Dwelly air loidhne - beachdan

caraidean na Gàidhlig air feadh an t-saoghail
Isbeal
Beiträge: 1014
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Dwelly air loidhne - beachdan

Beitragvon Isbeal » So Jan 18, 2009 3:22 pm

Seo pìos beag bhuamsa mun làrach-lìn ùr Dwelly air loidhne www.dwelly.info
Sgrìobh me e airson rudeigin eile, ach 's dòcha gu bheil ùidh agaibhsa cuideachd.

***********************************

An t-seachdain seo nochd làrach-lìn ùr air an robh iomadh Gàidheal agus neach-ionnsachaidh a’ feitheamh – am faclair ainmeil Dwelly air loidhne. Tha e doirbh gu leòr luach freagarrach a chur air am faclair fhèin, leabhar tiugh ud, seòrsa ùghdarras ach beagan às dèidh a’ Bhìobaill ann an dachaighean air feadh na Gàidhealtachd. Ach ’s ann nas dorra a bhios e tuaiream a thoirt air buaidh an fhaclair-dealain seo air a’ Ghàidhlig san àm ri teachd. Cluichidh an lìonra Gàidhlig air an eadar-lìon pàirt bunaiteach ann an ath-bheothachadh na Gàidhlig , agus is fhada bho bha feum air a’ ghoireas dhealanach seo.

Is iad Mìcheal Bauer agus Uilleam MacDhonnchaidh a thug an obair mhòr sin gu buil, agus ’s ann gun taic-airgid sam bith bho Bhòrd no Riaghaltas.

A bharrachd air brìgh na lèim moire seo a-steach dhan linn ùr, tha doighean ùr eadar-dhealaichte an stòras beartach aig Dwelly a cleachdadh, mar a chìthear.

Gabhaidh faclan rannsachadh Gàidhlig gu Beurla (mar anns an leabhar) agus Beurla gu Gàidhlig cuideachd – ceum fìor chudromach. Faodaidh sibh pairt de dh’fhacal no dà fhacal ceangailte no abairt làn a lorg, no air iomadh doigh eile, mar a thathar a’ mineachadh anns an roinn ‘Cuideachadh’, air Gàidhlig agus Beurla . ‘S e cothrom thar luach dhan luchd-ionnsachaidh a tha sin.

Tha am mòr-eòlas ainmeil agus fiosrachail Dwelly nas fhasa ri fhaighinn, m.e. lorg ‘quern’ (gun fheum air an fhacal Gàidhlig).
’S urrainn dhut Gàidhlig bho sgìre sònraichte a lorg, mar ‘Easter Ross’, no cuspair sam bith a rannsachadh, mar ‘iasg’. Gabhaidh eisempleir faicinn an sin air iomradh pearsanta le Dwelly: ‘the skate is most unjustly underrated by the natives of the West coast of Scotland’, agus air mìneachadh gràmair (‘close compound’): ‘iasg-loch, with hyphen and consequent accent on loch, means a fresh-water or loch-fish’.

Feumaidh gach Gàidheal a bhith fìor thaingeil airson seo.

(Agus fhuair e molaidhean anns na Pàrlamaidean Albannach agus Breatannach:

http://edmi.parliament.uk/EDMi/EDMDetai ... ESSION=899

http://www.foramnagaidhlig.net/foram/vi ... sc&start=0 )

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » So Jan 18, 2009 10:33 pm

Rinn iad obair mhòr agus tha iad àiridh air gach moladh!
Agus tha amharas agam gu bheil fios agam cò dha an do sgrìobh thu am pìos seo sa chiad dol-a-mach 8)

Is math a rinn thu.

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************


Zurück zu „a' choimhearsnachd eadar-nàiseanta“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast