Chuck air chall

caraidean na Gàidhlig air feadh an t-saoghail
Sleite
Beiträge: 1723
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Beitragvon Sleite » Do Okt 11, 2007 3:07 pm

An cuala duine dad bho Chuck? Fhuair mi post-d bhon fhòram gu bheil teachdaireachd ann dhomh ach chan eil dad ann. Tha fios agam ge-ta gu bheil e an Alba an-dràsta agus gu bheil e airson coinneachadh. Bhiodh e cho snog a dh'fhaicinn, ach chan eil fhios agam ciamar a dh'innseas mi dha gu bheil mi a'feitheamh.

Tha mi an dòchas gu bheil e a'leughadh seo agus bu chòir an t-aireamh-fòn agam a bhith aige.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Do Okt 11, 2007 6:09 pm

Chuir mi PM agus post-d thuige aig Fòram na Gàidhlig, 's dòcha gun leugh e iad.
'S e saoghal a th' anns gach cànan

graisg
Beiträge: 214
Registriert: Mi Mär 24, 2004 2:40 pm
Kontaktdaten:

Beitragvon graisg » Fr Okt 12, 2007 12:11 pm

Tha Chuc a' dèanamh air an an Eilein Sgitheanach sa mhadainn seo bidh e a' fuireach ann an Ostail air choireigin faisg air Staffin. Tha mi duilich ach chan eil mi buileach cinnteach far am bi sin.
Gràisg
An leabhar a bha 'too racy' dhaibh?
Reul Chearbach Air Chuairt
http://myweb.tiscali.co.uk/narann/thill.pdf

Agus blog ri fhaicinn aig:
http://inbhirnarann.blogspot.com/

Sleite
Beiträge: 1723
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Beitragvon Sleite » Fr Okt 12, 2007 5:01 pm

mòran taing airson innse dhomh, Graisg. Bha dùil agam gun tigeadh e dhan t-Sabhal an-diugh ach cha tàinig e gu ruige seo.

S dòcha gum faic mi fhathast e ge-ta.
Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Fr Okt 12, 2007 7:04 pm


ann an Ostail air choireigin faisg air Staffin


Cha chreid mi nach e Flodigarry a th' ann. Chan eil osdail eile ann an-siud, agus ma 's math mo chuimhne dh' innis mi dha mu dheidhinn.
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Sleite
Beiträge: 1723
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Beitragvon Sleite » Sa Okt 13, 2007 1:16 pm

Fhuair mi teachdaireachd bhuaithe agus tha fios agam a-nis far a bheil e. Ach chan fhaca mi e fhathast. Trha mi'n dòchas gun tig e a thadhal oirnn a dh'aithghearr.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Mi Okt 17, 2007 1:00 pm

Biodh sinn taghta dhuibh :D
'S e saoghal a th' anns gach cànan


Zurück zu „a' choimhearsnachd eadar-nàiseanta“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast