Beitragvon Micheal » Fr Mär 31, 2006 6:28 pm
Is dòcha gur e rud feumail a th' ann ach feumaidh mise aideachadh gu bheil mòran de na h-innealan ùra a' cur dragh orm. Dh' fhàg mi cuid de liosdaichean - thàinig dìreach cus naidheachdan agus chaidh mo bhathadh ann am fiosrachaidh agus bha mi a' cosg tòrr ùine air an measadh feuch am faighinn a-mach dè bhitheadh feumail dhomh. Nise le bhith a' coimhead às dèidh a' bhùird agam agus nan oileanaich agus a' chùrsa MA tha gu leòr agam ri dhèanamh, dhùin mi fiù's Skype, bhris cus daoine a-staigh don obair agam agus chaill mi an "concentration". Tha sin gu math duilich air sgàth's gur toil leam bruidhinn ri daoine cuideachd ach bha skype dhomh-sa mar gum bitheadh 10 innealan-fòn a' seirm gach 5 mionaidean aig an aon àm.
air mo shocair agus gu bhith na mo dhòigh a-rithist
Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************