Sgeulachd le fòn-làimhe

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Mi Mai 17, 2006 8:57 am

An seachdain sa chaidh chaidh mi a cheannachd fòn-làimhe.

Bha fòn-làimhe agam uaireigin roimhe, beagan bhliadhnaichean air ais, ach cha do chòrd e rium dha-riribh. Ach a-nis, leis an obair agus an oilthigh agus a h-uile rud, bha mi a' smaoineachadh gum bu chòir dhomh fòn-làimhe a chleachdadh a-rithist.

Nise, chaidh mi dhan bhaile agus a-steach dhan chiad bhùth. "Madainn mhath", thuirt mi, "bu toigh leam fòn làimhe, gu math simplidh, chan eil mi ag iarraidh inneal ro dhaor, agus gun contract/Vertrag (ciamar a chanas mi sin 'sa Ghàidhlig??), dìreach le càirt maoin (? chan eil fhios agam idir ciamar a chanas mi sin 'sa Ghàidhlig, ach bidh sibh a' tuigsinn)."

"Hmm", thuirt an duine, "carson nach eil sibh ag iarraidh fòn le contract?"
"Chan e sin a' cheist", dh' fhreagair mise. "Mhìnich mi na tha mi ag iarraidh, agus bhithinn toilichte nam b' urrainn dhuibh rudan a shealltainn dhomh a bhitheadh freagarrach dhomh-sa."
Sheall e cuid fòn thugam ach bha iad uile uabhasach daor, agus mar sin chaidh mi do bhùth eile.

Anns an dàrna bùth thàinig fear gu math òg spaideil thugam agus dh' fhreagair e dè tha mi ag iarraidh. Mhìnich mi agus rinn e snodha-gàire mòr, gasda, agus thuirt e: "Oh sgoinneil, tha mi cinnteach gu bheil rudeigin dìreach freagarrach agam dhuibh-se."
Chaidh sinn do phreasa gloinne agus thug e rudeigin glè bheag, cruinn, le dath uaine is airgid a-mach.
"Seallaibh seo, tha e gu math ùr agus inntinneach, agus seallaibh, tha e a' dol glè mhath leis an lèine a tha oirbh..." agus thòisich e a h-uile rud sgoinneil a mhìneachadh as urrainn dhan inneal seo a dhèanamh.
"Duilich", thuirt mi uaireigin, "'s e fòn làimhe a tha mi ag iarraidh, chan e dildo le comas dannsadh is cofaidh a dhèanamh. Agus a bharrachd, cha bhi lèine uaine orm gach latha."
Dh' fhalbh mi do bhùth eile.

Bha sin na b' fheàrr, bha taghadh mòr aca agus fònaichean gu math simplidh, saor cuideachd. Agus cha robh iad a' cur cus dragh orm mu contract. An toiseach dh' fheuch an duine ri fòn le camara a reic dhomh. Sheall e cuid fòn thugam "le camara uabhasach math, 's ann dìreach iongantach a tha an tèicneolas seo an-diugh..."
"Tha mi duilich", thuirt mi, "mar chamara, is fheàrr leam an seann Nikon agam, gun tèicneolas sam bith, ach nì e dealbhan dìreach sgoinneil".

Mu dheireadh thall thagh mi fòn a bha a' còrdadh rium (no a bha freagarrach don airgead agam ;) ) agus mhìnich an duine ciamar a tha a h-uile rud ag obrachadh, leis a' chàirt agus m.s.a.a.
Thuirt e gum b' urrainn dhomh coimhead air sin agus siud air an làrach-lìn aig a' companaidh air an eadar-lìon cuideachd... "hmmm, ma tha an eadar-lìon agaibh mar-tha, is dòcha..."
"Na gabhaibh dragh", dh' fhreagair mise, "tha mi an sàs leis an eadar-lìon ùine nas fhaide na tha an companaidh seo beò". Cha robh e cho uabhasach toilichte le sin, ach co-dhiù, reic e am fòn dhomh agus mar sin, tha fòn-làimhe agam a-nis mu dheireadh thall :)
Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Sleite
Beiträge: 1715
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Beitragvon Sleite » Mi Mai 17, 2006 3:40 pm

Ha ha ha ha ha, gasta, a Mhona. 's toil leam an sgeulachd agad agus fiu's a bharrachd is toil leam an dòigh agad bruidhinn ri daoine a tha ag iarraidh sgudal a reic dhut. Dìreach gasta, a bhana-bhuidseach.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Mi Mai 17, 2006 6:00 pm

Dildo le comas dannsa - chan eil sin dona idir! Dè' stoidhle dannsa?

Is toil leam cuspairean do dh' Inbhich an-seo.
Mìcheal :D
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

graisg
Beiträge: 214
Registriert: Mi Mär 24, 2004 2:40 pm
Kontaktdaten:

Beitragvon graisg » Mi Mai 17, 2006 11:46 pm

Nì cùmhnant a’ chuis airson ‘contract’ saoilidh mi Mhòna.

Tha fhathast seann Nokia agam, thug caraid dhomh e o chionn fhada nuair a bha e a’ feuchainn cuidhteas faighinn dheth. ‘S matha rinn thu. Nach eil feadhainn de na fònaichean ùra dìreach sgriosail? Togaidh iad fuinn a chuireas tu a-mach às do chiall agus bidh iad gad dhalladh le solais a bheireadh cothrom dhut a bhith a’ faicinn chaisteil Dùn Èideann san dorchadas.
:)
An leabhar a bha 'too racy' dhaibh?
Reul Chearbach Air Chuairt
http://myweb.tiscali.co.uk/narann/thill.pdf

Agus blog ri fhaicinn aig:
http://inbhirnarann.blogspot.com/

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Do Mai 18, 2006 8:14 am

Oh, na fuinn, is beag orm sin! Nach mi-mhodhail a tha na deugairean nan suidhe anns a' bhus no anns an trèana agus a' cluich fuinn neònach no òrain gòrach air na fònaichean aca fad na h-ùine?

Ach tha sgeul inntinneach agam mu dheidhinn sin cuideachd: O chionn greis chaidh mi a dh' Essen air an trèana, airson dol do na bùithean agus cèilidh air caraid. Faisg orm, aig ceann a' charbaid, bha buidheann dheugairean gu math òg, is dòcha 13 no 14 a dh' aois. B' e nigheanan a bha anns a' mhòr-chuid, ach bha balach no dhà ann cuideachd. Agus mar as àbhaist bha na balaich a' feuchainn ri buaidh a thoirt air na nigheanan, agus bha na nigheanan a' dèanamh gàire gòrach fad na h-ùine ;) Uill, chan eil sin fhèin cho dona, sin mar a tha iad aig an aois sin agus bha sinn uile coltach ri sin, nach robh?
Agus bha mise ag èisdeachd ri ceòl le headphones (oh tha fios agam, tha facal Gàidhlig ann airson sin cuideachd! Cluasagan, cluasanan? Rudeigin mar sin...) agus an toiseach bha mi coma mu dheidhinn na cloinne.
Ach bha an dàrna balach a' cluich fuaim agus òrain air a' fòn aige gu h-àrd. Bha òrain pop agus rap aige, agus bha fuaimnean neònach aige cuideachd, agus bha fuinn "salach" gu leòr ann cuideachd (chuala mise a h-uile rud ged a bha headphones orm, mar sin tha fios agaibh dè cho àrd a bha e). A-rèir coltais, cha toigh leis na daoine eile sin, a bha nan suidhe timcheall air na deugairean, ach cha robh iad a' gearan ach gu sàmhach, ri chèile.
Bha sin a' dol fad na h-ùine agus bha mòran daoine air an sàrachadh. Uaireannan thuirt cuideigin gum bu chòir dhaibh a bhith rud beag sàmhach, ach cha robh na daoine òga a' toirt gèill dhaibh.
Gu h-obann thuirt duine a bha na shuidhe gu math faisg air na deugairean agus a bha sàmhach gu ruige seo: "Mura chuir thu dheth e a-nis, bidh e briste." Bha na nigheanan uile a' dèanamh gàire agus fhreagair am balach rudeigin mi-mhodhail ris an duine. Rug an duine greim air a' fòn agus bhuail e ri cabar meatailt e, ri thaobh a chathair. Bha am balach mar seo :shock: agus bha a h-ùile duine sàmhach. An uair sin thug an duine pàipear no càirt a-mach às a phocaid agus thug e ris a' bhalach e còmhla ris a' fòn briste. Thuirt e ann an dòigh ciùin agus gu bhith laghach: "Faodaidh do mhamaidh fòn a chuir thugam agus pàighidh mise airson fòn ùr, as-dèidh innse dhi dè thachair leis an fhear seo."
Bha na deugairean gu math sàmhach agus dh' fhalbh iad aig an ath stèisean. Dh' fhalbh an duine as-dèidh sin cuideachd, agus bha na daoine eile uile a' deasbad an robh sin ceart na rinn e no nach robh.
Dè ur beachdan?
Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Do Mai 18, 2006 9:20 am

Uill, mu dheireadh thall fhuair mise fuaim a tha coltach ri fuaim àbhaisteach seann fhòn mar a bha 20 bliadhna air ais. Nise tha fios agam gur e am fòn a bhitheas a' seirm seach tornado a bhriseadh a-staigh. Ach bha e duilich fhaighinn. Rud as beag orm air fòn-siubhail sin gum bi a h-uile duine an dùil gum bi mi deiseil is deònach fònadh aig àm sam bith an latha. Bidh e a' seirm 2 neo 3 tursan agus mise a' ruith tron ghàrradh a-staigh far a bheil am fòn agus e sàmhach. An uair sin bidh iad a' gearan: Dh' fheuch mi ri fònadh thugad ach cha bhi thu a-staigh gach turas a bhitheas mi ga fheuchainn.
Tha mi a' tuigsinn glè mhath na rinn an duine anns a' bhus agus gu ìre is math a rinn e. Is e rabhadh a th' ann gu bheil crìochan aig gach fuaim uaireigin. Tha mise a' fearachdainn gum fàs mi tinn leis na fuaimeanan a bhitheas timcheall orm fad an t-siubhail agus nas trice is nas trice bidh mi a' lorg àiteanan sàmhach airson saor-làithean neo cuideachd taighean-bidh gun cheòl.
Anns a' chafaidh agam tha e toirmisgte don luchd-obrach am fòn-siubhail a chleachdadh fhad's a bhitheas iad ag obair. An toiseach bhitheadh iad a' fònadh fad uaireanan a thìde gun sgur agus thuirt mise gun cuirinn na h-innealan mallaichte a-staigh dhan inneal shoithichean airson greiseig. àite sàmhach a tha anns a' chidsin a-nise.

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

graisg
Beiträge: 214
Registriert: Mi Mär 24, 2004 2:40 pm
Kontaktdaten:

Beitragvon graisg » Do Mai 18, 2006 10:23 am

‚an robh sin ceart na rinn e no nach robh.
Dè ur beachdan?’


Bha, ach feumaidh mi a ràdh gur e rud cunnartach a th’ann a bhith a’ toirt an lagh dhan làmhan fhèin aig àm sam bith. Bidh thusa an sàs shìos aig stèisein a’ phoilis sa bhad agus bidh a leithid de dheugairean air an trèan a dhol dhachaigh ann an fior dheagh shunnd agus a’ gàireachdainn ort. Tha rudeigin eile a tha uaireannan buailteach a bhith tachairt. Am bi athair a’ bhalaich leis a’ fòn bhriste a’ toirt cèilidh fiadhaich le grunn chàirdean agus bataichean baseball air an duine a bhris e?
A bheil an saoghal a’ fàs nas buirbe a h-uile latha no a bheil mise a’ fàs nam bhodach cràbhach? Feumaidh mi aideachadh cuideachd ged a tha fòn-làimhe agamsa sguiribh mi dheth e gus am bi me a’ cur fòn gu cuideigin agus chan eil gu tric a tha sin. Ma bhios rudeigin cudromach bidh daoine ga lorg.
Tha e a’ cosg airgid a bhith bruidhinn ri fòn-làimhe nach eil agus tha mòran dhaoine a’ bruidhinn fad an latha air fònaichean, abair thusa nach urrainn dhaibh a bhith tarraing anail gun fòn-làimhe faisg air an billean.. 17 sgillean gach mionaid a bhith beò? Tha Skype fada nas fheàrr saoilidh mi!

Sin gearain na maidne bhuamsa, bidh mi air ais aig an aon àm a-màireach. :D

Tìoraidh.
An leabhar a bha 'too racy' dhaibh?

Reul Chearbach Air Chuairt

http://myweb.tiscali.co.uk/narann/thill.pdf



Agus blog ri fhaicinn aig:

http://inbhirnarann.blogspot.com/

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Fr Mai 19, 2006 7:28 am

tuilleadh air fònaichean-siubhail: Rud as fuath leam gu dearbh is e sin gun cuir cuideigin fòn le sanas-reic thugam aig an dearbh àm nuair a bhitheas mi a' tilledh bhon obair, toilichte gu bheil mi aig an taigh agus an uair sin bidh am fòn a' seirm fad na h-uine , cuideigin le guth binn air , a' moladh cothroman ceannachd dhomh eadar fior uaireadair Rolex agus a leithid de sgudal neo gnothaichean banca mar chairt-creidis ùr às an Spainnt. Niste, an toiseach dh' fhàs mi gu math fiathaich ach cha robh cothrom air, cha do stad na call-centers fònadh thugam ach tha SEO ag obrachadh: Bruidhnibh Gàidhlig thugaibh! Rinn mise e turas neo dhà agus dh' fhàn iad sàmhach. Chìthear cho feumail a tha an cànan anns an eaconomaidh làitheil agus airson do thaigh a chumail sàmhach is sìtheil.

Chan fhaod sin gearan ach fuasgladh a shireadh.
Amen
smaoin na maidne
le Mìcheal :D
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Fr Mai 19, 2006 8:36 am

Oh, nì mi an aon rud ma bhitheas daoine neònach a' feuchainn ri bruidhinn rium, 'san oidhche aig an stèisean no air an trèana. Tha Gàidhlig feumail gu dearbh!

An cuir call-centers fòn gu daoine air fòn-siubhal airson rudan a reic?? Cha robh fios agam. Chan eil mi ag iarraidh sin. Chan eil mi ag iarraidh gun cuir duine sam bith fòn thugam! Chuir mi gu "sàmhach" an inneal, sin a' chiad rud a rinn mi, agus dh' innis mi do a h-uile duine aig an oilthigh agus do na sgoilearan agam gum bu chòir dhaibh SMS a chur thugam ma tha iad airson rudeigin innse dhomh.
Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~


Zurück zu „spòrs is fealla-dhà“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast