-)

Ach air ais dhan chuspair: Tha mi cinnteach gu bheil saoghal na Gàidhlig feumach air luchd-ionnsachaidh, ann an dòigh. Nach e rud nadurrach a tha ann? Bidh daoine ag ionnsachadh Beurla, Germailtis, Spàinntis, Fraingis, Nirribhis, a.m.s.a.a. Tha tòrr beachdan neònach mu dheidhinn nan cànanan Ceilteach ann - gu bheil iad uabhasach doirbh, nach urrainn do dhuine sam bith an ionnsachadh, gu bheil iad dìomhair, rùnach, neònach, gum feumar "fuil Cheilteach" gus an ionnsachadh. Ach 's e cànanan àbhaisteach an Roinn-Eòrpa a tha annta, agus tha ùidh aig daoine annta, airson iomadh adhbhar.
Tha fhathast Gaidheil ann nach do thachair ri luchd-ionnsachaidh a-riamh, no air a bheil iongnadh mòr nuair a thachras iad ri cuideigin a tha a' bruidhinn Gàidhlig le blàs cèin. Ach dh' innis daoine ann an Tiriodh agus ann an Leòdhas dhomh, mar eisimpleir, dè cho inntinneach a tha e don chloinne aca luchd-turais le beagan Gàidhlig fhaicinn - tha sin a' toirt misneachd do na daoine òga.
Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

tearlach_alascanach
Beiträge: 35
Registriert: Mo Aug 07, 2006 4:55 am

Beitragvon tearlach_alascanach » Di Mär 18, 2008 7:10 am

Chan eil mi cho cinnteach. Nuair a bha mise ann an Alba, thachair mi mòran aig an robh Gàidhlig 's chuir e iongnadh orm an uiread a dh'ionnsaich an cuid Gàidhlig. A reir na chunnaic mise, tha buaidh mhòr aig na luchd-ionnsachaidh mar tha. Chuireadh e iongnadh oirbh an fheadhainn a tha aithnichte mar luchd-labhairt na Gàidhlig a dh'ionnsaich an cuid Gàidhlig.

Ach gu mi-fhortanach, mar a thuirt Mona, bith cuid mhòr de luchd-ionnsachaidh dìreach a' deileigeadh ann rud beag, a'faighinn blasad dhith 's an uairsin bith iad ga fàgail air an darna taobh. Bith mise a' faicinn an dearbh rud ann an Juneau. Gu ruige seo, tha còrr 's fichead air a bhith agam air an robh ùidh Gàidhlig ionnsachadh. Chan eil agam a-nis ach triùir.

'S docha gun can feadhainn gur mise fear an fheadhainn a tha math air cànanan ionnsachadh ach chan eil mi cinnteach. Tha dòighean ionnsachadh ann. Na luchd-ionnsachaidh a th' air a bhith agam, san fharsaighneachd cha toir iad buill sùla air a' chànan seach sa chùrsa agam. Ciamar a dh' ionnsaicheas tu cànan mar seo? An aon tè a tha a' deanamh adhartas, bith i ag èisteachd 's leughadh taobh a-staidh a'chùrsa agam agus 's urrainn dhinn criomagan de chomhradh a dheanamh.

Chuck

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Di Mär 18, 2008 12:02 pm

Ach gu mi-fhortanach, mar a thuirt Mona, bith cuid mhòr de luchd-ionnsachaidh dìreach a' deileigeadh ann rud beag, a'faighinn blasad dhith 's an uairsin bith iad ga fàgail air an darna taobh. Bith mise a' faicinn an dearbh rud ann an Juneau. Gu ruige seo, tha còrr 's fichead air a bhith agam air an robh ùidh Gàidhlig ionnsachadh. Chan eil agam a-nis ach triùir.

'S e mar sin a tha e leis gach cànan, saoilidh mise. Nuair a thòisich mi air Portagailis ionnsachadh aig an oilthigh, bha an seòmar làn de còig daoine air fhichead 's tuilleadh air feadh a' chiad semester. An darna semester, cha robh ach deichnear againne, agus an treas cha do mhàir ach triùir.
'S e saoghal a th' anns gach cànan

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Di Mär 18, 2008 3:17 pm

Feumaidh gu bheil thu ceart. Tha mi a' faicinn an aon rud aig an oilthigh. Chan ann le cànanan a-mhàin - tha e coltach ri sin le gach cuspair. Tòisichidh tòrr oileanach ùr gach bliadhna, agus bidh mòran air falbh as-dèidh greis... tha e an còmhnaidh inntinneach cò thilleas as-dèidh saor-laithean na Nollaige ;)
Co-dhiù, is dòcha nach eil sin cho cudthromach 'san fharsaingeachd, ach le Gàidhlig (no mìon-chànanan eile) tha e rud beag eadar-dhealaichte, o chionn 's gu bheil daoine ann a tha a' coimhead air luchd-ionnsachaidh le dòchas mòr. Agus gu tric tha an luchd-teagaisg (agus an luchd-ionnsachaidh aig ìre adhartach) a' cur tòrr obrach dhan chànan seo, o chionn 's gu bheil e cudthromach dhaibh, agus mar sin tha iad mi-thoilichte mura bheil e cho cudthromach do dhaoine eile.
Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Mi Mär 19, 2008 9:17 am

Seadh, tha an luchd-ionnsachaidh nas cudromaiche airson nan mìon-chànanan na airson nan cànanan mòra.

Barrachd air sin, tha e comasach gum bi e nas doirbhe clasaichean faisg ort fhaighinn no cothroman airson cabadaich no èisdeachd ris a' chànan. Thèid luchd-ionnsachadh air ar call air an adhbhar sin gun teagamh. Dh'fhàs a h-uile rud mòran nas fhasa leis an eadar-lìn, ach chan eil an aon rud mar clasaichean le deagh thidsear a th' ann.

Tusa is mise, dh'ionnsaich sin cànanachas aig an oilthigh agus bha sinn ioma-chànanach mu thràth. Bidh an cuid ionnsachaidh mòran nas doirbhe airson an luch cumanta, gu h-àraidh mura bhios cothrom aca airson dol gu clasaichean gach seachdain.
'S e saoghal a th' anns gach cànan


Zurück zu „polataigs“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast