Dannsa Mòr Bliadhnail agus Cruinneachadh Mòr

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Beitragvon An Gille Donn » Fr Feb 29, 2008 2:41 pm

A Chàirdean,

bithidh Dannsa Mòr Bliadhnail agus Cruinneachadh Mòr Comann Ceilteach Oilthigh Dhùn Èideann a' dol air adhart air an 8mh den Mhàrt, agus mholainn do gach uile neach a tha cho fortanach a bhith ann an Albainn, no fiù ann an Dùn Èideann aig a' cheart-àm, a dhol ann - b' fhiach e sin, agus Feargaidh Dòmhnallach is Deoch an Doruis a' cluich ! Àidh, agus tha luchd-ciùil ainmeil Gàidhealach eile ann cuideachd, mar is àbhaist. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air http://gael.eusa.ed.ac.uk/highlandannual.html.
Is e seo tachartas a bhitheas fiù gam tharraing fhèin sìos gu D. È. o Obar Dheathain, agus abair gur e seo rud sònraichte anns na làithean seo !

Seadh, fhad 's a bha mi ann an Dùn Èideann airson iar-cheum, bha mi fhèin a' buntainn do Chomann Ceilteach Oilthigh Dh. È., ach an ceartuair fhèin, on a tha mi "air ais" ann an Obar Dheathain, tha mi ann an Comann Ceilteach Oilthigh Obar Dheathain a rithist. Feumaidh mi aideachadh, ge tà, nach eil C.C.O.O.Dh. cho math am bliadhna-sa, on a tha 'n luchd-ciùil a bha againn, fìdhlearan, pìobaran is eile, uile air ceumnachadh an uiridh agus tha e cosmhuil nach do dh' fhàg na seòid mòran às an dèidh...co-dhiù, chan eil mòran ceòl Gàidhealach a' dol aig na cruinneachaidhean againn an ceartuair, seach na cèilidhean - ach is e sin rud gu tur diofraichte...agus tha buidheann leithid a' Chomainn Cheiltich fada na 's boichde as aonais luchd-ciùil ! (Uill, àidh, seadh, tha mi fhèin a' seinn òrain Ghàidhlig air uairibh, às Alba agus às Èirinn, ach chan e seinneadair a th' annam, agus chan eil mi a' cluich aon inneal-ciùil ach na spàin ;) ). Co-dhiù no co-dheth, bithidh dannsa bliadhnail Comunn Ceilteach Obair Dheathain air a' chiad seachdainn den Chèitean 2008, fhad's is fiosrach mi...

Leis gach deagh-dhùrachd,

An Gille Donn

Isbeal
Beiträge: 1018
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » Fr Feb 29, 2008 11:54 pm

Chan eil an ceangal sin ag obrachadh.

Feuchaibh am fear seo:

http://www.tmsa.org.uk/events/tmsa-events.asp?eventID=1162&eventcontactID=505

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Beitragvon An Gille Donn » So Mär 02, 2008 12:28 am

Gun robh math agat as leth do chuideachaidh, Isbeal chòir. Chan eil càil a dh' fhios agam carson nach eil an ceangal a dh' ainmich mi ag obrachadh tuilleadh - bha e ag obrachadh fhathast nuair a chuir mi nam theachdaireachd e. Oooobh, obh, och, och, an teicneolas ! Bha na troichean-choimpiutaireachd r' an cuid cleasan a rithist, na balgairean damainte gun chiall ! ;)

An Gille Donn, is e a' nighe a chuid aodach Gàidhealach gum bi iad glan, grinn, sgiobalta aig ceann na seachdainn seo tighinn... :D

Isbeal
Beiträge: 1018
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » So Mär 02, 2008 12:34 am

Obh obh, dè ni thu gun leine glan, gun leine geal, gun leine glan... :D

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Beitragvon An Gille Donn » So Mär 02, 2008 9:55 pm

Iseabail chòir,

mòran taing dhuit airson a' phuirt-a-beul èibhinn seo, tha e dìreach snog, agus tha mi duilich nach do fhreagar mi an raoir - bha mi chun a dhol a mach dhan Lanntair Gorm, an taigh-seinnse as fheàrr, agus as fhàilteachaile do luchd na Gàidhlig a gheibhear ann an Obar Dheathain an ceartuair - taing do Shanndaidh Brùn, ged nach eil a' Ghàidhlig aige. Ach bithidh Comann Ceilteach Oilthigh Obar Dheathain a' coinneachadh ann, mar a bhitheas Club Gàidhlig Obar Dheathain a cheart cho math (agus bidh coinneamh den Chlub seo air an 4mh den Mhàrt). Cuideachd, bithidh Cèilidh Là Fhèill Phàdruig anns a 'Lampaidh' air an 15mh den Mhàrt, is e ga chur air bonn leis a' Chlub Gàidhlig is a' Chomann Cheilteach. Abair spòrs - agus tha mo lèine uaine glan is grinn 'son a' chèilidh ud cheana ! Àidh, tha seamragan air cuideachd. Aig deireadh an latha, cumaidh mi mo cheanglan ri Gàidheal na h-Albann agus na h-Èireann...cruinn còmhla. Bithidh mo charaid Dara ann, cuideachd, an gille gasda loma-làn deagh-Ghaeilge Chonamara. Gàidhlig Srùth na Maoile gu bràth ! Is e cèilidh gu math Dàilriadanach a bhitheas againn an oidhche ud ! Agus abair gu bheil mi eòlach air na dannsan (...seadh, is e seo an cruth iolra ceart ann an Gàidhlig Earra-Ghàidheal - chan eil 'dannsaichean' aca ann an Colbhasa, Diùrradh is Ìle, is chan eil ann an Cnapadal agus Cinn Tìre a bharrachd). Thùirt mi thuas an seo nach e seinneadair a bh' annam, is nach e mòran de cheòladair a bh' annam na bu mhotha - ach dh' fheumadh tu gam fhaicinn mar dannsair ! Is iomadh ban-oileanach o thìorthan cèin a thug mi a-steach do dhannsa cèilidh Albannach, ge b' e gur ann às na Stàitean. às Èirinn, às a' Ghearmailt 7c. no fiù às an Eilbheis a bha i...agus gheibhear tè à Sgìre Brig (VS) a tha a nis ag obair thall 'am Bern a bheireadh dhuibh deagh-theisteanas air sin ! B' ise mo leannan fad an t-Samhraidh 2006, agus bha sinn air iomadh cèilidh ri chèile. Thachair sinn aig cèilidh air mo cho-latha brèith, an 13mh den Mhàrt, agus tha mi ga h-ionndrainn fhathast - ged a tha sinn fhathast a' sgrìobhadh ga chèile (uaireannan)...Ach co-dhiù, cha tèid mi na 's fhaide na sin, a chionn 's gum buin ar cuid cuimhneachan dhise agus dhomhsa, agus a chionn 's gu bheil na cuimhneachan gam leòn fhathast :( . Tha mi làn dùil is dòchais gun tachair mi ri tè a b' fhiach a leantainn, latha breagha air chòireigin... :) agus tha mi 'n dòchas gur ann air cèilidh sam bith a bhitheas sin a' tachairt. Ach mus tuig neach sam bith ceàrr mi - tha mi measail air cèilidhean airson an dannsa fhèin, is chan e suirghe sa mhòr-chuid a tha fainear dhomh. Sin e mo sgeul, agus mas breug uam e, is breug 'ugam e.

Le meas,

An Gille Donn

Isbeal
Beiträge: 1018
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » Mo Mär 03, 2008 1:34 am

Gu math inntinneach, a ghille, agus tha mi 'n dòchas gum bi caileagan snoga gu leòr - agus dannsaichean beothail cuideachd tha fios - aig a h-uile cèilidh a tha a' tighinn. :)

Tha aon iarrtas agam ort - sgrìobhaidh tu teachdaireachdan gu math fada agus mionaideach. Tha sin a' ciallachadh gu bheil an duilleag glè dhòmhail, agus caran doirbh a leughadh.

An cleachd tu barrachd cinn-ùra goirid, le beàrnan eadarra, ma 's e do thoil e?
'S e luchd-ionnsachadh a th' anns a' mhòr-cùid den daoine an seo, agus bhitheadh sin mòran nas fhasa dhuinn.

Tha e caran doirbh artigailean fada a leughadh air an sgrìon co-dhiù.
:(

Tha mi an dòchas nach eil mi a' dèanamh oilbheum dhut! :)

Mòran taing!

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Beitragvon An Gille Donn » Mo Mär 03, 2008 7:44 pm

Tha seo ceart gu leòr, Iseabail chòir - nì mi mo dhìchioll. Leis an fhìrinn ghlan innse, agus dh' fhaoidte gun d' thùirt mi seo roimhid, chan eil mi fhèin airson na teachdaireachdan a fhàs cho fada... :o

Is e gu bheil mi dìreach a' cumail orm a rèir sreath mo smaointean, is iad mar tonntan anns a' Ghàidhlig - aig deireadh an latha, is e Acsail Òg nan Ròn am far-ainm a th' orm ;) ! Innsidh mi uaireigin eile carson, dh' fhaoidte gum bitheadh e inntinneach do Mhona chòir a dh' fhoillsich sgeulachd ann an Gath o chionn greiseig mu mhaighdeann-ròn.

Chòrd seo rium, is mi fhèin uabhasach measail air Sliochd nan Ròn, anns na sgeulachdan agus anns an t-saoghal mar a tha...Co-dhiù, sin sgeul eile an ceartuair.

An robh fios agaibh air cho cunnartach is a dh' fhaodas cèilidhean a bhith ? Uill, chan e dìreach na cèilidhean fhèin no na dannsaichean per se, ach mar a tha e ann an iomadh seagh eile, ann an spòrs no ann an dràibheadh càraichean - is e na daoine a tha gan dèanamh cunnartach !

Uill, cha bhi tubaistean a' tachairt air gach uile cèilidh, ach mhair mi fhèin troimh mo chuid cunnartan :D . Mar eisimpleir, chaidh mi gu cèilidh ann an Dùn Èideann, anns na Seòmraichean-Cruinnichidh (no Assembly Rooms, mar a theirteadh sa chànan nach ainmich mi), air 1mh den Ghiblean 2006, cuide ri m' leannan...

...agus mu dheireadh na h-oidhche, fhuair mi buille trom air mo cheann le uillnean na càraid a bha a' dannsadh seachad oirrn, is sinne a' dèanamh Riverside Jig (Port Bruach na h-Abhann). Ochòn, mo leòn ! Ged nach robh mi buileach cho dona, chaidh mo chur am broin tacsaidh lem' leannan agus Karen, an tè a chuir an cèilidh air bonn, is chaidh sinn a dh' ionnsaigh togalaichean ùra Ospadail Rìoghail Dhùn Èideann anns a' Fhraing Bhig. :shock:

Uill, fhuaras fios nach robh e dhà-rìribh cho dona, agus bha mi a' coiseachd ann am Monadh Lodainn (no Monadh Pheanlainn) an ath-latha. Cha b' fheudar dhomh coiseachd fad seachdainn às dèidh na dara tubaist a bh' agam air cèilidh (Cèilidh Fhèis Obar Dheathain), agus bha dannsa agus coiseachd-monaidh toirmisgte dhomh fad mìos. :shock: :shock: :(

Abair droch-naidheachd ! Abair sàrachadh !

Fhuair mi a' mhìos mhuladach ud seachad, a dheòin no a dh' aindeòin, agus - taing don Àigh ! - cha robh tubaist eile agam air cèilidh on àm sin, is mi an dùil is an dòchas nach bi (*gnogadh fiodha*), ach cha stadadh sin co-dhiù mi o bhith a' dol air cèilidhean.

Cha stadadh. Nach e gaisgeach à Hesse Uachdrach a th' annam, aig deireadh an latha ?! Agus nach e gaisgeach nan cèilidhean a th' annam, co-dhiù-dhiù ? ;)

Ach nach innsibh dhomh mu dhèidhinn ur cuid tubaistean fhèin air cèilidhean, ma thachair an leithid dhuibh riamh ? Siuthadaibh !

Le meas,

An Gille Donn

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Di Mär 04, 2008 9:35 am

Saolidh mi gur ann cunnartach a tha na taighean-seinne Albannaich. Tha fear ann ann an Hamburg, agus chaidh mi ann Di-Haoine. Bha ceòl ann, agus neach sam bith a dannsa ach mise. Uill, bha tòrr Gearmailtich ann gun teagamh :P

Bha mi airson dol dhachaigh mu mheadhan-oidhche, ach thuirt an òsdair: carson nach fuirich thu airson greis, gheibh thu glainne uisge-beatha saor an-asgaidh. Dh'fhuirich mi le caraid, agus cha deach mi dhachaigh ach aig ceithir uairean 's a mhadainn, air glainne eile no dhà ghabhail. No an e trì no ceithir glainneachan no tuilleadh a bh' annta, chan eil cuimhne sam bith agam Bild

An latha an dèidh sin, cha robh mo cheann uabhasach toilichte agus cha d' rinn mi ach cadal. :(
'S e saoghal a th' anns gach cànan

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Beitragvon An Gille Donn » Sa Mär 08, 2008 1:55 pm

Uill, a Chairdean,

tha mi ann an Dun Eideann an ceartuair, airson an Dannsa Bhliadhnail a sgriobh mi mu dheidhinn roimhid, agus bha deagh-oidhche againn cheana ann an Sandy Bell's an raoir. Ach direach an ceartuair fhein, chan eil mi ann an deagh-thrum, is ann dile againn a muigh. :P

Bha mi airson coiseachd ann an coilltean is paircean Taigh Mor Hopetoun air bruachan na Foirfe, ach cho bog-baithte fliuch is a tha e an ceartuair, chan fhaighinn's fiu gu Cathair Amain no gu Suidhe Artair, gun fhacal a radh mu Mhonadh Pheanlainn...Chaidh mo thuras a bhathadh, ma tha ! :x

Daingeadaidh !!! O an droch-latha damainte na gala, tha mi lan duil is dochais gum fas e nas fhearr fhathast gum faigh mi beagan coiseachd mus toisich an dannsa...

Durachdan,

An Gille Donn

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Beitragvon An Gille Donn » Di Mär 11, 2008 11:17 pm

A Chàirdean,

tha mi duilich gun robh mi beagan searbh anns an teachdaireachd mu dheireadh thuas an seo, agus fiù car garbh, ach chan ann gach uile latha a tha mac an duine air an dòigh. Seadh, gheibhear cùisean fada na 's miosa agus na 's duilghe na sin.
Dh' fhaodainns innse dhuibh mar a thachair dhomh air oighreachd Hopetoun, ach chan e cùis dhuilich a bh' ann sin, ach cùis nàire...ach bu chòir sin a bhith fo 'phoileataigs'. Agus sin sgeul eile.

Co-dhiù, b' fhiach Dannsa Mòr Bliadhnail Comunn Ceilteach Oilthigh Dhùn Èideann a bhith ann, agus bha Feargaidh còir cho math agus is àbhaist dhà. Agus cha robh 'n comhlan eile na bu mhiosa, a bharrachd...rinn iad sàr-cheòl, na balaich aig Deoch an Doruis, ann am fìor-stoidhle Earra-Ghàidheal is Lochabair.

Agus ged a bha mo chnàmhan fhathast car righinn, bha mi air cèilidh eile an raoir...seadh, air dannsa a rithist. Agus cha bu mhisde leam e. Bha an comhlan glè òg, ach sgileil. Agus is e 'An Gille Dubh' a th' orra mar ainm.

An Gille Donn air chèilidh an Gille Duibh... ;)

Uill, bithidh tuilleadh cèilidhean aig ceann na seachdainn seo, mar a thùirt mi ann an àite eile.

Mar sin leibh,

An Gille Donn

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Di Mär 18, 2008 11:36 am

Tha mi toilichte gun robh oidhche taghta agad :D
'S e saoghal a th' anns gach cànan


Zurück zu „spòrs is fealla-dhà“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast