Latha-luain Woolies

caraidean na Gàidhlig air feadh an t-saoghail
graisg
Beiträge: 214
Registriert: Mi Mär 24, 2004 2:40 pm
Kontaktdaten:

Latha-luain Woolies

Beitragvon graisg » Di Dez 30, 2008 12:50 pm

Bild

Bidh feadhainn dhibh eòlach air prìomh sràid Inbhir Narann agus bidh fhios agaibh gu robh Woolies mu choinneamh an Taigh-chùirt aig teas mheadhan a h-uile càil. Uill tha beàrn ann a nis. Saoilidh mi gur e bacadh nach beag a th’ ann don bhaile. A-rèir rannsachaidh an uiridh tha cheana 82 as gach ceud a’ ceannach bìdh agus stuth eile taobh a-muigh a’ bhaile gu h-ìre air choireigin. Seo na tha air fhàgail de Whoolies air an rathad dhan t-sitig. 14 eile gun chosnadh sa bhaile sa mhadainn seo.
An leabhar a bha 'too racy' dhaibh?
Reul Chearbach Air Chuairt
http://myweb.tiscali.co.uk/narann/thill.pdf

Agus blog ri fhaicinn aig:
http://inbhirnarann.blogspot.com/

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Di Dez 30, 2008 1:39 pm

Dhùin Woolworth gach darna bùth anns a' Ghearmailt mar-thà a chionn 5 bliadhnaichean neo mar sin. Ach tha fear dhiubh fhathast ann am Bonn.

A thaobh bhùthan taobh a-muigh bhailtean mòra:
Nach e an luchd-polataigs fhèin as còireach airson an leasachaidh a tha seo. Feumaidh na companaidhean mòra cead-dealbhachaidh airson nam bùthan seo. Nam bitheadh an luchd-polataigs ag iarraidh bùthan nam prìomh-shràidean a chumail.... agus nam biodh an luchd-ceannachd deònach dol do na bùthan seo fhathast ... agus mura biodh an luchd-ceannachd a' cur dragh air an luchd-polataigs gu bheil iad ag iarraidh leithid de mhòr-bhùthan taobh a muigh nam bailtean aca fhèin...
Tha cùisean gu math eadar-fhighte.

Bha mi ann am Port-Rìgh as t-samhradh: Dhùin a' bhùth-airneis a b' àbhaist a bhith ann am meadhan a' bhaile - agus dh' fhalbh an luchd-obrach aig an robh Gàidhlig leatha cuideachd.
Dè gheibhear an àite? Bùth-thurasachd eile le sgudal plastaig àbhaisteach
Agus beag air bheag gheibhear "baile Potjomkin" don luchd-turais an àite baile le coimhearsnachd bheò .
Agus ´s ann gun còrd sin don luchd-turais! Abair baile dùthchasach!

Beachdan trom aig deireadh na bliadhna bho

Mhìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************


Zurück zu „a' choimhearsnachd eadar-nàiseanta“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast