Co-labhairt 'Cleachdadh na Gàidhlig' SMO

caraidean na Gàidhlig air feadh an t-saoghail
Isbeal
Beiträge: 1014
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Co-labhairt 'Cleachdadh na Gàidhlig' SMO

Beitragvon Isbeal » Mi Jul 08, 2009 12:03 am

Artaigil anns an Albannach an t-seachdain sa chaidh:

Mar ghabhas 'cleachdadh na Gàidhlig' a thomhas

http://news.scotsman.com/gaelic/Mar-gha ... 5407518.jp

Tha iomraidhean gu math buantainneach rinn fhìn ann:

.......... Mar a chualas aig toiseach chùisean, dh'fhaodadh cruinneachadh no conaltradh sam bith a bhith 'na choimhearsnachd, agus bha sin a' ciallachadh gun robh daoine a' bruidhinn air farsaingeachd chuspairean leithid planadh, reachdas, cainnt dhaoine 's mar tha i ag atharrachadh, luchd ionnsachaidh anns a' Ghearmailt, coimhearsnachdan air-loidhne, 's na sgilean cànain aig daoine 'nan àite-obrach, cho math ri coimhearsnachdan fhèin.....

Bha bean agus nighean Aonghais Phadruig Chaimbeil a' bruidhinn an-sin cuideachd, ciamar a bha e Gàidhlig a chleachdadh san teaghlach:

.............Bhruidhinn a nighean Màiri le faireachadh 's le gliocas air cho nàdarra 's a bha e dhi fhèin, dh'a peathraichean 's dh'a bràthair Gàidhlig a bhruidhinn ri càch-a- chèile. Mar thuirt i mu deidhinn fhèin 's a piuthar Steaphanaidh, agus an dithis aca ann an Sgoil Chiùil Moire an Dùn Èideann a-nis, "Chan eil gu diofar dhomh fhìn no do Steaphanaidh an ann an Slèite no air Sràid a' Phrionnsa tha sinn, tha sinn an còmhnaidh a' bruidhinn Gàidhlig ri chèile."

Nach bu chòir dhuinn uile, a tha a' cleachdadh na Gàidhlig, a bhith ag amas air a-sin.


Tha mi ceasnachail - dè na h-aithrisean a bhios aig Mìcheal agus Mona nuair a tha iad air ais agus ùine is cothrom aca barrachd innse dhuinn?

:D

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Mi Jul 15, 2009 9:10 pm

Tha agus mise - dè thuirt iad mu ar deidhinn? :twisted:
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Fr Jul 17, 2009 9:33 am

Uill a-nist:
toiseach-toiseachaidh - tòrr deasbaidean mu figearan is statistics - rud nach toil leam idir. An uair sin: Mar a rinn a' Chuimrigh agus dè ghabhas ionnsachadh agus mu dheireadh thall mar a tha suidheachadh ann an Alba.
Agus chan eil sin dòchasach idir mar a bha dùil.
Ma bhithear onarach is fosgailte feumar ràdh gu bheil tòrr iomairtean a' feuchainn ri cùisean atharrachadh ach nach eil dad ag obair gu ruige seo.

Bhruidhinn mi fhìn mun luchd-ionnsachaidh anns a' Ghearmailt agus ciamar a thèid fhàilteachadh ann an Alba, am bi na Gàidheal deònach Gàidhlig a bhruidhinn riutha agus gum feum sinn luchd-tadhail bho dhùthchannan cèin a chleachdas na goireasan Gàidhlig don luchd-turais, oir mura bi cha bhi ach sgeadachadh aig na sanasan turasachd Gàidhlig amsaa.

Sin mar a bha e gu goirid.


An uair sin bha mi ann an Uibhist fad cola-deug, Ceòlas agus rinn mi tòrr sgrìobhaidh, sgioblaich mi na mp3 airson an leabhair-theagaisg agus thadhail mi air caraidean.


Mìcheal

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Catriona
Beiträge: 640
Registriert: Do Jan 12, 2006 5:51 pm
Wohnort: Essen

Beitragvon Catriona » Fr Jul 17, 2009 11:58 am

@ Mhìcheil,

an robh thu anns an eadar-àm san Eilean Leòdhais?
Smaoinich mi gum faca mi an càr agad san rathad bho Liurbost gu
Gearraidh na h-Aibhne no bha e bho Steòrnabhagh gu Barabhas (chan eil mi cinnteach)?

Caitrìona

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Fr Jul 17, 2009 2:58 pm

Bha. Bha mi an Steòrnabhagh aig MG Alba agus chaidh mi tro Liurbost:-))


Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Sa Jul 18, 2009 10:48 am

Nach an beag a th' ann an saoghal na Gàidhlig :lol:
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Isbeal
Beiträge: 1014
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » Di Aug 11, 2009 7:58 pm

Mòran taing airson na h-aithris sin, a Mhìcheil. A bheil ceangal sam bith agad ri làimh ri aithrisean ofigeil anns na pàipearan-naidheachd no aiteigin eile? Tha mi dìreach air ais agus chan eil tìde agam a bhith a' rannsachadh an-dràsda.

Tha mi an dòchas gum b' urrainn dhut fois a ghabhail is anail a leigeil a dh'aindeoin na h-obrach agad!


Zurück zu „a' choimhearsnachd eadar-nàiseanta“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast