mealladh boireann

Sleite
Beiträge: 1722
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Beitragvon Sleite » Sa Aug 05, 2006 9:17 pm

Bha mi aig Dùn Sgàthaich an-dè còmhla ri Rob. Bha an t-sìde dìreach sgriosail agus cha do rinn sinn mòran. Nuair a bha sinn airson falbh, thionndaidh mi leis a' chàr air rathad beag, caol. Bha Rob gam chuideachadh anns an cùl agus chan fhaca mi an toll romham. Mar sin bha an cuibhle aghaidh anns an toll, agus aon de na cuibhltean air cùlaibh anns an adhar. Càc! Cha do ghluas an càr idir ged a bha Rob a' starrach (??) bhon aghaidh. Chuir sinn clachan agus eabar anns an toll agus fon cuibhle ach cha do thachair càil. Chaidh sinn gu taigh faisg air làimh ach cha robh duine a-staigh. Nuair a thill sinn bha càr eile air parcadh faisg oirnn agus bha dithis a' coimhead air mo chàr bheag anns an toll. Chaidh mi thuca agus chuir mi orm aghaidh mhilis bhoireann agus thuirt mi riutha: "Tha sibh-se a' coimhead òg agus fit."
Thuirt iad: "An e an càr agaibh-se a th'ann an sin?"
"'S e."
"Agus a-nis tha sibh ag iarraidh ar cuideachaidh."
"Hmmm tha. Cha bhi e doirbh. Chan fheum sibh-se," a' coimhead air an tè, "ach a suidhe anns a' chùl agus 's dòcha gum b' urrainn sibhse" a' coimhead air an fhear, "cuideachadh a thoirt gu Rob aig an aghaidh." Ceart ma tha, thàinig iad còmhla rinn agus thuirt mi "Ach bha sibh airson dol dhan dùn co-dhiù, nach robh? Uill, chan eil e cho dona ma tha, tha mo chàr air ur rathad co-dhiù." Agus sin na rinn sinn: Rinn ise suidhe anns a' chùl (far a bheil na bagaichean a' dol anns a' chàr), far an robh an cuibhle anns an adhar, agus Bha Rob agus am fear a' starrach aig an aghaidh far an robh an cuibhle anns an toll. Agus cha do thug e ach 3 diog, agus bha mo chàr beag gorm soar a-rithist.

'S dòcha gum bu choir dhomh sgurr de dhràibheadh....

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Sa Aug 05, 2006 10:17 pm

Mar a chanar sa Ghearmailtis "armachd nam boireannach". :D
Ach sin a thachair rium-sa latha brèagha gu bhith 20 bliadhna air ais ann an Köln (Cologne). feasgar Di-Haoine a bh' ann is na rathaidean glè thrang mar as àbhaist. Air teas mheadhan crois-rathaid Friesenplatz bhris an càr mallaichte agam sìos. cha do rinn an t-inneal solais, bha an crios rubair briste ach cò thàinig agus a chuidich mi ach boireannach aig a bha stocainnean nylon. Chuir i fear dheth, rinn i seòrsa crios dheth agus anns a' mhionaid bha an t-inneal solais ceart gu leòr a-rithist is mise air mo dhòigh. Saoil am bu chòir dhuinn stocainnean nylon a bhith oirnn nuair a bhitheas Ford 'Fiesta againne?

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************


Zurück zu „spòrs is fealla-dhà“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast