ball-coise

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

ball-coise

Beitragvon Micheal » Sa Jun 07, 2008 2:01 pm

Tha sinn ann an bun-sgoil ann an Sasainn. Tha an tidsear a' faighneachd den chloinn dè an obair a tha aig na h-aithrichean.

"Innis dhomh, Billy, dè an obair a tha aig d' athair?"
Billy: 'S e dotair a th' ann. Ma bhitheas mi tinn cuidichidh e mi."
Glè mhath Billy, agus dè an obair a tha aig d' athair-sa, A Dhaibhidh?
Dàibhidh: Tha m' athair ag obair aig British Telecom.
Math dha-rìreabh, agus a Sheumas, innis dhomh, dè an obair a tha aig d' athair?
Seumas: 'S e dannsair ruisgte a tha' ann am bar co-sheòrsach!

Tosd agus fois, chluinneadh tu snathad a thuiteam agus tha an tidsear a' gluasad do matamataigs sa bhad.

Às dèidh a' chlas agus a' chlann airson an seòmar fhàgail tha i a' feitheamh ri Seumas.

Tidsear: Innis dhomh a bhalaich, an e an fhìrinn a tha seo, dannsair ruisgte ann am bàr co-sheòrsach a tha anns d' athair?!

Seumas: Chan e buileach, tha e a' cluich anns an sgioba ball-coise nàiseanta againn ach bha eagal orm innse dhuibh cho tàmailteach agus a tha seo.


Mìcheal :twisted:
Zuletzt geändert von Micheal am Sa Jun 07, 2008 9:56 pm, insgesamt 1-mal geändert.
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Catriona
Beiträge: 640
Registriert: Do Jan 12, 2006 5:51 pm
Wohnort: Essen

Beitragvon Catriona » Sa Jun 07, 2008 9:12 pm

Fealla-dhà math a bha seo! :lol:

Caitrìona

Sleite
Beiträge: 1721
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Beitragvon Sleite » Mi Jun 11, 2008 4:57 pm

huaaaaa haaa haaa haaaa haaaaa!!!!! :lol:
Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

sgeulachd èibhinn eile

Beitragvon An Gille Donn » Mi Jun 11, 2008 9:33 pm

Thachair dithist bodach ri chèile as dèidh grunn bliadhnaichean, is iad nan sean-chàirdean. Chaidh iad gu taigh-seinnse airson stop no dhà.

Ars' Teàrlach Eòghan: "Uill, uill, a bhalaich, ciod e do chor ?"

Ars' Ailig Dan: "O, uill, deagh-chor, ceart gu leòr."

T.E.: "'S ciamar a tha do bhean ?"

A.D.: "Shiùbhail i." (Chaochail i, ann an ceàrnaidhean eile).

T.E.: "O, an do shiùbhail ? Tha mi duilich sin a chluinntinn - ciod an aois a bha i ?"

A.D.: "Còig bliadhna is trì-fhichead."

T.E.: "Obh, o bhobh, an truaghag bhochd. An do dh' fhuiling i fada ?"

A.D.: "Còig bliadhna is trì-fhichead." :twisted:

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Mi Jun 11, 2008 9:49 pm

sin thu fhèin!!!


Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Do Jun 12, 2008 9:19 am

:lol: :twisted:

Tha Gearmailteach a' coiseachd tro Lunnainn le pìos pàipear beag na làimh. Tha seòladh sgrìobhte air a' phaipear. Tha e a' tachairt ri Sassanach air an t-sràid is a' sealltainn a' phàipeir ris is ga fhaighnich:

"Gabhaibh mo leisgeul, ach ciamar a dh' fhuaimhneachas mi an t-ainm seo?"

An dèidh sùil a thoirt air a' phaipear gu mionaideach, ars esan:

"Tha mi duilich, ach chan aithne dhomh am balach siud nas motha!"
'S e saoghal a th' anns gach cànan

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

siùbhal is caochladh

Beitragvon An Gille Donn » Do Jun 12, 2008 6:17 pm

On a dh' ainmich mi 'siùbhal', is e a' ciallachadh 'caochladh/ bàsachadh' ann am feadhainn ceàrnaidhean de dh' Earra-Ghàidheal - tha e follaiseach gum faighear sgeulachdan èibhinn mu dhèidhinn sin, cuideachd:

Thachair Eachann Tirisdeach ri Uisdean Leòdhasach anns an Òban, is iad a' gabhail stop is nip ann an taigh-seinnse nach ainmich mi:

"ET" :wink: : "Halò, 'ille, is fada on uairsin on a bha 'n dithist a'ainn ag obair do ChalMac..."

U.L.: "O àidh, is fada dhà-rìribh. Is dè mar a tha thu ?"

ET: "Och, chan eil dona, chan eil adhbhar gearain a 'm..."

U.L.: "Agus ciamar a tha do bhean, ma tha ?"

ET: "Obh, obh, chan eil i ann tuilleadh - shiùbhail i..."

U.L.: "Och, an do shiùbhail a nise ? Cà 'n do shiùbhail i ?"

:twisted: :lol:

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Anns na fàsaichean farsainn...

Beitragvon An Gille Donn » Di Jun 17, 2008 10:20 pm

OK ma tha, a Chàirdean,

tuigidh mi nach do tharraing an sgeulachd mu dheireadh mòran gàire - aig deireadh an latha, is mise ùghdar nan sgeulachdan èibhinn as miosa a chualas riamh... :wink:

Bheir mi dhuibh t' eile -

Bha fear-turais òg air chall ann am fàsaichean farsainn Astràilia, is e gun duine beò fhaicinn fad grunn làithean.

Mu dheireadh thall, thachair e ri fear eile, is e na shuidhe air bun chraoibhe le bata 'an grèim teann a dhà làimh. Agus nuair a theannaich e na b' fhaisge air, chuala e gun robh 'n duine a' dèanamh fuaim neònaich mar "bhrùm, bhrùm, bhrùùùùm"...

"Och, obh, obh, an truaghan bochd" ars' am fear-turais ris fhèin, "tha e buileach às a rian. Feumaidh gun d' fhuair e cus teas ghrèine..."

Lean e air air a shlìghe, is thachair e ri fear eile, is e na shuidhe air clach mhòr agus a' dèanamh an aon seòrsa fuaim. "A bhobh, obh, siud fear eile a chidh gu tur às a rian le teas na grèine no le uaigneas is aonaranachd..."

Chum e air, agus as dèidh latha eile, ràinig e innis-fàsaich far 'n d' fhuaras lochan ris an abrar "billabong" 'san dùthaich thall. Agus chunnaic e duine eile na shuidhe air corp chraoibhe sìnte air an làr, is e a' gabhail a chuid pìosan (no ceapairean, mar a theireadh cuid). Choimhead e air an duine, is e a' cagnadh, is thùirt e ris: "O, taing don Àigh - duine slàn is fallain mu dheireadh thall ! Cha chreideadh tu na chunna mi thall an siud far a bheil mi dìreach air tighinn - dithist duine nan suidhe air craobh is creag, is iad a' leigeail orra mas fhìor gun robh iad a' dràibheadh caraichean-rèise !"

Air an fhacal sin, ghrad-amhairc an duine air an fhear-turais, is thùirt e: "Dè ??? An ann cho fada air adhart a fhuair iad cheana ?", is e a' leum air a chorp-chraoibhe, a' leigeail sgreuch: "Bhrùm, bhrùm, bhrùùùùùùùm !!!"

:lol:

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Fr Jun 20, 2008 8:44 am

Bild

Tha cnàimhneach a' tighinn a-steach dhan taigh-seinnse ag iarraidh pinnt agus clùd.
'S e saoghal a th' anns gach cànan

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

On a dh' ainmich thu cnàimhneach...

Beitragvon An Gille Donn » Fr Jun 20, 2008 10:38 am

...tha sgeulachd agam a fhreagras ris sin cuideachd.

Bha cnàimhneach na shuidhe ann an taigh-seinnse, is duine a' tighinn a-steach. "Ciod a ghabhas tu ?" dh' fheòraich fear an taighe. "An drama as fheàrr a th' agaibh !" Thug e dhà nip "Òbain", agus ars' e: "Gabh siud, a bhalaich - dùisgeadh e duine nach maireann !" Ars' an cnàimhneach: "Nach toir thu dhomh an aon nip, ma tha ?"

:twisted: :twisted: :twisted:

O seadh, agus seo pìos de sgeulachd a tha à Hesse Uachdraich o thùs - agus a bha na bàrdachd èibhinn o thus:

Bha cnàimhneach aig dotair ann am baile beag ann am Monadh an Eòin (Vogelsberg), is e fhèin cha mhòr cosmhuil ris, bodach beag cnàimheach is tana a bha e ann. Air oidhche dhubh-dhorcha gheamhraidh, thug bean Sheòrais bhoichd air a chèile dol don dotair gus leigheas cnatain fhaighinn, is chaidh e ann a dh' aindeoin. Ach bha taigh an dotair dùinte nuair a ràinig e, is chaidh e don uinneig mhòir feuch am faiceadh e 'n dotair. Cò a chunna e 'an solas a' lanntair, ge tà, ach an cnàimhneach - agus chlisg e is theich e. Cha robh a bhean toilichte, ge tà, agus dh' iarr i air Seòras tilleadh do thaigh an dotair. Ars' esan:
"Cha tèid, cha tèid mi ann a nochd !
Chunna mi 'n dotair, is e lomnochd !"

:twisted: :twisted: :twisted:

Anns a' chànan 'san robh e o thùs, b' e siud:

"Na, naa, doa gieh eich näit mieh hie - eich hun de Doggder nackich g'sieh !"

Agus feumaidh ar càirdean Eilbhiseach a thoirt an aire - ann an dualchainnt na Hesse Uachdraich, tha g'sieh, gesieh a' ciallachadh "chunnaic", is chan eil e 'ciallachadh "bha" mar ann an gsi, gsy.

Acsail Òg

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Sa Jun 21, 2008 8:45 am

:lol:

Ciamar a chaidh an Grand Canyon a cruthachadh?


Chaill Albannach sgillinn...
'S e saoghal a th' anns gach cànan

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

El Cañon Grande agus mar sin air adhart

Beitragvon An Gille Donn » Sa Jun 21, 2008 11:13 pm

NCT chòir,

an deach a chruthachadh le Albannach a chall sgillinn ? Feumaidh gur ann à Obar Dheathain a bha e... :wink:

Co-dhiù, a Nighean, is a Chàirdean eile, tha mi moiteil toradh mo phròiseict as ùire a nochdadh agus a thaisbeanadh:

Bild

Seo dhuibh cocaireachd Acsail Òig, agus ged a chuir mi 'm milis seo ri chèile iomadh turas roimhid, b' e seo a' chiad turas gun robh sughan talmhainn ùra Albannach agam - à Sìorrachd Pheairt !

Gus an aon rud a chruthachadh, bithidh feum agaibh air sughan talmhainn, an Dram Buidhe no Port, briosgaidean briste, breachdan fhaoineige (Vanillepudding) agus uachdar. Cuiridh sibh na briosgaidean briste aig bun a' bhobhla, 's an uairsin, cuiridh sibh an deoch riutha - drùdhag air drùdhag, is as dèidh sin, cuiridh sibh deagh-fhilleadh sughan ann, agus breachdan na faoineige os a chionn, agus an uairsin cuiridh sibh an uachdar far am bu chòir a bhith a rèir ainm :wink: , is e tiugh, gu dearbha !

Sin am meud - gum buain sibh blas às ! :D

Acsail Òg

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Mi Sep 24, 2008 6:08 pm

Dhia nan gnàthsan! Ma dh'itheas mi sinn, is ann a thèid mo sprèidheadh an uairsin leis cho reamhar a dh' fhàsas mi. Ach feumaidh mi aideachadh gum b' fhiach e fheuchainn:-)

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Fr Sep 26, 2008 11:09 am

Feuch dìreach pìos beag. Agus pìos beag eile. Agus an uair sin dèan cinnteach gun do chòrd e riut dha-rìribh is feuch pìos beag a bharrachd.... amsaa :twisted:
'S e saoghal a th' anns gach cànan


Zurück zu „spòrs is fealla-dhà“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast