Seite 1 von 1

Dè am parfume a chleachdas tu?

Verfasst: Sa Mär 06, 2010 12:37 pm
von Micheal
Dh'fheuch mi parfume ùr - Davidoff-Adventure. Tha e ceart gu leòr ma tha thu ag obair sa chidsin agus ma dh'fheumas tu fàidhleadh eile ort ach cha chleachdainn e aig àmanan eile. Diesel nan Sìursach mar a chanas sinn an-seo:-)
Ach is toil leam Chanel Anteus. Neo an e Chan eil Anteus an t-ainm a th' air?

Mìcheal

Verfasst: Sa Mär 06, 2010 5:48 pm
von Catriona
Cha toil leam Davidoff - Adventure cuideachd. Ach gu mì-fhortanach chan e aithne dhomh air Chanel Anteus ged a tha mi cinnteach gum bidh e nas fheàrr na Davidoff - Adventure.
Is fheàrr leamsa Thé Vert - neo Tì uaine ???

Caitrìona

Verfasst: Mo Mär 08, 2010 11:46 am
von Sleite
Bu toil leam Davidoff adventure nuair a bha mi san sgoil fhathast. Tha mi smaoineachadh gun do chleachd mi e fiù 's mi fhìn. An uair sin bha mi uabhasach measail air rudeigin aig banacharaid ach nuair a chuir mi e ormsa bha e dìreach grannda. A-nis is toil leam gu mòr "Green Tea" le Elizabeth Arden. Ach gach turas a chunnaic mi bha mi ro theann leis an airgead gus nach do cheannaich mi e. Aon latha is dòcha. Chan eil perfume cudromach dhomh, ach uaireannan bhiodh e snog.

Slèite

Verfasst: Mo Mär 08, 2010 6:19 pm
von Catriona
@ Slèite

nach eil sin èibhinn gur toil leat "Green Tea" is gur toil leamsa "Thé Vert".
'S e aon chiall aig na h-ainmean Beurla is Frangais.

:D Caitrìona

Verfasst: Di Mär 09, 2010 1:18 pm
von Micheal
Uill, dh'fheuch mi Strellson an-diugh ach chan eil mi cinnteach - is e parfume samhraidh a th' ann, tha mi a' smoineachadh agus tha e ro fhuar fhathast.


Mìcheal

Verfasst: Di Mär 09, 2010 6:45 pm
von Sleite
An e an aon pherfume a th' ann an Thé Vert agus Green Tea?
Sléite

Verfasst: Di Mär 09, 2010 11:46 pm
von Catriona
@ Slèite
Chan e an aon pharfume:
Tha Thé vert le Yves Rocher agus ged nach eil e daor idir 's toil leam e gu mòr. :wink:
Caitrìona

Verfasst: Mi Mär 10, 2010 12:07 am
von Sleite
Cha do cheannaich mi "Green Tea" riamh air sgàth 's gun robh e an-còmhnaidh cho daor aig a' phort-adhar (sin an aon àite a théid mi a-staeach bùitean mar sin), ach chunnaic mi a-nis gu bheil iad mu leth phris aig Amazon.... Ach tha diofar sheòrsaichena ann agus chan eil cuimhn' agam cò am fear a bh' ann. Ach tha fhios agam gun ro dh'fheuch mi seòrsa eile aon turas agus cha do chòrd e rium. Ach an uair sin tha Au de toilette, au de parfum agus 100 rud eile ann.... CUIDICH! (tha mi a' smaoineachadh gu bheil fhios agam dè an seòrsa ... dìreach an "original" mar a chanas iad.
Slèite