'Eil B na G a' cosg airgid air seìrbheis a th' ann mar-thà?'

caraidean na Gàidhlig air feadh an t-saoghail
graisg
Beiträge: 214
Registriert: Mi Mär 24, 2004 2:40 pm
Kontaktdaten:

'Eil B na G a' cosg airgid air seìrbheis a th' ann mar-thà?'

Beitragvon graisg » Sa Jan 24, 2009 7:16 pm

Tha an cuspair seo air duilleagan an Albannach ruigsinn a-nis agus sgrìobh Seon C Caimbeul artaigil. Mar as àbhaist tha na beachdan tighinn a-steach cuideachd

‘Eil Bòrd na Gàidhlig a' cosg airgid air seìrbheis a th' ann mar-thà?’
le Seon C Caimbeul

'Tha cuid a-mach air cho mì-fhreagarrach, leanabail, 's a tha an t-ainm "mygaelic.com", agus gum bi e 'na "rathad cosgail nach eil a' dol àite". Tha cuid eile ag ràdh nach eil Bòrd na Gàidhlig fosgailte gu leòr anns na dòighean maoineachaidh aige.'

Gus an còrr agus freagairt bhon bhòrd fhaicinn Gheibhear tuilleadh air làrach an Albannach:
http://news.scotsman.com/gaelic/Eil-Brd ... 4909783.jp




.
An leabhar a bha 'too racy' dhaibh?
Reul Chearbach Air Chuairt
http://myweb.tiscali.co.uk/narann/thill.pdf

Agus blog ri fhaicinn aig:
http://inbhirnarann.blogspot.com/

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Sa Jan 24, 2009 8:01 pm

Uill, chan eil mise a' tuigsinn carson a cuirear ainm Beurla ri làrach-lìn do Ghàidheil - ach tha a leithid cho cumanta ann an Alba.

Ach a bharrachd air an sin bidh mi a' feitheamh gus am faic mi an làrach ùr seo. Airson suim aigid cho àrd ri 250.000 no feumaidh gur e rud uabhasach math a bhios ann - rud a bhios a' toirt a-staigh tuilleadh na dìreach seòrsa leabhar-aodainn :D (facebook).
Ach chìthear co ris a bhios e coltach agus bidh cothrom gu leòr ann gearan mu dheidhinn, tha fhios.


Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************


Zurück zu „a' choimhearsnachd eadar-nàiseanta“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast