Seite 1 von 1

Ioma-chànanas ann an Uibhist

Verfasst: Di Aug 27, 2013 5:08 pm
von Gordon Wells
Ged a tha Uibhist (far a bheil mi a' fuireach) ioma-chànanach, tha mi duilich nach urrainn dhomh seo a sgrìobhadh sa Ghearmailtis. Tha mi an dòchas gun dèan a' Ghàidhlig a' chùis...

Co-dhiù, a bheil duine sam bith an seo a dh'innseas do luchd-leantainn Guthan nan Eilean air Facebook an t-ainm ("шесии лексии") a th' air an ròn a tha seo, le speiligeadh Gàidhlig seach Rùisis? ;-)

Bild

Mura h-eil comas leughaidh ann an Rùisis agaibh, tha sin ceart gu leòr. Cluinnear na thathas ag ràdh an seo: http://alturl.com/qqnnt

Tha 939 luchd-leantainn aig Guthan nan Eilean an seo - https://www.facebook.com/GuthanVoices - ach chan eil sgeul air freagairt fhathast...

Nach toir cuideigin an seo fios dhaibh? :)

Gach deagh dhùrachd,

Gordon