Beagan beul-aithris na h-aimsire

caraidean na Gàidhlig air feadh an t-saoghail
mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » So Dez 31, 2006 2:06 am

Ann am beul-aithris Gearmailteach, 's e "Rauhnächte" no "Rauchnächte" an t-ainm a tha air na h-oidhcheannan eadar Meadhan a' Gheamhraidh no àm na Nollaige agus "Latha nan triùr rìghrean" (6mh an Fhaoillteach).
Tha iomadh sgeulachdan agus beusan co-cheangailte ris na laithean seo. Bidh Wodan agus an "Sealg fiadhaich" a-muigh anns a' ghaoith, agus bidh na h-aislingean 'san oidhche ag innse rudan a thig anns a' bhliadhna ùir - tha dà oidhche dheug ann airson targradh a dhèanamh air gach mìos na bliadhna a' tighinn. Ach a-rèir beachd eile tha trì oidhcheannan deug ann... àireamh sònraichte agus draoidheil gun teagamh.

Tha e inntinneach, nam bheachd-sa, gu bheil cuid dhen bheul-aithris agus de na seann chleachdaidhean co-cheangailte ris na h-oidhcheannan seo gu math coltach ri beul-aithris agus cleachdaidhean Gaidhealach aig Oidhche Shamhna:
Cha robh e ceadaichte obair-taighe mar nighe no figheadaireachd no snìomh a dhèanamh anns na laithean seo, oir bhitheadh a' bhan-dhia (Percht no Holle no ainmean eile anns na sgìrean eadar-dhealaichte) feargach, agus cha chuireadh na daoine an n-aodach air nighe a-mach airson tioramadh idir idir, o chionn 's gun tigheadh bàs do na daoine aig a bheil an aodach sin... agus tha sgeulachdan ann a tha caran coltach ris na sgeulachdan mun "bhean-nighe" leis an aodach fhuilteach aig an abhainn.
Tha dorsan dhan t-Saoghal Eile fosgailte anns na h-oidhcheannan sin, 's urrainn dha na beathaichean bruidhinn, agus bidh na mairbh a' gluasad tro saoghal nam beò, an "sealg fiadhaich" còmhla ri Wodan no Percht.
Ma thèid nighean no boireannach nach eil pòsda do chrois rathaid anns na h-oidhcheannan seo, is dòcha gum faic i an duine a bhitheas aice uaireigin - ach is dòcha gun tèid a goid leis na taibhsean bhon t-saoghail eile!
Mona


Grrr... tha mearachd anns an tiotal: Beagan bheul-aithris! :P
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

graisg
Beiträge: 214
Registriert: Mi Mär 24, 2004 2:40 pm
Kontaktdaten:

Beitragvon graisg » So Dez 31, 2006 5:44 pm

Tha sin air leth inntinneach Mhona, cùm ort le do chuid sgrìobhaidh, tha tàlant agad!
Gabh mo leisgeil mionaid ach am faod mi m’ aineolais shealltainn le bhith faighneachd dhiot carson a tha thu a’ cur sèimheachaidh air ‘ beul-aithris ’.
Mar sin leat an dràsta
An leabhar a bha 'too racy' dhaibh?
Reul Chearbach Air Chuairt
http://myweb.tiscali.co.uk/narann/thill.pdf

Agus blog ri fhaicinn aig:
http://inbhirnarann.blogspot.com/

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » So Dez 31, 2006 7:17 pm

Chan eil mi buileach cinnteach a-nis, ach tha e coltach gun robh e ceart an toiseach, gun shèimheachadh. Thig an tuiseal ginideach as-dèidh "beagan", ach chan eil sèimheachadh ann mura bheil alt an: taigh bàird, ach taigh a' bhàird. Tha sin eadar-dhealaichte 'san iolra: taigh bhàrd, ach taigh nam bàrd.
Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~


Zurück zu „a' choimhearsnachd eadar-nàiseanta“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast