facebook sa Ghàidhlig - Dè ur beachd?

caraidean na Gàidhlig air feadh an t-saoghail
Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

facebook sa Ghàidhlig - Dè ur beachd?

Beitragvon Micheal » Mi Jan 07, 2009 8:59 pm

Bha sin anns na pàipearan an-diugh fhèin:

The Sun: Gaelic double click

"SCOTLAND'S 60,000 Gaelic speakers are to get their own version of
Facebook.
Rosemary Ward and Gillian Thompson are launching their social
networking site mygaelic.com later this month. "

"We'll have links to various places where people can take courses to
learn Gaelic. There will also be news links. It's going to be
accessible all over the world and it means ex-pats can find out
what's going on in the Gaelic-speaking world."

"The girls hope the website will become as popular as Bebo and
Facebook in Scotland.
Each new user will have to set up a profile, where they can add
friends and chat.
Rosemary, who is acting CEO for Bòrd na Gàidhlig, the Government body
responsible for Gaelic speakers, said: "You set up your own social
networking profile, have a group of friends, send messages and add
comments."

The site has been under construction for almost two years, and is
finally nearing completion. It cost £250,000 to set up and was funded
by Bòrd na Gàidhlig.

"Gilllian, director of IT firm Creative Cell, said: "We first got the
idea for the site in February 2007 and have been working on it ever
since"

Full story here on the Sun site:
http://www.thescottishsun.co.u.....099049.ece

Agus tuilleadh bho làrach eile:

A GLASWEGIAN who can't speak a word of Gaelic dreamt up Scotland's
new Celtic social networking site.

Hot on the heels of Facebook and Myspace, Scotland's 60,000 Gaelic
speakers now have their own version - mygaelic.com

And English-speaking web surfers will be able to tr*nsl***** the site
from the native tongue into English at the click of a mouse.
Gillian Thompson, 31, pitched her idea of a Gaelic facebook-type
website to the Bord an Gaidhlig who were looking for ways to reach
out to Scots and encourage them to learn the traditional language.
Despite being from the Central Belt and with no knowledge of Gaelic,
Gillian wanted to help the Bord an Gaidhlig promote the language.
And she was stunned when they agreed to fund the £250,000 site.

http://deadlinescotland.wordpr.....e-net-446/

Saoil an soirbhich sin?
A bheil sin feumach air?
An cleachd sibh fhèin e?
Agus carson?
An toir e rud ùr dhuinn seach na goireasan eile a cleachdair air an eadar-lìon mar-thà?

An dòchas gun adhbharaich seo deasbad inntinneach.


Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Isbeal
Beiträge: 1028
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » Mi Jan 07, 2009 9:49 pm

Leugh mi mu dheidhinn sin nuair a bhathar a' taisbeanadh am plan sin a' chiad thuras.

Bha mise den beachd aig an uair sin gun robh - 's dòcha - làrachan-lìn soisealta Ghàidhlig eile ann mu thrath, mar Foram na G. is fòraman eile, agus tha buidhnean G. air Facebook mu thrath cuideachd, far an urrainn luchd na G. pairt a ghabhail, mar a bhios ùidh aca air rudan mar sin anns an eadar-lìon.

Anns an eadar-àm tha Abair Thusa auch ann, a tha ag obrachadh rudeigin gu coltach ri Facebook.

Chan eil fhios agam a bheil daoine deònach gleusad air falbh bhon na làrachan-lìn sòisealta abhaisteach aca neo am bi tìde aca pairt ann an dà (no barrachd air dà) làrach a ghabhail. Bidh mòran neach na Gàidhlig a' bruidhinn Gàidhlig a chèile air Facebook/Myspace/Bebo mu thrath co-dhiù, agus anns a' Bheurla le caraidean eile air an aon làrach-lin. Gun trioblaid sam bith, rud gu leir nàdarrach.

Saoil gum bi e bliadhna no dhà ro anmoch?

Chan urrainn dhan làrach-lìn ùr seo obrachadh dìreach mar Facebook /Bebo amsaa, air sgàth 's nach bi e fìor fheumail airson bruidhinn ri a h-uile caraid (no 'caraid' 8) ) gun Ghàidhlig (cha bhi iadsan airson a h-uile rud mar eadar-theangachadh a leughadh, saoilidh mi), agus 's e sin dìreach an adhbhar airson làrachan-lìn sòisealta fosgailte mar Facebook.

Mura bhios mòran luchd na Gàidhlig ga cleachdadh, nach ann ach luchd-ionnsachaidh, chan e rud nadarra is furasda is 'aotrom' gu leòr a bhios ann.

Gur math a thèid leis, co-dhiù. 'S dòcha gun cleachdadh mi fhèin e, fiu 's ach à dhlùth-chomann. Ach tha mi an dòchas nach e 'Gaelic learners chatroom' eile a bhios ann!

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Mi Jan 07, 2009 10:08 pm

Hmm, tha mise a' smaoineachadh gu bheil sin cus. Tha mi nam bhall ann an tòrr làrach-lìn mar-tha. An-seo, fòraman eile, Myspace, Facebook, a.m.s.a.a. Carson? O chionn 's gu bheil cuid de na caraidean agam an-siud, cuid eile an-sin... chan eil mi ag iarraidh làrach eile.

Bhitheadh e snog nam bitheadh na làraich mhòra, mar Facebook, no na prògraman messenger, mar Skype, rim faighinn ann an cànanan eadar-dhealaichte. Mar eisimpleir, aig Facebook faodaidh mi a h-uile rud atharrachadh gu Fraingis, Spàintis, Eadailtis, cànanan mòra eile, agus tha fiù 's Cuimris ann, ach chan eil Gàidhlig. Tha Skype ri fhaighinn ann an ~25 cànanan mòra.
Bhithinn-sa toilichte nam b' urrainn dhomh-sa a h-uile rud air a' choimpiutair agam a chur gu Gàidhlig - no gu cànanan sam bith eile, gu Innis Tìlis, mar eisimpleir, bhitheadh sin èibhinn.

Air an làimh eile, 's urrainn dhomh Gàidhlig a bhruidhinn air Skype no Facebook, no cànan sam bith eile a thogras mi, fiù 's ma tha na rudan eile anns a' Bheurla. Coma co-dhiù. Faodaidh mi gach cànan a chleachdadh còmhla ri mo charaidean an-sin.
Ann an dòigh, tha e fada nas inntinneach agus èibhinn cànanan beaga a bhruidhinn air làrach mar Facebook... tha tòrr caraidean agam an-sin aig nach eil Gàidhlig, mar eisimpleir, agus nuair a bhitheas iad a' coimhead air an duilleag agam, bi iad ag ràdh: Oh, dè an cànan neònach a tha sin? Agus an uair sin bidh mi a' mìneachadh mu dheidhinn na Gàidhlig, agus uaireannan bidh ùidh aig cuideigin innte. Cha bhitheadh sin a' tachairt ann an coimhearsnachd le Gàidhlig a-mhàin - cha rachadh duine sam bith eile ann.
Is toigh leam a h-uile chànan a chleachdadh troimhe-chèile. An dàrna latha sgrìobhaidh mi rudeigin air Facebook ann an Innis Tìlis, an latha eile ann an Liotauis, an latha eile sa Ghàidhlig :) Sin mise.
Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Isbeal
Beiträge: 1028
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » Do Jan 08, 2009 2:45 am

Beachdan inntinneach anns an artaigil an seo agus anns na freagairtean gu h-ìosal:

http://forargyll.com/2009/01/expensive- ... -facebook/

Abair Thusa air iomradh a-rithist....

graisg
Beiträge: 214
Registriert: Mi Mär 24, 2004 2:40 pm
Kontaktdaten:

Beitragvon graisg » Do Jan 08, 2009 11:48 pm

'Saoil gum bi e bliadhna no dhà ro anmoch? 'Thuirt Isbeal

Saoil gu dearbh a charaid. Beachd a th' agamsa, carson nach eil fòram ri fhaighinn air làrach Bòrd na Gàidhlig no Clì, no Cnag? - Bhiodh sin a' toirt cothrom dhaibh beagan conaltraidh a' dhèanamh leis a' chòimhearsnachd.
A bharrachd air sin, am faca duine sam bith an iomairt a tha seo air Facebook. 375 de bhallrachd gu ruige seo:

Dèan Facebook ri fhaighinn anns na cànain againn fhéin.
Tae pit Facebook ower intae wir ain tung.
To make Facebook available in the native languages of Scotland.

GÀIDHLIG

Tha Facebook ri fhaighinn ann an tòrr cànain eadar-dhealaichte. Tha seo air sgàth a' ghoireis-eadar-theangachaidh, far an urrainnear Facebook a chur ann an iomadh cànan. An-dràsta, chan eil a' Ghàidhlig neo Albais am measg nan cànan taghta seo, ged a tha Pirate English agus na cànain ceilteach eile ri fhaighinn. Chaidh a' bhuidheann seo air cois gus Facebook a bhrosnachadh gus Ghàidhlig agus Albais a thabhann tron ghoireas-eadar-theangachaidh air sgàth 's gu bheil daoine gu leòr air Facebook aig a bheil na dà chànan seo.
Feumaidh sinn sealltainn gu Facebook dé cho mór 's tha sinn ag iarraidh seo! Thoir fios dhan chàirdean agaibh mun bhuidheann seo!

SCOTS

Ye can git Facebook in mony diffrent leids. This is due tae the tr*nsl***** application whaur fowk are able tae pit Facebook intil their ain tung. The nou, Scots or the Gaelic urnae in amongst the yins ye can dae this wi, yit ye can wi Pirate Inglish. This group is tae peteition Facebook intil makkin Facebook availabeil tae be tr*nsl***** intil wir ain leid.
We'll need tae let Facebook ken jist how keen we ur fur this tae happen, sae let aw yer pals ken aboot this groop!

ENGLISH

Facebook is available in many different languages, including Irish Gaelic and Welsh. This is possible due to the tr*nsl***** application where users can tr*nsl***** Facebook into their own language. So far Scottish Gaelic and Scots are not available to be tr*nsl*****, but Pirate English is. This group is to ask Facebook to make these languages available, and to show the significant community of Gaelic and Scots speakers there is on Facebook.
We need as many people as possible to join, so invite all your friends!

375 de bhallrachd air a' bhuidheann sin gur ruige seo. Gheibhear tuilleadh an seo:
http://en-gb.facebook.com/grou.....1619519957

Seall na sgrìobh fear eile mar fhreagairt:
'We should all work together to get both of Scotland's indigenous languages onto Facebook by requesting both. Throughout history the Scots and Gaelic languages have been pitted against each other, each claiming to be the only true national language of Scotland. The truth is that both are equally important and equally Scottish. Variety is the spice of life and we should celebrate our cultures.'
Guid Halth! Slàinte Mhath!

Nach math sin?

Cha chosgadh sin £250,000 nas motha :-)
An leabhar a bha 'too racy' dhaibh?
Reul Chearbach Air Chuairt
http://myweb.tiscali.co.uk/narann/thill.pdf

Agus blog ri fhaicinn aig:
http://inbhirnarann.blogspot.com/

Isbeal
Beiträge: 1028
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » Fr Jan 09, 2009 1:16 am

Tha mise aiteigin anns an liosta sin mar tha... 8)

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Sa Jan 10, 2009 10:31 am

Saoilidh mi nach eil làrach sòisealta eile a dhìth an-dràsda o chionn 's gu bheil gu leòr dhaibh ann a-nis, mar a thuirt Mona.

B' fhèarr agus leamsa bathar-bog a bharrachd fhaicinn anns a' Ghàidhlig, gu h-àraidh cuid a bhios cumanta.

Chuir Caomhín pìos inntinneach eile ann an AbairThusa: http://deadlinescotland.wordpress.com/ (Tha an aiste air an darna duilleig mu thràth.)

Caomhín hat geschrieben:Cha chuala mi mu dheidhinn seo roimhe, ach tha e doirbh dhomh a thuigsinn bhon phìos a tha anns an Sun c'air son a bhiodh làrach shoisealta mar sin.

Tha e furasta dhomh a thuigsinn c'air son a tha AbairThusa - làrach fa leth far a bheil a h-uile rud (cha mhór) ag obair sa Ghàidhlig agus a h-uile duine a' bruidhinn na Gàidhlig - coimhearsnachd Ghàidhlig uile gu léir.

Tha e furasta dhomh a thuigsinn c'air son a bhiodh eadar-theangachadh Gàidhlig de Facebook - dh'fhaodadh tu a bhith ag obair tro'n Ghàidhlig mar a thogradh tu, agus cuideachd bhiodh ceanglaichean agad ri do charaidean gu léir aig a bheil a' Bheurla no cànanan eile.

Ach ma's e measgachadh de Ghàidhlig 's de Bheurla a tha gu bhith ann an mygaelic.com, mar a thuigeadh tu bhon phìos sa Sun agus mar a thuigeadh tu bhon ainm "mygaelic.com", dé feum a bhiodh aig lìon soisealta mar sin air làraich fa leth? Dh'fhaodadh e a bhith a cheart cho math ann am buidheann air Facebook.

Ach chan urrainn dhut a h-uile rud a chreidsinn a leughas tu anns an Sun. Tha am pìos an seo beagan nas soilleire:
http://deadlinescotland.wordpress.com/

Tha mi a' tomhas:
1. Nach eil ceangal sam bith aig Rosemary Ward ris a' chompanaidh Creative Cell, mar a shaoileadh tu bhon phìos sa Sun, agus mar a tha pìos aig forargyll.com a' creidsinn.
2. Gur e portal fiosrachaidh is motha a bhios ann an mygaelic.com, mar a bha Bòrd na Gàidhlig ag iarraidh, agus nach bi móran cuideim idir sa lìon soisealta aige. Cha bhi e ann an co-fharpais ri AbairThusa!

Tha mi ag aontachadh gu bheil cairteal millean a' coimhead caran mór - ach a-rithist chan eil am fiosrachadh gu léir againn - airson portal fiosrachaidh; agus gum biodh e na b'fhearr sporanan beaga a thoirt seachad airson phròiseactan mar AbairThusa agus Fòram na Gàidhlig - no fiù's duaisean às déidh làimh airson phròiseactan mar sin a tha air a bhith soirbheachail agus feumail :-)


Tha e coltach gun dèan iad portal seach làrach sòisealta a-mhàin, agus bidh e inntinneach fhaicinn dè nì iad agus ma bhios sin feumail.

Ma bhiodh iad airson làrach sòisealta a-mhàin a chruthachadh, bhiodh e mòran nas fhasa is nas saoire seaorse de Ning a chleachdadh mar a rinn Crìstean le AbairThusa.
'S e saoghal a th' anns gach cànan

graisg
Beiträge: 214
Registriert: Mi Mär 24, 2004 2:40 pm
Kontaktdaten:

Beitragvon graisg » Sa Jan 10, 2009 3:30 pm

Tha mise a' tuigsinn a-nis GC. £250,000 airson 'portal'. S'e Tardis a th'ann :)
An leabhar a bha 'too racy' dhaibh?

Reul Chearbach Air Chuairt

http://myweb.tiscali.co.uk/narann/thill.pdf



Agus blog ri fhaicinn aig:

http://inbhirnarann.blogspot.com/

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Sa Jan 10, 2009 4:31 pm

Dè a tha ann an "Tardis"?


Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

graisg
Beiträge: 214
Registriert: Mi Mär 24, 2004 2:40 pm
Kontaktdaten:

Beitragvon graisg » Sa Jan 10, 2009 5:17 pm

Cleachdar Tardis mar dhòigh-siubhail aig na morairean-tìm.

http://en.wikipedia.org/wiki/TARDIS

Bild
An leabhar a bha 'too racy' dhaibh?

Reul Chearbach Air Chuairt

http://myweb.tiscali.co.uk/narann/thill.pdf



Agus blog ri fhaicinn aig:

http://inbhirnarann.blogspot.com/

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Sa Jan 10, 2009 6:52 pm

Nach mi tha aineolach 8)

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Mo Jan 12, 2009 9:42 am

Bha agus mise os cionn goirid :lol:

OK ma-thà, am bliadhna ri tighinn nuair a bhios Gàidhlig fiù 's nas fhèarr agam, thèid mi air tadhal aig BnG còmhla ris an Doctair is bidh sinn air an airgead iarraidh dhomhsa trì bliadhna air ais bho 'n-diugh.
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Isbeal
Beiträge: 1028
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » Mi Feb 04, 2009 3:01 am

Tha e suas:

www.mygaelic.com


Snog gi leòr agus feumach air leasachadh.

Agus chan eil an roinn 'coimhearsneachd' (feumaidh tu clàradh an toiseach!) glè mionaideach fhathast.

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Mi Feb 04, 2009 9:18 am

Cha d' fhuair mise a-staigh.
Agus chan eil ceangail sam bith a' sealltainn na cothroman Gàidhlig ionnsachadh taobh a.muigh na h-Alba.
Na Stàitean Aonaichte, Canada neo an dùthaich againn fhìn.
Uaireannan tha mi a' smaoineachadh gun do rinn mi mearachd. Bhiodh ionnsachadh Arabais air a bhith fada na b' fheàrr :twisted:

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Mi Feb 04, 2009 9:36 am

Micheal hat geschrieben:Bhiodh ionnsachadh Arabais air a bhith fada na b' fheàrr :twisted:


Ach an uair sin bhitheadh am Verfassungsschutz a' coimhead ort, o chionn 's gur e sin cànan nan terrorists (dè am facal Gàidhlig a bha orr a-rithist?)


edit: Hmm, ein Posting in merkwürdiger Sprache, in dem nur die Worte "Verfassungsschutz" und "Terroristen" erkennbar sind...? :P
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~


Zurück zu „a' choimhearsnachd eadar-nàiseanta“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast