Pàra Shanndaidh

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Pàra Shanndaidh

Beitragvon An Gille Donn » Do Dez 03, 2009 10:26 pm

A Chàirdean,

canadh gach uile duine na thogras e, ach cha ghabh àicheadh nach buineadh sgeulachdan Nèill Rothaich (1863-1930) mu Phàra Shanndaidh an sgiobair do dhualchas nan Gàidheal ged is ann anns a' Bheurla a chaidh an sgrìobhadh. Aig deireadh an latha, is e cuspair Gàidhealach a th' anns na pufairean, buinnidh 'ad do dhualchas mhara nan Gàidheal agus nan Gall còmhla: VIC 72 'Vital Spark' Agus cò a bhitheadh ag àicheadh gum buin nobhailean Beurla Iain Mhic a' Ghobhainn do litreachas nan Gàidheal, ged nach ann buileach do litreachas na Gàidhlig a bhuineas iad ? Is ann mu chuspairean Gàidhealach a bhitheadh Iain Mac a' Ghobhainn a' sgrìobhadh, cuideachd. Ach tha mi a' seòladh air falbh on phrìomh-chuspair.

Is e Gàidheal a bh' ann am Pàra Shanndaidh, no Pàdruig Mac Phàrlain mar a bhitheadh air mar ainm is sloinneadh foirmeil a rèir Nèill Rothaich, no 'Uisdean Fòlais' mar a chuireadh e fhèin air mar ùghdar nan sgeulachdan èibhinn seo. Ach chan ann a-mhàin air na sgeulachdan a tha mi a mach, is e na fiolmaichean a chaidh a dhèanamh dheth a tha fainear dhomh. Ann an 1959-60, chaidh a' chiad sreath a chraoladh, le Donnchadh Mac Rath mar Phàra Shanndaidh, Rodaidh Mac Mhaolain mar Dhùghaidh am meite agus Iain Mac an Àiteir (Grieve) mar Dhan Mac Phàil. Bha Donnchadh Mac Rath ainmeil cheana o fhiolmaichean eile a bhuineas don Ghàidhealtachd mar Whisky Galore agus I know where I'm going. Chan eil mi buileach cinnteach an robh Gàidhlig aige o thùs, ach tha mi beagan na 's cinntiche a thaobh Rodaidh Mac Mhaolain (1923-79), oir is ann às na Hearadh a bha a phàrantan mar a tha e sgrìobhte an seo. Agus cluinnear a bhlas Gàidhealach na chuid Beurla anns na fiolmaichean seo. An uair a ghabh Rodaidh còir thairis o Dhonnchadh mar Phàra Shanndaidh anns an t-sreath ùr The Vital Spark ann an 1965-76, chualas fiù Gàidhlig ga bruidhinn air uairibh anns na còmhraidhean (leithid "Slàinte a' sgiobair !" - "Slàinte a' Mhinisteir !" amsaa.). Agus fiù anns an t-sreath as ùire ann an 1994 chualas Gàidhlig ged nach e Gàidheal a bh' ann an Griogair Fisher a bha na Phàra Shanndaidh aig an àm sin, m.e. anns an tachartas nuair a bha Pàra Shanndaidh is a sgioba gan lorg mar fhrìth-mheirlich (poitsearan), bha searmon Gàidhlig ri chluinntinn aig tiodhlacadh. Turas eile, sheòl an sgioba gu bainis ann am Barraigh...

Nise, fhuair mi cuid de na sean-fhiolman seo air IùTiùb :wink: , agus bu mhiann leam an cur air CD no DVD gus an sealltainn don chlas agam on a tha sinn an ceartuair a' tarraing dlùth air làithean na Nollaige, ach chan eil fhios agam ciamar a ghabhas sin a dhèanamh agus an gabh a dhèanamh idir. Cò agaibh tha fios air a leithid seo de rud, agus cò a bheireadh comhairle dhomh ma tha ? Bhithinn fada nur comain.

Dùrachdan,

Acsail Òg

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Fr Dez 04, 2009 10:31 am

Feuch am prògram seo: http://www.dvdvideosoft.com/
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Isbeal
Beiträge: 1018
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » So Dez 06, 2009 12:56 am

Tha mi eòlach air an trì sreathan, agus tha iad uile math.

A Mhìcheil,
dè mu dheidhinn aon eisimpleir de gach sreath mar fheasgar sònraichte airson FilmAlba 2011? Tha iad uabhasach èibhinn is snog ach gu math cùltarach cuideachd; 's e dòigh-bheatha Gàidhdhealach a tha iad a' mìneachadh is a tha air a toirt tuaraisgeul, agus an cànan Gàidhlig a th' an lathair air cùl na Beurla Gàidhealaich.

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

DVD Pàra Shanndaidh

Beitragvon An Gille Donn » Di Dez 22, 2009 7:38 pm

A NCT chòir,

gun robh mìle math agad airson do chuideachaidh - fhuair mi grèim air dvdvideosoft agus shoirbhich leam. Abair deagh-bhathair bog ! Agus abair deagh-spòrs ! Is ann a chòrd am bhideo rim' chuid daltaichean ! :D

Bha deagh-cheòl againn cuideachd - fhuair mi sean-chlàraidhean ceòl dùthchasach Cheap Breatuinn o na 1920an air adhart air http://www.archive.org, agus òrain Eàirrdsidh Ghrannd...cha chluinn mi ach tà-rà-rà... :wink:

Nollaig chridheil agus bliadhna mhath ùr dhuit, agus dhuibh uile,

Acsail Òg


Zurück zu „spòrs is fealla-dhà“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast