A' Charghas

Sleite
Beiträge: 1727
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

A' Charghas

Beitragvon Sleite » Mo Feb 19, 2018 2:22 pm

An dèan sibhse rudeigin airson na Carghais? Chan e Caitligeach a th' annam, no fiù 's Crìosdaidh, ach is toil leam rudeigin a dhèanamh airson na Carghais co-dhiù. Tha mi a' smaoineachadh gur e deagh dhòigh a th' ann cur nad chuimhne na tha sinn a' gabhail gu nàdarra nar beatha, agus cuideachd gus ar neart a chur gu deuchainn gus rudeigin a sheachnadh no a dhèanamh fad 6 seachdainean.

Am-bliadhna chuir mi romham feòil a sheachnadh airson na Carghais, ach gu mì-fhortanach chan eil cùisean a' dol ro mhath. Cha do rinn mi planadh gu leòr agus cha robh mi a' conaltradh ris an duine agam ma dheidhinn gu ceart. A bharrachd air sin bha sinn dìreach air pìos mòr sìthein ionadail fhaighinn saor an asgaidh an deireadh-seachdain seo chaidh a chuir sinn san àmhainn Diardaoin. Obh obh. Bhiodh e air a bhith uabhasach mì-mhodhail sin a sheachnadh. Chan eil an duine agam a' creidsinn gu bheil e ciallach a bhith a' seachnadh feòla agus mar sin chan eil e fàbharach dhan phlana agam idir. A bharrachd air sin cha robh mi air innse dha tràth gu leòr, agus nas miosa, cha robh mi air bruidhinn ris ma dheidhinn gu ceart mus do rinn mi an co-dhùnadh agam. Mar sin bha e dìreach ag ullachadh dìnnear (le feòil) nuair a chuir mi teacsa thuige air an rathad dhachaigh ag ràdh nach ith mi feòil. Cha deach sin sìos cho math, agus is mise as coireach a-mhàin.
BHa e furasta nuair a bha mi aig cùrsa aig an deireadh-seachdain, oir bha an t-ionad an sin a' dèanamh biadh gun fheòil agus biadh le feòil co-dhiù. Ach cha toil leam am beachd a bhith a' còcaireachd dà dhiofar rud no an fhaoil a th' againn san taigh a thoirt dha na cait mus tèid e a dholaidh. Bidh rudan ann far am bi e furasta dìreach an fhòil fhàgail às an truinnsear agamsa, ach bidh rudan eile ann far am bi an fheòil mar phàirt de phoit mhòr.
Chan eil fhios agam an e deagh bheachd a bh' ann. Nam bithinn a' fuireach leam fhèin, bhiodh e furasta, ach chan eil mi airson an daimh agam a mhilleadh air sgàth seo.

Ciamar a tha e a' dol leibhse? Agus dè ur beachd air na thachair riumsa?
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast