Pròiseict eadar-theangachaidh

caraidean na Gàidhlig air feadh an t-saoghail
NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Mo Jan 28, 2008 11:18 am

Thòisich sinn air am bathar bog aig Fòram na Gàidhlig eadar-theangachadh gu Gàidhlig. Ma bhios ùidh agad ann an eadar-theangachadh no bu toil leat tionndadh Gàidhlig airson an fhòram agad fhèin fhaighinn, carson nach gabh thu ann airson cuideachaidh a thoirt dhuinn.
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Sleite
Beiträge: 1728
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Beitragvon Sleite » Mo Jan 28, 2008 2:13 pm

airson cuideachadh a thoirt dhuinn


Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Mo Jan 28, 2008 2:22 pm

Carson nach cleachdaidh mi an tuiseal ginideach no bheil rud eile ceàrr nach eil mi a' tuigsinn? :?
'S e saoghal a th' anns gach cànan

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Mo Jan 28, 2008 3:44 pm

Tha sin coltach ri:
Is toigh leam cuideachadh a thoirt dhuibh
Tha dùil agam cuideachadh a thoirt dhuibh
Chan eil mi ag iarraidh cuideachadh a thoirt dhuibh
a.m.s.a.a.

'S e "Objektsatz" a tha ann as-dèidh "Tha mi airson...".
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Mo Jan 28, 2008 8:12 pm

Tapadh leibh, saoilidh mi gu bheil mi a' tuigsinn an-dràsda :D
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Benutzeravatar
ruighean
Beiträge: 5
Registriert: Sa Mai 10, 2008 1:48 pm
Wohnort: Sabhal Mòr Ostaig, Alba
Kontaktdaten:

Beitragvon ruighean » Sa Mai 10, 2008 2:17 pm

Am biodh sibh deònach roghainn a thoirt ri luchd-cleachdaidh eadar-aghaidh an fhòram seo fhaicinn anns a' Ghàidhlig?

Chan eil mòran Gearmailtis agam agus bhiodh Gàidhlig nas fhèarr na Beurla.
Tha mi nam bhall ann an Abair Thusa - Lìon Sòisealta nan Gàidheal.

Naidheachdan Pinc - Naidheachdan LGBT anns a' Ghàidhlig

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » So Jun 15, 2008 11:29 pm

Dh' aontaich mi ri Mìcheal an-diugh gun cuirinn tionndadh Gàidhlig bathar bog a' bhùird-bhrath seo a tha mi a' deanamh le taic luchd Fòram na Gàidhlig suas mu thrath, ged a bhios mearachdan ann fhathast (abair seantans :lol: ). Thoiribh fios thugam nuair a gheibh sibh mearachdan gràmair, gnàthsan cainnte neònach amsaa.
'S e saoghal a th' anns gach cànan


Zurück zu „a' choimhearsnachd eadar-nàiseanta“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast