Nollaig Chridheil

Sleite
Beiträge: 1733
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Nollaig Chridheil

Beitragvon Sleite » Do Dez 13, 2018 4:14 pm

Nollaig Chridheil, a h-uile duine! Seo an latha obrach mu dheireadh agam agus tha mi fìor thoilichte. Bidh pàrtaidh Nollaig no dhà agam fhathast mus tèid sinn air saor-làithean. Thèid sinn dhan Ghearmailt airson 4 seachdainean :) Ma bhios mi fortanach bidh ùine agam gus tadhal air duine no dithis. An turas seo bidh sinn a' dol leis a' chàr againn fhìn, bho Newcastle gu Amsterdam agus an uair sin tadhlaidh sinn air mo sheanmhair ann an ceann a tuath na Gearmailt. Cuiridh sinn seachad an Nollaig aig taigh mo phàrantan agus bidh sinn an sin fad seachdain. Às dèidh na Bliadhna Ùire thèid sinn a sgìtheadh san Eilbheis agus an uair sin thèid sinn air ais a dh'Amsterdam agus dhachaigh. Abair turas!
Tha mi 'n dòchas gum bi saor-làithean matha agaibh gum bi an Nollaig sìtheil agus ciùin agus gum bi a' bhliadhna ùr agaibh a' tòiseachadh gu math.
Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Isbeal
Beiträge: 1022
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Nollaig Chridheil

Beitragvon Isbeal » Fr Dez 14, 2018 2:42 am

Agus a leithid cheudna dhut! :-)

Nach buidhe dhut gum bi ceithir seachdainean de làithean-saora agaibh mar bhloc! Ged a tha siùbhal gu leòr romhaibh, bidh e fìor mhath a bhith fada air falbh bhon obair agaibh agus bhon ghnàth-chùrsa làitheal.

Gum bi àm na Nollaig tlachdmhor agad còmhla ri teaghlach is caraidean, agus deagh spòrs san Eilbheis!

A' guidhe Bliadhna Mhath Ùr dhan a h-uile duine air a' Bhòrd-bhrath! :smeid:

Naosg
Beiträge: 53
Registriert: So Mär 19, 2017 8:28 pm

Nollaig Chridheil

Beitragvon Naosg » Mi Dez 19, 2018 6:38 pm

Nollaig chridheil dhuibhse cuideachd!

Tha clasaichean agam fhathast an t-seachdain seo, ach an uair sin tha dùil agam ri Nollaig chiùin còmhla ris an teaghlach.

Tha mi an dòchas gum bi turas math agad sa Ghearmailt, a Shlèite!


Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast