Naidheachdan Gàidhlig bhon 'The Sun' air My.Gaelic

caraidean na Gàidhlig air feadh an t-saoghail
Isbeal
Beiträge: 1014
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Naidheachdan Gàidhlig bhon 'The Sun' air My.Gaelic

Beitragvon Isbeal » Sa Apr 18, 2009 6:00 pm

Artaiglean goirid mu cuspairean eadar-dhealaichte, gu math furasda. Dòigh sgrìobhaigh rudeigin diofaraichte bhon BhBC (agus saoghal eadar sin agus an t-Albannach!) agus mar sin inntinneach mar coimeas. :D


http://www.thescottishsun.co.uk/scotsol ... 323758.ece

M.e.
Bha an nighean againne 17 ’s bha còir aig an fhear a mharbh i 17 bliadhna prìosain fhaighinn

A-raoir, thuirt athair na nighinn-sgoile a chaidh a mhort gum bu chòir dhan duine a mharbh i co-dhiù 17 bliadhna prìosain fhaighinn — bliadhna prìosain airson gach bliadhna de bheatha ghoirid na nighinn aige.

Le chridhe briste, thuirt Kenny Stiùbhart sin an dèidh dhan fhear a mhort i, Iain MacUilleam, binn de dhusan bliadhna prìosain fhaighinn airson Michelle, a bha na leannan aige aig aon àm, a shàthadh le sgithinn bhon nach do chuir i diù ann nuair a choinnich iad air an t-sràid.

Bhiodh MacUilleam air 16 bliadhna prìosain fhaighinn, ach chaidh a’ bhinn a lùghdachadh bhon a dh’aidich e an ionnsaigh bhrùideil.

A’ bruidhinn air taobh a-muigh na h-Àrd Chùirt ann an Glaschu an dè, thuirt Kenny, “Bha dùil agam gum faigheadh e 17 bliadhna – bliadhna prìosain airson gach bliadhna de bheatha Michelle.

“Chan eil Michelle air ceartas fhaighinn idir.
“Nuair a tha thu 17 no 18 bliadhna a dh’aois, tha an saoghal mòr mud choinneamh, ach tha sin a-nis air a bhith air a thoirt bhuaipe.”

Bha Josephine, màthair Michelle, a’ feuchainn air na deòir a mhùchadh nuair a thuirt i: “Fhuair e lùghdachadh anns a’ bhinn a’ chionn ’s gun do dh’aidich e a chiont – chan eil sin ach an ìre mhath ag ràdh ‘thalla agus mort cuideigin, aidich do chiont agus gheibh thu lùghdachadh anns a’ bhinn.” ...............................

http://www.thescottishsun.co.uk/scotsol ... 382222.ece

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Sa Apr 18, 2009 6:05 pm

Tha an Gàidheal Ùr marbh agus tha A' Ghrian Albannach beò :D
Abair ceum air adhart! Pàipear-naidheachd le naidheachdan an latha sa Ghàidhlig. Meal a naidheachd!



Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************


Zurück zu „a' choimhearsnachd eadar-nàiseanta“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast