Boyband ann am Bonn

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Sa Mai 27, 2006 7:44 pm

A Mhoire Mhàthair!!!
Cha chreid mi na chunnaic mi an-diugh. Mar a tha fios aig cuid bidh mi a' ruith cafaidh ann an taigh-tasgaidh ann am Bonn. Ri ar taobh tha taigh-tasgaidh eile ann agus ceàrnag eatorra. As t-samhradh bidh cuirmean-ciùil a tachairt agus cuid dhaibh glè mhath. ach an-diugh tháinig "Tokyo Hotel", ceathar bhalach le innealan-ciùil a tha fada nas motha na iad fhéin agus is ann an-raoir a thàinig ceudan de nigheanan agus chadail iad air beulaibh na ceàrnaig airson a bhith cho faisg air an àrd-ùrlar agus a ghabhas an uair sin
Nuair a dh' fhosgladh na dorsan feasgar an-diugh mu cheithir uairean abair fuaim a bha ri cluinntinn. Mìltean de ghuthan àrda chloinne ag èigheadh "Toooookiooooo hoteeeeeel" neo mar sin is pian ubhasach na mo chluasan agus eagal gun caillinn a' chlaisneachd agam.
Anns an eadar-àm dh' fhàs cuid gu math lag is thàinig an luchd crois- dheirg an sàbhaladh ann an teanta. Bha gu bhith 8000 ann agus bidh an aon rud a' tachairt a-màireach.
Ceist mhòr orm: Càite a bheil na pàrantan? Nam bitheadh clann le 11 neo 12 a dh' aois agam-sa cha leiginn leotha dol gu baile mòr às aonais phàrantan.

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

UnaMac
Beiträge: 567
Registriert: Mo Mär 07, 2005 6:38 pm
Wohnort: Isle of Skye

Beitragvon UnaMac » So Mai 28, 2006 4:15 pm

Uill, a Mhìcheil, innse dhuinn an fhìrinn: Nach robh thu ag iarraidh a bhith air an àrd-ùrlar còmhla reotha, miltean dhen daoine airson a bhith faisg ort, ag èigheachd d'aimn... An robh? ;)

Ùna, fan Mhìcheil
Bhith beò beathail ged nach bitheadh tu beò ach leth-uair.

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » So Mai 28, 2006 10:07 pm

Tha na sgoilearan òga agam uile uabhasach measail air Tokio Hotel. Cha chuala mi a-riamh guth bhon chomhlann, ach tha fios agam gu mionaideach cò ris a tha iad coltach, dè 'n seòrsa aodach a tha orra, dè 'n dath air an fhalt, a.m.s.a.a., chì mi sin air na dealbhan air feadh nan seòmraichean aca gach seachdain.
:P
Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Di Mai 30, 2006 6:18 pm

Tha rudeigin ri leughadh air làrach-lìn an "Spiegel" mu dheidhinn a' chonsairt seo. Tha dà nighean, 15 bliadhna a dh' aois, ag innse dè thachair riutha aig a' chonsairt ann am Bonn. Tha iad beagan craicte, a-rèir coltais. Tha e a' cur iongnadh orm gu bheil daoine aig an aois sin cho gòrach mu rudeigin mar sin :shock: Chan eil mi a' faicinn postairean Tokio Hotel ach aig na sgoilearan beaga agam a tha 10 no 12 bliadhna a dh' aois...
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~


Zurück zu „spòrs is fealla-dhà“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast