Seachdainn Fhèill Phàdraig ann an Obar Dheathain

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Beitragvon An Gille Donn » Mi Mär 12, 2008 10:24 pm

A Chàirdean chòir,

thòisich seachdainn Fhèill Pàdruig oidhche Diluain le cèilidh ann an Lanntair Gorm Shanndaidh Brùn, no anns a' Lampaidh (mar as fheàrr a dh' aithnichear e). Mairidh an t-seachdainn mhòr seo gu Là Fhèill Phàdraig fhèin, agus mar a thug mi iomradh air cheana ann an àite eile, bithidh dà chèilidhean gu math Gàidhealach a' dol air adhart aig ceann na seachdainn seo (nach eil buileach cho fada air falbh a nise - càite an deach an ùine ?):

Cèilidh Fhèill Pàdraig a' Chomuinn Cheiltich

is e a' toiseachadh aig 8:00 f ann an Talla Elphinstone Cholaisde an Rìgh
ann an seanbhaile Obar Dheathain, ticeadan air 4 not do bhoill is clann, agus air 5 not do dhaoine eile.

Bidh ceòl ann le 'Cherry on the Cream' (tha mi duilich, ach ged a gheibhear luchd na Gàidhlig anns a' chomhlan seo, is e ainm Beurla a th' orra...)

Agus bithidh an aon chomhlan a' cluich an ath-oidhche air

Cèilidh Fhèill Phàdruig Club Gàidhlig Obar Dheathain

bho 9:00 f gu Meadhon-Oidhche (agus fiù na 's fhaide na sin, ma thogras Sanndaidh còir) anns a' Lampaidh.

Mar sin, ma tha cuid agaibh anns a' bhaile seo no anns a' sgìre, bithidh fàilte oirbh uile ! :)

Leis gach deagh-ghuidhe, agus Fèill Phàdraig sona dhuibh,

An Gille Donn

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Di Mär 18, 2008 11:40 am

A bhil thu glè chlaoidhte a-nis, a Ghille?

Bild

Duilich ach chan eil dealbh eile agam a' dannsa cho brèagha mar sin :P
'S e saoghal a th' anns gach cànan


Zurück zu „spòrs is fealla-dhà“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast