Air an Rèidio

Sleite
Beiträge: 1721
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Air an Rèidio

Beitragvon Sleite » Mi Aug 22, 2018 12:53 pm

A chàirdean,

Is dòcha gum bi ùidh agaibh anns an aithris inntinnich seo air Radio nan Gàidheal:
https://www.bbc.co.uk/programmes/b0bghdvy
'S e Calum agus Ruairidh bho Runrig a th' ann, a' bruidhinn mun dòigh a bha iad a' sgrìobhadh òrain. Tha a' Ghàidhlig aca cho binn agus cho soilleir, fiù 's mura bi ùidh agaibh ann an Runrig, 's fhiach e èisteachd ris dìreach airson na Gàidhlig.

Tha prògram eile ann mu Runrig agus bidh sibh gam chluinntinn agus tè eile air a bheil sinn uile eòlach
https://www.bbc.co.uk/programmes/b0bfp5kc Rachaibh air adhart uair a thìde sa phrògam. Tha e a' tòiseachadh timcheall air 1:05

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Naosg
Beiträge: 43
Registriert: So Mär 19, 2017 8:28 pm

Air an Rèidio

Beitragvon Naosg » Sa Aug 25, 2018 6:38 pm

Mòran taing, bha na prògraman sin glè inntinneach agus cha robh a' Ghàidhlig ro dhoirbh ri tuigsinn.


Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast