Podcast ùr agam

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Fr Jun 16, 2006 10:51 am

Rinn mi podcast eile:

Sgudal sgoinneil.

'S e blog beag a th' ann agus bidh mi a' clàradh a h-uile rud le microphòn. Tha e glè mhath airson an fuaimneachadh a chleachdadh, tha mi a' smaoineachadh.

Seo a' chiad clàrachadh:

Bidh mi a' gluasad a-maireach. Dh' fhàs e na b' fhuaire an-diugh gu fortanach agus an teas a' marbh mi gu dìreach! Feumaidh mi lìonadh torr bogsaichean fhathast, mo chreach!

Tha am flat ùr agam nas motha agus tha e glè shnog. Bidh mi ag ionndrainn an taigh seo co-dhiù. Bidh e air a sgriosadh agus chan eil seo còrdadh rium idir.

Tha dragh ormsa air mo shon bidh gun eadar-lìon seachdain gu lèir! Bidh mi gun faclairean air loidhne, agus chan eil faclair Beurla-Gàidhlig mòr agam. Chlàraich mi prògraman aig Ràidio nan Gàidheal agus b' urrainn dhomh èisdeach ri Gàidhlig leis an choimpiutair agam - ciamar a chanas mi "laptop" 'sa Ghàidhlig?
'S e saoghal a th' anns gach cànan

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Di Jul 18, 2006 10:14 pm

Rinn mi clàr eile an-diugh:

Tha obair ùr agam. Chan eil e ach dà là gach seachdain. Tha e sgoinneil co-dhiù. ‘S e aig bùth deilbhe-thogail a th’ ann agus tha an ceannard glè shnog.

Togaidh sinn barrachd dealbhan airson cead-siubhail thairis bith-tomhais. ‘S e dràgh mòr a th’ annta agus tha iad doirbh gu leòr a dhèanamh. Feumaidh sinn ceàrdadh cus motha. Thuirt mi ris an ceannard gum feum ise am bùth “Hilles Bastelstube” ainmeachadh. Feumaidh mi seo eadar-theangachadh an-dràsda, ’s e seòmar-ceàrdaidh a th’ ann ‘sa Ghàidhlig, tha mi a’ smaoineachadh.
'S e saoghal a th' anns gach cànan

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Mi Aug 02, 2006 10:15 am

Cha b' urrainn dhomh cadal Di-Dòmhnaich oir bha i ro theth. Air a shon bha mi eadar a chadal 's a dhùisg agus chaidh mi nam bualadh mo cheann ris a' bhalla feasgar Di-Luain, nuair a bha mi air laighe sìos. Oich! Bha mo cheann goirt fad na seachdaine agus bha mi ann an tuaineal. Abair cearbachd!
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Mi Aug 02, 2006 11:25 pm

Seo agad ceartachadh. Bi faiceallach! Bha tòrr Beurlachas anns an teacsa agad agus mearachdan eile. Bhitheadh e na b' fhèarr rudan a chlàradh as dèidh dhaibh a bhith air an ceartachadh. Bidh an luchd-èisdeachd eile a' smaoineachadh gur e Gàidhlig cheart a bhitheadh e agus bidh iad ag ionnsachadh nam mearachdan.

dùrachdan
Mìcheal



Bidh mi a' gluasad a-màireach. Dh' fhàs e na b' fhuaire an-diugh gu fortanach agus bha an teas gam mharbhadh ! Feumaidh mi tòrr bhogsaichean a lìonadh fhathast, mo chreach!

Tha am flat ùr agam nas motha agus tha e glè shnog. Bidh mi ag ionndrainn an taigh seo co-dhiù. Bidh e air a sgrios agus chan eil seo a' còrdadh rium idir.

Tha dragh orm gum bi mi gun eadar-lìon airson seachdain gu lèir! Bidh mi gun fhaclairean air loidhne, agus chan eil faclair Beurla-Gàidhlig mòr agam. Chlàraich mi prògraman Radio nan Gàidheal agus b' urrainn dhomh èisdeachd ri Gàidhlig air a' choimpiutair agam - ciamar a chanas mi "laptop" 'sa Ghàidhlig?
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Do Aug 03, 2006 7:19 am

Mòran taing, a Mhìcheil! Am faod mi an ceartachadh agad a postadh aig Odeo?
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Do Aug 03, 2006 7:22 am

Gu dearbh fhèin.

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Do Aug 03, 2006 8:26 am

Tapadh leat a-rithist :D
'S e saoghal a th' anns gach cànan

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Fr Aug 18, 2006 2:36 pm

Rinn mi clàr eile: A' gabhail dinnear ann an Odense

Mòran taing airson nan ceartachaidh, a Mhìcheil! :D

Chaidh mi a dh’ Odense airson consairt Runrig, agus thachair sgeul glè sgoinneil a tha mi ag iarraidh innse dhuibh.

Ghabh mi dinnear còmhla ri caraid ann an cafaidh ann an t-sràid an stèisein ann an Odense. Bha sinn nar suidhe a-muigh. Chunnaic mi duine le leine-t dearg a thighinn chun a’ chafaidh agus bha mi a’ smaoineachadh gu bheil e coltach ri cuideigin as aithne dhomh. Bha e ann còmhla ri duine eile. Seadh, ’s e Calum agus Bruce aig Runrig a bh’ annta a’ dol a-steach dhan chafaidh!

An uair sin, nuair a chaidh mi fhìn a-steach dhan taigh-bheag, chunnaic mi a h-uile balach a’ gabhail dinnear. Bu toil leam bruidhinn ‘sa Ghàidhlig riutha, ach cha d’ rinn mi e. Bha ùine shaor aca, nach robh? Obh, obh, ’s ann ro mhodhail a tha mi!
'S e saoghal a th' anns gach cànan

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Fr Okt 06, 2006 9:53 am

Mo chreach-sa thàinig!

Tha mi cho sgìth…

Ghluais mi làrach-lìn Ameriganach an-dè. ‘S e larach-lìn ana-mhòr a th’ann. Thòisich mi aig timcheall seachd uairean ‘sa mhadainn agus bha mi a’ coimhead ris an follaisear gu leth uair an dèidh dà uair ‘sa mhadainn seo no rudeigin mar sin. Tha mi dall a-nis, chan urrainn dhomh fhaicinn gu ceart, tha sùilean dearga orm.

Agus chan eil na fòraman ag obair gu ceart fhathast agus cha fhios agam carson. Nise, tha mi a’ feitheamh ris na balaichean aig vBulletin èirigh.

Is fìor bheag orm frithealaichean a thionndadh!
'S e saoghal a th' anns gach cànan

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Di Okt 17, 2006 3:37 pm

Iongantas

Bha Karin aig Radio Borders gu cluich "A Reiteach" aig Runrig aig The Sunday Getherin' Oidhche Domhnaich. Dh'iarr i anns am fòram Runrig ciamar a fhuaimnicheas i ainm an òrain.

Bha an luchd-ionnsachaidh a' cuideachadh i agus a' cur mìneachadh.

Nuair a chunnaic mi e, smaoinich mi gum biodh e na b' fhasa oirre ag ionnsachadh ma chuireas mi MP3 thuice.

Uill, dh'fhaodainn a bhith dùil agam nach do chàn i fhèin e, agus mise ag ràdh "A Reiteach" nam ghuth thidseir 'san rèidio. Dà thuras. Abair uabhasach, mo nàire!
'S e saoghal a th' anns gach cànan

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Sa Nov 11, 2006 11:59 am

Mari Boine

Chaidh mi a chuirm-chiùil le Mari Boine an-raoir. Bha e math dha-rìribh. Tha guth uabhasach math aice agus bha an còmhlan a’ còrdadh rium gu mòr cuideachd. Tha Mari Boine à tìr nan Sámi. Chan eil dùthaich fhèin aig an t-sluagh seo. Tha iad a’ fuireach ‘san Nirribhidh, ‘san t-Suain, ‘san Fhionnlainn agus ‘san Ruis. ‘S e iòig an t-ainm a tha air a’ cheòl traidiseanta aca.

Tuilleadh air Mari Boine 'sa Bheurla
'S e saoghal a th' anns gach cànan

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » So Jan 21, 2007 8:58 pm

Abair DiLuain!

Nuair a chaidh mi dhan obair DiLuain cha robh pàipear againn mu thràth. 'Sa mhadainn, bha a’ bhùth làn daoine ag iarraidh dealbhan agus a b' fheudar falbh le làmhan fàlamh. Cha b' urrainn dhomh dealbhan a chuir ann an clò o chionn 's nach tàinig am pàipear ach leth uair an dèidh trì agus mise gun dad sam bith ri dèanamh. Bha sin uabhasach dòrainneach!


Tapadh leat airson na ceartachadh, a Mhìcheil! :D
'S e saoghal a th' anns gach cànan


Zurück zu „spòrs is fealla-dhà“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast