I've been everywhere man... m.e. ann an Leòdhas...

Isbeal
Beiträge: 1013
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » Mo Feb 04, 2008 8:39 pm

Chan e direach Gàidhlig a th' ann, ach le ainmean Gàidhlig gu leòr..

Shonny Cash a' seinn ;)

http://www.flickr.com/groups/lewisandharris/discuss/72157603834032365/

Gliog air 'clicky' anns a' chiad theachdaireachd.



A làrach-lìon an seo:

http://www.myspace.com/macanoonoo

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Mo Feb 04, 2008 9:22 pm

An dòigh àbhaisteach iompaireach a bhith a' fanaid air cànan beag. Agus tha saoghal na Beurla a' dèanamh gàire.



Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Isbeal
Beiträge: 1013
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » Mo Feb 04, 2008 10:08 pm

Fhuair mi e bho Leòdhasach aig a bheil Gàidhlig bhon tùs, agus a tha a' cumail taobh ris a' Ghàidhlig uair sam bith.

Thuirt e gu bheil an òran seo glè mhòr-chòrdte anns na h-Eileanan agus a' Ghàidhealtachd, air sgàth 's gur e seòrsa 'satire' a th' ann - tha na h-òrain Country cho laidir anns na h-Eileanan.

Agus gu simplidh o chionn's gur e na h-ainmean-àite acasan a th' ann - tha e snog, eibhinn agus eirmseach.

Chan eil iad a' smaoineachdh gu bheil e a' fànaid orra. 'S e Gàidheal a tha anns a' sheinneadair fhèin, tha mi a' smaoineachadh.

Ach cha toil leam a h-uile rud a tha e a' dèanamh. Chan eil e eibhinn an còmnaidh agus tha cus faclan 'mì-mhodail' aige.

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Mo Feb 04, 2008 11:26 pm

Nach eil e fiù 's nas miosa mas e Gàidheal a th' ann?! Duine a chuireas sìos air a' chànan aige fhèin..
Ach is dòcha gur ann dìreach nach eil mise a' tuigsinn an seòrsa "joke" a tha seo. Chuala mi cus den leithid.



Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Isbeal
Beiträge: 1013
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » Di Feb 05, 2008 12:16 am

'S e rud aotrom a th' ann gu dearbh - chan fheum sinn fhaichinn mar cùis throm no thàmailteach. Chan eil e fiu 's mu dhèidhinn na Gàidhlig co-dhiù. Chan e ach 'in-joke' airson nan Gàidheal, leis an country music aca agus na h-ainmean-àite neonach agus bàrdail.

'S dòcha nach bu choir dhomh air a chur anns an earrann 'Gàidhlig a-mhàin', ach s'e seo an t-sreath 'sgudal is treamasgal' - agus seall, feumaidh mi torr a sgrìobhadh anns a' Ghàidhlig a-nis!


'S dòcha 's e sin a bha thu ag iarraidh.... 's e tidsear a th' annad, ceart gu leòr... ;)

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Di Feb 05, 2008 10:10 am

Gu dearbh bha e ceart gu leòr sin a chur a-staigh an seo. Tha am bòrd fosgailte do bheachd sam bith.
Agus cha do thug mi ach mo bheachd pearsanta seachad an seo. Tha mi cinnteach gum faic daoine eile e gu tùr eadar-dhealaichte.
Agus is math gun nochd cuspairean connspaideach gun teagamh. Tha sinn ag adhbharrachadh dheasbaidean agus sin na tha mise ag iarraidh an seo gu dearbh fhèin.
Mar sin cum ort le bhith a chur sgudal a-staigh

Mìcheal :)
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Isbeal
Beiträge: 1013
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » Di Feb 05, 2008 5:04 pm

Ceart gu leòr! :)

Ach bhitheadh math, tha fios, ma bhitheadh daoine sam bith eile a' gabhail pàirt anns an deasbad... :?

graisg
Beiträge: 214
Registriert: Mi Mär 24, 2004 2:40 pm
Kontaktdaten:

Beitragvon graisg » Di Feb 05, 2008 9:07 pm

'tha na h-òrain Country cho laidir anns na h-Eileanan.'

Uill tha sin fìor sa Ghàidhlig no anns a' bheurla. The muinntir nan eilean beò ann an saoghal far a bheil beurla a' faighinn làimh an uachdair agus 's ann mar sin a tha e. Chan eil e furasta do chùl a chur ris a' mhòr chultair san leithid suideachadh. Cha bu chòir dhuinn a bhith gan caineadh, seall air na daoine a tha a' gabhail gnothaich leis a' ghàidhlig ann a bhith sgriobhadh aistean pongail suibhlach sa bheurla - 's e gniòmhacas a th'ann.
An leabhar a bha 'too racy' dhaibh?
Reul Chearbach Air Chuairt
http://myweb.tiscali.co.uk/narann/thill.pdf

Agus blog ri fhaicinn aig:
http://inbhirnarann.blogspot.com/

Eilidh
Beiträge: 387
Registriert: Do Aug 11, 2005 3:30 am
Wohnort: Carolina a Tuath
Kontaktdaten:

Beitragvon Eilidh » Mi Feb 06, 2008 5:21 am

Tha mi duilich, ach feumaidh mi ruideigin a ràdh.

Chan eil mi gur tuigsinn.

Dè thachairt?

Chur Iseabail òran suas. Carson? 'S e Albannach a th'innte. Shaoil ise, mar sin Albannaich eile, gu bheil an t-òran seo eibhinn agus inntinneach air's gàth gu bheil mòran ainmean a' Ghàidhlig a th'ann.

Agus?

Chuala mi an t-òran a' chiad thuras nuair a bhruidhinn mi ri Albannaich. Chan eil, ri Gaidheil. Tha a' Ghàidhlig aca. Thuirt iad gur e òran eibhinn agus inntineach. Bha iongnadh orm. Shaoil mi, carson as toil leotha an t-òran? 'S toil leotha gur e an t-òran eibhinn a th' ann.

Cò mise a ràdh nach urrainn dhuibh òran a chòrdadh ribh! Mise! 'S e boireannach Ghearmailteach a th' annam.

A bheil e math bruidhinn sa Bheurla nuair a tha a' Ghàidhlig againn? Chan eil. Feumaidh sinn na Gaidheil a chuideachadh? Feumaidh!

Ach, a bheil e math leig seachad an fhirinn? Chan eil.

Chan eil mi a' smaointinn gu bheil mi comosach innse do na Ghaidheil dè tha math air an son agus dè nach eil. Faodaidh beachd agam agus faodaidh mi barail a ràdh ach cha fhaod mi òrdugh a chuir a-steach.

'S e gaol agam air a' Ghàidhlig, ach 's toil leam na Gaidheil cuideachd. Ach chan eil mi a' creidsinn gum bi mi gan cuideachadh ma bhios am fearg orm air òran Beurla.

Seo agaibh dà sgillinn Eilidh .

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Mi Feb 06, 2008 10:41 am

Eilidh chòir:
Albannach neo Gearmailteach ann neo às - cha tug mi ach mo bheachdan seachad air a' chùis, agus nam biodh an aon rud a' tachairt anns a' Ghearmailt 's ann a bhitheadh e ceart cho dòirinneach dhomh-sa. Agus bhitheadh e ceart gu leòr - nam bheachd-sa co-dhiù nam biodh cuideigin bho thaobh a' toirt seachad beachd neo dhà air a' chùis ge b' e dè am beachd a bhiodh ann.


Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Eilidh
Beiträge: 387
Registriert: Do Aug 11, 2005 3:30 am
Wohnort: Carolina a Tuath
Kontaktdaten:

Beitragvon Eilidh » Mi Feb 06, 2008 7:36 pm

A Mhicheil chòir,

Tha thu ceart. 'S e am beachd agamsa a bh' ann cuideachd. Agus - bha an deasbaid math, nach robh?

Bha mi dìreach ag ràdh nach robh e cho dona, cho mi-mhodhail, an ceangail seo a chur suas. Rinn cuideigin òran mu tìr nan Gaidheal anns a' Bheurla. An robh sin ceart no cearr? Uill, feumaidh mi ràdh gu bheil tòrr òrain anns a' Bheurla ann. Agus, tha mi a' creidsinn gu bheil mòran Gaidheil ag èisteachd riutha.

'S e an fhirinn a th' ann. 's e firinn beatha nan Gaidheal a th' anns an òran seo, nach e?

Uill... Dh' èist mi ri rèidio a' Bhabharia agus chuala mi tòrr òrain a' Bheurla cuideachd. ;)

Eilidh

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Beitragvon An Gille Donn » Di Feb 26, 2008 10:49 pm

A Mhìcheil chòir,

gabhaibh ur socair a thaobh 'Mhic a' Nùnù' (no 'Mhic a noonoo', mar a sgrìobhadh cuid), mas e ur toil e - is e dìreach fealla-dhà a tha e ris, agus chan e magadh air na Gàidheal a tha fainear dhà...is e fhèin na fhear dhiubh. Is e magadh air seallaidhean nan Gàidheal on taobh a-muigh a tha e ris. Chuala mi fhèin an t-òran dùthchail a "ghoid" e bho Hank Snow còir o chionn goirid, is e seo an t-òran a bha sibh a' deasbaid mu dhèidhinn. Bha Neen chòir ga chluich air Rèidio nan Gàidheal air a' phrògram 'Fàilte air an Dùthaich', agus abair gun robh daoine a' gaireachdainn - daoine le Gàidhlig a thuigeadh an t-ìoranas agus an fhèin-mhagadh a tha an lùib an òrain seo...ach dh' fhaoidte nach robh an fhèin-mhagadh Gàidhealach fainear dhuibhse, nuair a chuala sibh e. Tha deagh-fhios agam fhèin cho doirbh is a tha e do Ghearmailtich air uairibh fhèin-mhagadh is fhèin-ìoranas a thuigsinn, is e cho gann 'san dùthaich agus 'san dualchas againne...ach bha mise mothachail den fhèin-mhagadh anns an òran "connspaideach" seo, is mi-fhèin nam Ghearmailteach. Dh' fhaoidte gun do dh' ionnsaich mi tuilleadh mu dhèidhinn fhèin-ìoranais - agus cho cudthromach is a tha e uaireannan - anns na deich bliadhna a tha mi air a chur seachad ann an Albainn cheana. Tha mi-fhèin air fàs tuilleadh na's socaire mu chùisean a chuireas dragh air duine troimh fhèin-mhagadh agus fhèin-ìoranas, ged a tha mi fhathast ag ionnsachadh...ach nach math an nì air an tig piseach ! Bu chòir dhuibh sùil mionaideach a thoirt air duilleag-lìn an duine ud - is e Leòodhasach a th' ann, agus bithidh e fiù air an ard-ùrlar anns an Lanntair le 'chuid fealla-dhà, ged is ann am 'Beurla Steòrnabhagh' agus nach ann dìreach 'sa Ghàidhlig a tha esan r' a chuid sgeulachdan èibhinn. Ach chan eil sin a' ciallachadh nach bitheadh a' Ghàidhlig aige nan iarradh a luchd-èisdeachd e...Uaireigin, bha duilleag-lìn ann air an robh "An t-Amadan" mar ainm, is e seo iris-lìn èibhinn Gàidhealach le fealla-dhà agus loma-làn fhèin-mhagaidh anns a' Ghàidhlig agus ann am 'Beurla Steòrnabhaigh' - tha Mac a' Nùnù a' leantainn an 'traidisein' seo na dhòigh fhèin ! Agus is e seo deireadh mo shearmòin.

Le meas,

An Gille Donn

Obar Dheathain, 26mh den Ghearran 2008

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Di Feb 26, 2008 11:05 pm

Fàilte ort! Tha e math duine ùr faicinn an-seo :D
'S e saoghal a th' anns gach cànan

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Beitragvon An Gille Donn » Mi Feb 27, 2008 1:01 pm

Seadh, a Charaid, is e duine ùr a th' annam 'sa chearcall seo, agus bithidh mi ag innse tuilleadh mum dhèidhinn-sa cho luath is a ghabhas - nuair a bhitheas mi deiseil den moladh-rannsachaidh a tha mi a' sgrìobhadh an ceartuair.
Is e seo sgeama-rannsachaidh do Roinn na Gaeilge air Oilthigh Ulaidh ann an Doire agus Cùl Raithin far a bheil iad a' sìreadh rannsaichean an ceartuair a dhèanadh sgrùdaidh air na meadhanan Gàidhlig is Gaeilge - uill, is e sin an nì a dhèanainn fhèin, co-dhiù, ach is ann mu dhèidhinn Ráidio na Gaeltachta agus TG 4 anns a' chuid as motha a tha an rannsachadh. Ach bhruithinn mi riutha, is mi ag innse dhaibh gun dèanainn coimeas eadar BBC nan Gàidheal agus Ráidio na Gaeltachta / Teilifìs na nGael, agus nochd iad ùidh. Mar sin, tha mi an ceartuair a' cruinneachadh agus a' sgrùdadh litreachais fhreagarraich airson a' phròiseict. Uill, anns an fharsainneachd, tha mi a' sìreadh cosnaidh is fasdaidh ann an saoghal na Gàidhlig, agus mas e pròiseact rannsachaidh a bheir sin dhomh, is ann na 's fheàrr a tha. Is e obair-rannsachaidh tè de na sgilean as fheàrr a th' agam, agus mur faigh mi fasdadh ann an Albainn, feuchaidh mi ann an Èirinn e - tá Gaeilge agam, freisin (tha Gàidhlig na h-Èireann agam cuideachd) ! Agus gu deimhinne, tha cothroman cosnaidh ann an rannsachadh na Gàidhlig is dualchais nan Gàidheal gann ann an Albainn an ceartuair. Ach tha iad gann anns a' Ghearmailt a cheart cho math ! Co-dhiù, cha bhi mi ri ochanaich agus ri caoineadh an seo, agus chan eil mi chun mo strì airson cosnaidh ann an saoghal na Gàidhlig a leigeil seachad fhathast - cumaidh mi orm a' feuchainn, mar a theagaisg an damhan-allaidh do Raibeart Brùsach ! Ma dh' fhaodas mi seann-fhacal mo dhùthcha fhèin a chleachdadh an seo, "woas iwwes nor en Kearle eas, doas eas en Owwerheass !" (=> Is e gaisgich a th' ann am muinntir na Hesse Uachdraich). Agus nach iomadh strì a chunna mi 'san àm seo chaidh - agus chan e strì gun adhbhar a bha sin. Leanaidh mi orm an toir beò-shlàinte agus àite-còmhnaidh am measg nan Gàidheal, co-dhiù an ann an air taobh a bhos no air taobh thall Srùth na Maoile a gheibh mi seo ! ;) Mas e 'n nì is gum feum mi fuireach anns a' Ghearmailt fad greis air an rathad seo, biodh sin mar a bhitheas e - cha dèanadh e cron agus cha bhitheadh sin a' toirt brot agus spiorad na Gàidhlig bhuam. 8-) ...agus chuireadh e toileachas air mo theaghlach.

Le meas,

An Gille Donn

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Do Feb 28, 2008 11:05 am

Guma math a thèid leat! :D
'S e saoghal a th' anns gach cànan


Zurück zu „spòrs is fealla-dhà“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast