peinnsean

Gast

Beitragvon Gast » Di Mär 07, 2006 12:32 pm

Tha fios gu bheil siostam peinnsein anns a' Ghearmailt a' tuiteam às a cheile ach cha robh fios agam dè cho duilich a tha cùisean do chuid. Taobh tuath na Gearmailt chaidh tuathanach a chuir dhan phrìosan an-dè.
Agus sin a rinn e: Mhothaich e gun do chaochail an nàbaidh aige, gheàrr e e ann am píosan beaga agus thug e sin mar bhiadh do na mucan aige. Cha do sgrìobh na pàipearean an ann gun do chòrd sin ris na mucan ach rinn an tuathanach prothaid dheth. Is ann a bha esan a-mach air peinnsean a' bhodaich agus fhuair e an airgead seo airson dà bhliadhna a bharrachd. Chaidh a h-uile sian fhoillseachadh nuair a bha an companaidh-peinnsein ag iarraidh fo-sgrìobhadh ùr.
Nise tha ceist orm-sa agus sin cò a dh' itheas an "Schnitzel" (feòil) a thèid a dhèanamh às na mucan? Saoil am fàs mi nam lus-itheadair mu dheireadh thall???
:? Mìcheal

graisg
Beiträge: 214
Registriert: Mi Mär 24, 2004 2:40 pm
Kontaktdaten:

Beitragvon graisg » Di Mär 07, 2006 1:24 pm

Gnosd! Gnosd! :shock:
An leabhar a bha 'too racy' dhaibh?
Reul Chearbach Air Chuairt
http://myweb.tiscali.co.uk/narann/thill.pdf

Agus blog ri fhaicinn aig:
http://inbhirnarann.blogspot.com/


Zurück zu „spòrs is fealla-dhà“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 2 Gäste