Slapag nan Saunaichean Salach

Sleite
Beiträge: 1728
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Beitragvon Sleite » Fr Nov 09, 2007 4:55 pm

O mo chreach! Bha mi san t-sauna an-dè! Abair rud inntinneach ann am Breatainn. Tha fios agibh gum b' àbhaist dhomh obair ann an sauna agus bha sin a' còrdadh rium glan. Bha daoine a' dol ann gun aodach (abair!) ach le searbhadair.

Tha a h-uile rud eadar-dhealaichte an seo ge-tà. Tha an sauna beag, agus chan eil sin a' cur dragh orm. Agus tha iad a' dol ann le aodach snàimh orra (bha fios agam mu dheidhinn sin) ACH an rud as miosa ... ... ... cha ghabh iad searbhadair dhan t-sauna. iiiiiiiiiiiiiiiiiiiiihhhhhhhhhhhhh! Bidh iad nan suidhe le an tòn air an fhiodh agus am fallas aca a' ruith sìos iiiiiiiiik. Anns an t-seann àite obrach bhiodh iad a' faighinn trod uabhasach airson sin. Agus chan eil mi idir ag iarraidh suidhe anns an fhallas dhaoine eile. O uill. Bha searbhadair agamsa co-dhiù agus chaidh sinn dhan inneal-nigheadaireachd a-nochd.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Fr Nov 09, 2007 6:01 pm

Seo smilie agad: Bild
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Sa Nov 10, 2007 1:43 pm

Abair diofair! Tha mi eòlach air an àite far an robh thu ag obair agus tha e cho brèagha i glan.
Agus tha beusan gu math seann-fhasanta ann am Breatainn (agus san Stàitean cuideachd) mu a bhith ruisgte.
Feuch am bi cothrom agad coimhead air PC Alasdair Stiùbhairt agus an Ràmalair Ruisgte.


Bi saor! Bi ruisgte!



M.
a' leum às a chuid aodach
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************


Zurück zu „spòrs is fealla-dhà“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast