2015 - dè as miann leibh?

Sleite
Beiträge: 1723
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

2015 - dè as miann leibh?

Beitragvon Sleite » Fr Jan 16, 2015 6:46 pm

Halò! 'S fhada bhon uair sin! Tha bliadhna eile seachad agus dè tha sinn air dèanamh? Choimhead mi air ais air a' chuspair seo bhon uiridh, uill, ... cha do rinn mi iad uile... Ach tha na miannan agam air atharrachadh ;-) Ach dè as miann leibh am bliadhna?

Seo na bu mhiann leamsa:

Dol air cuairt far an tèid mi àiteigin leis a' kayak, suas beinn agus air ais leis a' kayak, le bhith a' campachadh oidhche no dhà
Dol air cuairt coiseachd fhada leam fhèin ann an àite iomallach
Dol air tòrr chuairtean coiseachd far am bi mi a' stiùireadh dhaoine (ma bhios sibh ann an Alba, leigibh fios dhomh)
Dol air co-dhiù 2 chuairt kayak fad corra latha
Dèanamh atharrachaidhean anns an taigh gus am bi e cofhurtail airson dithis :)
Faighinn air adhart le mo chèile mar a tha sinn an-dràsta
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Steffi1
Beiträge: 507
Registriert: Do Mär 01, 2012 4:15 am
Wohnort: Frankfurt
Kontaktdaten:

Re: 2015 - dè as miann leibh?

Beitragvon Steffi1 » Mo Jan 19, 2015 10:17 am

Thug mi sùil air an teachdaireachd agam agus na sgrìobh mi an-uiridh agus tha mi toilichte a ràdh gun do rinn mi a’ mhòrchuid ach bidh gu leòr ann fhathast airson 2015:

Seo na bu mhiann leamsa: :P

mo chuid Gàidhlig a leasachadh
modailean inntinneach a dhèanamh
cùrsaichean ann am Bonn agus san Eifel
cùrsa goirid aig a' cholaiste aig àm na Càisge
turasan còmhla rim caraidean ann an Alba
ùine a chur seachad còmhla rim theaghlach
coimhead às dèidh m' athar

Bidh tòrr obrach a' feitheamh rium. Nach math sin. :priob:
Ma nì thu gu math, dèan ri do dhuine fhèin e.

Steffi1
Beiträge: 507
Registriert: Do Mär 01, 2012 4:15 am
Wohnort: Frankfurt
Kontaktdaten:

Re: 2015 - dè as miann leibh?

Beitragvon Steffi1 » Mo Apr 20, 2015 8:24 am

Bha mi ceàrr: Feumaidh mi coimhead às dhèidh mo mhàthar. Sin mar a tha an saoghal.
Ma nì thu gu math, dèan ri do dhuine fhèin e.


Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast