1 den Ghearran

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

1 den Ghearran

Beitragvon Micheal » Sa Jan 31, 2015 5:58 pm

Cuiridh Brìde a cas ann
Cuiridh Muire a bas ann
Cuiridh Pàdraig a spòg mhór ann
is bidh e blàth gu leòr an uair sin.


Cuiridh mi aon bhuntàta a-nochd.
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Sleite
Beiträge: 1740
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: 1 den Ghearran

Beitragvon Sleite » Mo Feb 02, 2015 6:46 pm

Nise, chuala mi air an radio an-diugh gur e seo an latha far am bi an àireamh as àirde de dhaoine a' fuireach aig an taigh le leisgeul air choireigin. Thuirt iad nach biodh na daoine idir tinn, ach gun canadh iad nach eil iad gu math no nach eil an cuid cloinne gu math no gu bheil iad glaste san taigh-bheag.... Thuirt iad gun robh barrachd dhaoine a' fuireach far na h-obrach air a' chiad Diluain den Ghearran na bhios air latha sam bith eile den bhliadhna. Feumaidh mi ràdh gun creids mi e an-diugh gu sònraichte. Tha 10cm de shneachda againn, agus nuair a ràinig mi an obair aig 9, cha robh duine sam bith eile ann, ach aonar. Chan eil ach leth phàirt de na h-oileanaich ann agus chan eil mòran den luchd-obrach an làthair. Seadh, bha sneachd air an rathad, ach cha robh e idir eu-comasach an rathad a chleachdadh. Tha na sgoiltean dùinte, tha an t-ionad-cùram-cloinne dùinte, agus bidh a h-uile duine a' fuireach aig an taigh. Sin na nì mi an ath-bhliadhna: Cumaidh mi na taidhrichean geamhraidh far a' chàir, agus an uair sin bidh leisgeul agamsa fuireach aig an taigh. :mc:

Ach :) Tha na h-oileanaich air bodach-sneachda agus uilebheist-sneachda a thogail, agus tha an àrainn a' coimhead air leth brèagha air beulaibh nam beann geala agus na mara ciùine.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.


Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast