tha www.savegaelic.org ri reic

caraidean na Gàidhlig air feadh an t-saoghail
mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Mi Jan 25, 2006 3:31 pm

A bheil $6000 aig cuideigin? Hehe... sin a' phrìs a tha na daoine (no an duine?) aig a bheil an làrach-lìn ag iarraidh air a shon. Chan eil fhios agam carson. Nach eil ùidh aige anns a' Ghàidhlig nas motha? Nach eil an làrach-lìn a' toirt airgead a-steach? Co-dhiù, chì sinn dè thachras...
Ma bhitheas a' bhòrd-bràth agaibh marbh uaireigin, thigibh an-seo, a dhaoine chòir, bidh fàilte bhlàth air luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig an-seo :) (agus chan urrainn don fheadhainn gun Gàidhlig seo a leughadh, haha - duilich, tha mi beagan mi-mhodhail).
mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Mi Jan 25, 2006 3:43 pm

carson mi-mhodhail?? Cha phaighinn sgillin ruadh air a shon. Bho thus b' e làrach neonach a bh' ann. Dh' fhàs am foram na b' fheàrr nuair a thòisich Graisg is cuid eile air taic a thoirt don luchd-ionnsachaidh ach tha mi an dòchas gun cuir e rud ùr air dòigh - chan eil sin cho doirbh agus cosgail. Is e call mòr a th' ann gun do dh' fhàg Graisg ach bidh buaidh mhòr is mhath air an luchd-ionnsachaidh ma chuireas e rud eile air dòigh.
Fosglaidh doras eile agus tha thusa ceart: Ma tha ùidh aig duine sam bith seo àite eile airson Gàidhlig a sgrìobhadh, bidh fàilte mhòr orra.

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Sleite
Beiträge: 1728
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Beitragvon Sleite » Mi Jan 25, 2006 7:15 pm

Dh'fhalbh Graisg? Cha robh fios agam. No a bheil thu a' ciallachadh nach eile an-seo ach direach air SG a-nis?

Feumar mo phaigheadh gu math airson an duilleag sin a chumail ;) Beagan airson na h-ùine obrach agus mìle gach mios airson na nerves ha ha ha
Duilich
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Gast

Beitragvon Gast » Mi Jan 25, 2006 7:48 pm

'S e deagh chnap airgid a th'ann gu dearbh.

Bha amharas agam aig cùl m'inntinn. Cha chualas facal Gàidhlig sam bith bhon administrator. Bha an t-abairt 'savegaelic.org' sgrìobhte air gach h-uile rud a bh'ann ri reic, mar gur e an làrach-line savegaelic.org seach a'Ghàidhlig a bha e a'sànasachd.

Chan eil dad ceàrr le bhith a'deanamh airgead bhon Gàidhlig, b'e sin comhrradh den chànan fhalain a th'ann. Ach saoilidh mi, airson an duine seo gur e ach dòigh eile airson airgead a dheanamh.

Chuck

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Mi Jan 25, 2006 7:58 pm

Is dòcha gu bheil thu ceart, a Thearlaich... ach co-dhiù, 's iad an luchd-labhairt as cudthromaiche... agus a-rèir coltais tha iad-san a' lorg àitean air an eadar-lìon airson an cuid beachdan is teachdaireachdan co-dhiù ;)
mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Gast

Beitragvon Gast » Mi Jan 25, 2006 7:59 pm

Feasagar math a chàirdean,

Nan robh airgead ri fhaighinn às a' Ghaidhlig, bhiodh Richard Branson agus Alan Sugar ga bruidhinn. :) Tha mi caran trang a-nochd ach seo rudeigin a sgrìobh mi air àite eile a chur fear ris an canar 'Mac an T' air dòigh.
http://www.activeboard.com/forum.spark?forumID=76107&subForumID=221268
PS Shlèite, tha mi làn dòchas gad fhaicinn a chiad turas a bhios tu faisg air làimh :)
........................................................................

S math a rinn thu Mac T, mar a thuirt am fear eile, ‘sin thu fhèin’. Dhomhsa ge-tà chan eil mise cinnteach dè an dòigh as fheàrr air adhart airson luchd-ionnsachaidh air loidhne, uill an fheadhainn a tha lorg rudeigin fosgailte 24/7. Bha beagan deasbaid inntinneach a’ nochdadh air iomairtean Gàidhlig thall ann an Yahoo.groups. Thog mi beagan dhith agus cuiridh mi aig bonn an teachdaireachd seo e.
Bu chòir sinn a’ dol air ar socair airson greis bhig saoilidh mi. Feumaidh mi a ràdh cuideachd chan eil mi cinnteach ma bhios mi deònach mòran taic a chur dhan dad sam bith eile. Bha stuth eile a chur dragh orm aig SG mus do nochd na sanasan airson a’ Chasino ud agus shaoil mi a-nis gur e àm nàdarrach a’ bh’ ann a sguir dhith mar mod. Bi mi gu math trang ann an tìrnamblòg.com ge-tà, rudeigin a thàinig a-mach air na blogaichean a chaidh a chur air bhog le daoine a fhuair earbsa a bhith sgrìobhadh beagan anns na Fòrams aig SG agus a’ bhòrd bhrath eile aig Schottisch-Gaelisch. ‘S e sin an seòrsa àrainneachd a dhith oirnn. Tha an eadar-lìn a ‘toirt cothroman gu leòr airson luchd-ionnsachaidh a’ stiùir gu h-ìre fileantach agus ma bhios sinn deònach a chumail a’ dol le rudeigin dhen leithid sin feumaidh sinn a bhith cinnteach mu a dheidhinn. Ma bhios rudeigin tighinn a-mach bhon SG, bidh sin gur e a’ dearbhachadh gu bheil feum aig mòran den luchd-ionnsachaidh a bhith ceangailte ri rudeigin a bhios eadar-nàiseanta agus a bhios fosgailte a h-uile latha. Tha feum aca a bhith ‘inter-active’ mar a chanas iad.

Chan eil fhios agam dè thachras a-nis ach co-dhiù, seo beagan deasbaid a chunnaic mi an diugh…
'Tha am balach Astrailianach aig a bheil www.savegaelic.org gu ruige seo
airson a reic, a-rèir coltais. Tha e ag iarraidh $6000 air a shon, tha sin
rud beag èibhinn...
http://www.sedo.com/search/details.php4?tracked=&partnerid=16080&language=us
&domain=SAVEGAELIC.ORG
Leis an fhirinn innse, bha mi an còmhnaidh dhen bheachd gur e ainm uabhasach
gòrach a tha ann, 'sa Bheurla. Is dòcha gum bi e air falbh a dh' aithghearr.
Cò chuireas suas làrach ùr le www.suasleisaghaidhlig.xxx no rudeigin mar
sin? ;-)
Mona

Cha chreid mi gu bheil an àrainn .xxx ri fhaighinn fhathast ; )

Ach bhiodh sin caran snog is snasail, àrainn .xxx airson làrach Ghàidhlig!

Am Mìcheal Eile

Deagh bheachd Mhona, tha cruaidh fheum air a leithid airson luchd-
ionnsachaidh. Tha feum air mods seadh ach nam biodh e fosgailte do
dhuine sam bith freagairt a chur a-steach nan robh iad comasach,
bhiodh e ag obrachadh gu math saoilidh mi.
Am bu chòir dha a bhith sna làmhan Cli no buidheann sam bith eile ge-
tà an àite an roinn phrìobhaideach? Ach bu chòir e a bhith fosgailte
24/7 mar a bha SG agus am bòrd brath Deutsch/Gaelisch. Saoilidh mi.
`S e mo bheachdsa co-dhiù.
Mar sin leibh an dràsta
Nai347



Cho fad 's a tha fios agam, cha deach aig buidheann oifigeal a-riamh
rudeigin mar sin a chuir air dòigh... nach robh bòrd-bràth / forum aig
CLI uaireigin? Bha e dùinte fad na h-ùine. Agus bha an cruth gu math
seann-fhàsanta.
Cha bhitheadh e doirbh idir bòrd-bràth math, ùr, luath, freagarrach a
chur air dòigh. Tha am bòrd aig Mìcheal (Deutsch/Gaelisch) a' ruith gu
math soirbheachail. Agus le cuideigin le comas PHP / SQL bhitheadh e
fiù 's nas fhasa, chan fheumar bòrd deiseil bho chompanaidh air
choireigin ma-tha ach 's urrainnear bòrd a chur ri chèile. Tha cuid
charaidean agam a' ruith bùird mar sin airson cùspairean eile.
Agus tha mi gu math cinnteach gu bheil daoine freagarrach gu leòr ann,
sgapte ann an "Tìr nam Blog", na liostaichean post-d agus àitean eile,
aig a bhitheadh comas sùil a thoirt air bòrd-bràth mar sin, le
comhairle is freagairtean. Tha na liostaichean post-d uabhasach fhèin
feumail, ach na laithean seo tha mòran daoine dhen bheachd gu bheil
bòrd-bràth / forum nas fheàrr.
Dè ur beachdan?
Mona'

Gast

Beitragvon Gast » Mi Jan 25, 2006 8:05 pm

Opps 's mise Gràisg ;)

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Mi Jan 25, 2006 8:08 pm

Cò eile, gun teagamh :)
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Gast

Beitragvon Gast » Mi Jan 25, 2006 9:00 pm

's iomadh bùird-bràth buidhinnean Gàidhlig. Collaiste na Gàidhlig (Alba Nuadh), Commun na Gàidhlig Albainn Nuaidh. Cli (a bheil esan ag obair fhathast?) a tha balbh sàmhach.

'S dòcha gum bu chòir a h-uile duine imrich a-steach don fhear diubh. Tha fhios gun fhaodadh daoine thighinn a-steach an seo, ach nach dh-atharraich sin caractar fhèin a'bhùird seo? Cnap mhòr de amadain aimeireacanaich 's Canaideanaich (abairt bhon SG air a eadar-theangachadh) gun Gàidhlig 's gun Gearmailtis a'tighinn a-steach.

Chuck

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Mi Jan 25, 2006 9:29 pm

Tha mi a' smaoineachadh gum bitheadh fòrum mòr le Beurla is Gàidhlig feumail don choimhearsnachd luchd-ionnsachaidh eadar-nàiseanta. Fiù 's ma tha tòrr daoine neònach ann, tha luchd-ionnsachaidh snog gu leòr ann anns na Stàitean Aonaichte is Canada cuideachd, agus ann an dùthchanan eile, mar Kazakhstan no Braisilia, a-rèir coltais :)

Cha tig an-seo ach daoine le deagh Ghàidhlig bho dhùthchanan eile, chan eil a' bhòrd seo feumail do dhaoine gun Gearmailtis no Gàidhlig oir chan eil Beurla ga cleachdadh an-seo. Agus tha sin ceart gu leòr, nam bheachd-sa, 's e seo bòrd-bràth beag airson luchd-ionnsachaidh 'sa Ghearmailt agus tha mòran daoine an-seo eòlach air chèile ann an dhà-riribh, bidh sinn a' coinneachadh ri chèile anns na cùrsaichean aig Mìcheal no àitean eile. Seòrsa teaghlach a' fàs an-seo, agus cha bhitheadh e mar sin air bòrd mòr eadar-nàiseanta, ged a bhitheadh sin feumail agus inntinneach ann an dòigh eile cuideachd.
Mar sin dheth, tha mi an dòchas gun tèid rud ùr a chur air dòigh agus is dòcha gun coinnich sinn uile a-rithist an-sin (na daoine a tha air an eadar-lìon fad an latha co-dhiù, air Tìr nam Blog is m.s.a.a.) :)
mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Gast

Beitragvon Gast » Mi Jan 25, 2006 11:36 pm

Dh'fhàg mise SG an diugh cuideachd...

Chan eil mi cinnteach ma tha mi ag iarraidh rudeigin mar SG a-rithist. Bha cus ann sa' Bheurla agus cha bhiodh móran dhaoine a' tighinn gu SG ach turas no dhà 's an déidh sin rachadh iad air falbh... Ach am faca sibh http://www.maes-e.com? 'S e bòrd-brath a th'ann ach tha a h-uile rud sa' Chuimris. Dé mu dheidhinn a leithid, ach sa' Ghàidhlig? Aon-chànanach -- Tìr na Cabadaich? Nì mi e, ma tha ùidh agaibh -- dé ur beachdan? Am biodh e feumail? Chan eil dad sam bith ann mar sin an dràsda.

Tha blogachadh math gu dearbh, ach saoilidh mi gu bheil bùird-brath 's blogaichean gu math diofaraichte, bho àm gu àm bhiodh e feumail nam b'urrainn dhuinn cuideachadh fhaiginn bho chàch a chéile...

Cadalach :)

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Mi Jan 25, 2006 11:50 pm

Mar a thuirt mi anns a' bhlog agad, a Chadalaich, bu toigh leam sin cuideachd. Bòrd 'sa Ghàidhlig a-mhàin, le iomadh chùspair (spòrs, litreachadh, poileataics, ...) airson còmhradh inntinneach a bhrosnachadh.
Chan eil mi a' tuigsinn carson nach eil tòrr dhe na h-oileanaich no sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ri fhaicinn air an eadar-lìon. Bhitheadh sin inntinneach dhaibh-san cuideachd, nach bitheadh?
mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Gast

Beitragvon Gast » Do Jan 26, 2006 12:14 am

bòrd-brath sa Ghàidhlig a-màin. 'S e deagh bheachd a th'ann gu dearbh. Chan eil a leithid ann idir an-dràsda.

Tha ùidh agamsa!

Chuck

Gast

Beitragvon Gast » Do Jan 26, 2006 1:09 am

OK ma tha, nì mi rudeigin an ath-sheachdain. :)

Cadalach

Eilidh
Beiträge: 387
Registriert: Do Aug 11, 2005 3:30 am
Wohnort: Carolina a Tuath
Kontaktdaten:

Beitragvon Eilidh » Do Jan 26, 2006 2:10 am

Seo agaibh beachd Eilidh...

's dòchas gu robh rud math an dèidh a h-uile rud oir tha deasbaidean ann a-nis ciamar a nì forum nas fheàrr. 'S toil leam bòrd sa Ghàidhlig a-mhàin, ach na dìochuimhnich luchd-ionnsachaidh gun Ghearmailt, ma's e ur toil e!


Zurück zu „a' choimhearsnachd eadar-nàiseanta“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast