Cnatan nan eòin, cac nan eòin, cac nam meadhanan.

graisg
Beiträge: 214
Registriert: Mi Mär 24, 2004 2:40 pm
Kontaktdaten:

Beitragvon graisg » Fr Apr 07, 2006 7:59 pm

Tha muinntir an telebhisean gu math dòigheil an diugh. Tha iad uile ann an Cellardyke, Fìobha agus chan urrainn dhaibh gu leòr faighinn den chuspair ùr seo, dhomhsa tha iad a bruidhinn sgudal gun stad agus sin mar a tha iad an diugh, gluaisidh iad ann gu math luath agus chuir iad microfòn air beulaibh a h-uile càil sa bhaile. As dèidh dhaibh a’ bruidhinn ri gach mac mathar le buinteanas den àite bha na motorways làn le eòlaichean ann a cabhag a bhith a’ leum air beulaibh na camaras. Uill dè cho eòlach ‘s a tha na h-eòlaichean ud. Tha mise den bheachd nach eil iad eòlaich air mòran seachad air dè na tha na companaidhean telebhisean dèonach a phàigheadh airson beachd no dhà.
A-rèir coltais bha na faoileagan an sàs den eala bhochd: dìreach mar bu choir dhaibh a bhith, bidh dad sam bith marbh faisg air làimh gu math feumail dhaibh. Uill an urrainn do na creutairean ud a bhith fulaing a’ chnatain cuideachd? Chan eil duine sam bith dèonach a’ toirt beachd saoilidh mi? Cò aig a tha fios? Am biodh pìos den eala a’ dhèanamh sìon a’ chroin orra no am biodh iad dìreach ga ghiùlain gu àiteachean eile no am biodh iad sàbhailte nam biodh iad a dh’ ithe a h-uile càil a tha fo bhuaidh a’ ghalair?
Bidh fhios agad gum bi mòran fhaoileagan a’ fuireach air meadhan nam bailtean an-diugh, leis an sgrios a rinn sinn air an àrainneachd aca agus ri linn s gu bheil sinn dèonach a thilgeil a h-uile seòrsa bìdh air na sràidean, gu h-àraidh aig an deireadh seachdain nuair a tha mòran fo smùid. Chan eil e cho simplidh ri sin ge-ta, gabh Inbhir Narann mar eisimpleir, tha muinntir an àite air an roinn leis. Tha cuid airson na faoileagan agus bidh iad gan biadhadh a h-uile cothrom a ghabhas. Bha mi eòlach air duine a bha gu math measail air faoileag ris an canar Sìm. Abair deagh rapport a bha eadarra. Bhiodh Sìm coir a’ gnogadh air uinneig seòmair-chadail Uilleam gach madainn leis a ghob agus cha bhiodh e fada gus am biodh Uilleam a’ toirt bracaist dha. Tha feadhainn eile fiadhaich ge-tà agus mura biodh dìon fo lagha aig na faoileagan, cuireadh iad às iad buileach glan. Sgrìobh mòran daoine dhan bhall-pàrlamaid aca agus tha a’ cuspair air a bhith a’ dol eadar riaghaltas na Alba agus na h-ùghdarrasan ionadail dìreach mar bhalla ann an geama tennis. Tha cuid den bheach gum biodh an dòigh as fheàrr air adhart airson tuill a chur sna uighean aca airson grunn bliadhnaichean agus leis a sin dh’ fhàsadh iad sgìth dheth agus biodh iad a’ lorg àiteachan eile far am biodh iad nas soirbheachail. (àiteachean eile no bailtean eile?). Chan eil an riaghaltas no na h-ùghdarrasan ionadail dèonach a bhith a’ pàigheadh air a shon ge-tà, agus sin an cnap-starra an-dràsta. co-dhiù no co-dheth tha a h-uile duine ag aontachadh gu bheil cus faoileagan sa bhaile a-nis.
Dh’ fhàs sinn cleachdte ris an t-suidheachadh a chionn fhada agus tha mòran nid air mullach Woolworth’s gu math faisg oirnn agus nuair a tha na h-isean a-mach as na h-uighean bi cuisean gu math beothachail agus abair fuaim ri cluinntinn fad an latha, uaireannan 24/7 mar a chanas iad. Gu tric nuair a bhios mi bruidhinn air a’ fòn bidh daoine a’ faighneachd dhomh, ‘a bheil thu faisg air a’ mhuir?’, tha seòrsa ìomhaigh aca air cuideigin bruidhinn bho mhullach na creagan no taigh-solais le fuaim nan eòin a tha ri cluinntinn. Aig deireadh as t-samhraidh bidh na h-isean a’ tighinn às mullach Woolies agus sa chiad dol a-mach cha bhi iad comasach ag itealaich agus bidh iad a’ ruith siud ‘s a seo mar chearcan. An rud as fheàrr, ‘s e sin a bhith gan glacadh agus gan tilgeil air ais air mullach Woolies. Cha bhi e fada gus am biodh iad air ais air an làr ge-tà agus an treas no a’ cheathramh turas a tha thu gan tilleadh ‘dachaigh’ gabhaidh iad dhan adhair mar fhaoileag gu math proifeasanta.
Aon mhadainn thuirt mo chèile gun do dhùisg e às dèidh fuaim uabhasach, smaoinich ise gun robh rudeigin air cùlaibh aon de na bhallaichean den seòmar-cadail againn ach chuir i roimhpe nach e ach aisling a bh’ aice. An uair sin chuala sinn fuaim eile. Bha rudeigin san t-seann shimilear. Bha agam an leabaidh agus a h-uile càil eile a ghluasad agus an uairsin gheàrr mi pìos a-mach as an sglàib agus cha robh e fada gus an robh mi a’ toirt sùil air faoileag. Bha an creutair cho dubh ri fitheach agus cha robh e toilichte gam faicinn. Thug e ionnsaigh air mo làmhan ach bha mi cleachdte ris an carry-on de na beathaichean sin agus bha miotagan tiugh orm agus sa bhad fhuair mi greim air agus thilg mi a-mach às an uinneig e. Uill, cha robh an àbhachdas seachad, nach do thuit e air a’ chat againn mar chloich as an adhair! Bha sin caran tàmailteach ri Huggles agus rinn ise deiseil airson sabaid, bha an fhaoileag caran troimh-a-chèile leis agus, shaoil mi, dìreach mar Harrison Ford bha e a’ smaoineachadh ‘dè a-nis?. Ruith mi sìos na staidhre agus dh’ fhosgail mi an doras agus chuir sin eagal air mo chat agus an fhaoileag agus chaidh e suas an rathad agus ghabh e dhan adhair.
An leabhar a bha 'too racy' dhaibh?
Reul Chearbach Air Chuairt
http://myweb.tiscali.co.uk/narann/thill.pdf

Agus blog ri fhaicinn aig:
http://inbhirnarann.blogspot.com/

graisg
Beiträge: 214
Registriert: Mi Mär 24, 2004 2:40 pm
Kontaktdaten:

Beitragvon graisg » Fr Apr 07, 2006 8:01 pm

zu lang :(

A-nis, an t-earrach 2006 agus tha faoileag air mullach cruinn-fòn far am bi e furasta dha a chumail sùil air a chèile agus an nead agus a’ choimhearsnachd san fharsaingeachd agus bidh dùn de chac a sìor fhàs a h-uile lathaa aig bonn a’ cruinn. Dìreach mar a h-uile duine eile chan eil càil a fhios agam ma bhios an dùn ud nas cunnairtiche am bliadhna ach tha mi a’ beachdachadh de fo ghrèin a tha an fhaoileag bhochd air a bhith ag ithe agus am bu chòir dha a bhith bharrachd dìon aige air na seòrsaichean biadh a thilgeil daoine air na sràidean nuair a tha iad air an rathaid dhachaigh bho na taighean-seinnse. Co-dhiù tha an cac eile fhathast a’ dòrtadh a-mach na sianalan ‘cnatan nan eòin’, ach an ath-sheachdain bidh iad uile ann an àite eile, a-mach air cuspair eile saoilidh mi: a bruidhinn, dìreach mar as àbhaist, fad an latha gun mòran a ràdh idir.
An leabhar a bha 'too racy' dhaibh?

Reul Chearbach Air Chuairt

http://myweb.tiscali.co.uk/narann/thill.pdf



Agus blog ri fhaicinn aig:

http://inbhirnarann.blogspot.com/

graisg
Beiträge: 214
Registriert: Mi Mär 24, 2004 2:40 pm
Kontaktdaten:

Beitragvon graisg » Fr Apr 07, 2006 8:03 pm

jetzt zu lang :(



Bild
An leabhar a bha 'too racy' dhaibh?

Reul Chearbach Air Chuairt

http://myweb.tiscali.co.uk/narann/thill.pdf



Agus blog ri fhaicinn aig:

http://inbhirnarann.blogspot.com/

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Mi Apr 12, 2006 8:00 pm

a thaobh flù nan eòin: Thachair an aon rud an-seo anns an eilean Rügen nuair a fhuair iad eala marbh aig a' chladach. Ceudan de luchd-naidheachd ann an wellies dearg air an tràigh le sealladh anns an aodain mar gum bitheadh crìoch na cruinne faisg oirnn agus ag innse an aon rud gach 5 mionaidean ann an sianailean mar n-tv. Tha sin a' ciallachadh naidheachdean/nachrichten-tv agus mura bheil dad aca bidh iad a' crann-sgaoileadh an aon rud fad na h-ùine. Chuir sin a' cheist orm càite a bheil SARS a bha choooo cunnartach aig an ceart àm an-uiridh. Cac nam meadhanan mar a thuirt thu fhèin. Agus bhon a tha tuiltean ann an Sachsean an-dràsda chìthear an aon luchd-naidheachd ach ann an wellies eile (buidhe an turas seo)

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************


Zurück zu „spòrs is fealla-dhà“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast