Co-là brèith sona do Steffi

Sleite
Beiträge: 1739
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Co-là brèith sona do Steffi

Beitragvon Sleite » Fr Nov 14, 2014 2:42 pm

Meal do naidheachd, Steffi! Tha mi 'n dòchas gum bi latha sona, snog, cofhurtail agus brèagha agad, agus gum faigh thu prèasant no dhà agus cèic shnog.

Dùrachdan
Janni
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Re: Co-là brèith sona do Steffi

Beitragvon Micheal » So Nov 16, 2014 1:32 pm

Agus an aon rud bhuam-sa cuideachd

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Steffi1
Beiträge: 508
Registriert: Do Mär 01, 2012 4:15 am
Wohnort: Frankfurt
Kontaktdaten:

Re: Co-là brèith sona do Steffi

Beitragvon Steffi1 » Mo Nov 17, 2014 8:30 am

Mòran taing a charaidean, :P
bha mo cho-là breith cofhurtail agus chuir mi an latha seachadh aig an taigh. Bha mi toilichte gun robh cùrsa ciùil ùr ann am Bonn Di-Sathairne agus thug mi an cùrsa seo mar phrèasant dhomh. Bha e cho math gum b' urrainn dhuinn òrain Ghàidhlig a ghabhail aig Micheal agus ghabh sinn lòn san taigh-bhìdh as fhèarr leinn ann am meadhan a' bhaile Bonn, fear far an dèanar am brot blasta. Tha fhios gu bheil sibh eòlach air an taigh-bhìdh. Gu mì-fhortanach bha an trèana ro fhadalach feasgar agus cha do ràinig mi an trèana eile ann am Mainz. Bha turas fada agam aig a' cheann thall agus bha mi toilichte faighinn dhachaigh aig deireadh an latha. Ach a dh'aindeoin sin tha mi a' deànamh fiughair ris an ath-chùrsa a bhios ann an ùine nach bi fada. Gheall Michael dhuinn gun tèid sinn do mhargaid na Nollaige còmhla. Bidh sin math. :-D
Ma nì thu gu math, dèan ri do dhuine fhèin e.

Steffi1
Beiträge: 508
Registriert: Do Mär 01, 2012 4:15 am
Wohnort: Frankfurt
Kontaktdaten:

Re: Co-là brèith sona do Steffi

Beitragvon Steffi1 » Mo Jul 06, 2015 7:09 am

Meal do naidheachd, Janni :D :ceic:

Tha mi an dòchas gum bi latha brèagha agus math agad an-diugh. Chanainn gum b' e deagh bheachd a bh' ann gun gabh thu latha dheth. Thug mi sùil air an eadar-lìon agus leugh mi gum bi sìde mhath agaibh an-diugh, 18 ceum celcius agus bidh a' ghrian a' deàrrsadh. Bha mi a toilichte sin a leughadh oir tha thu airidh oirre cho grod is a bha an t-sìde fhathast.

Dùrachdan
Steffi
Ma nì thu gu math, dèan ri do dhuine fhèin e.

Sleite
Beiträge: 1739
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Co-là brèith sona do Steffi

Beitragvon Sleite » Di Jul 07, 2015 10:46 am

Mòran taing, Steffi. Bha latha sgoinneil agam. Fhuair mi tì san leabaidh fhuair mi prèasantan snoga. Fhuair mi rudan feumail airson kayakadh, m.e. stocannan neoprene agus miotagan sònraichte, agus bogsa teòclaid às a' Bheilg. Fhuair mi seacaid kayak mar-thà mìos air ais.

Chaidh sinn air cuairt coiseachd a Rubha Shlèite agus ghabh sinn cuirm-cnuic an sin. Bha thu ceart, bha i 18 ceum celsius, agus shuidh sinn sa ghrèin fad ùine fhada, a' coimhead air a' Chuiltheann agus na h-eileanan Rùm, Eige agus Canaigh. Chaidh mi dhan ghàrradh fad greis às dèidh sin fhad 's a bha mo leannan trang sa chidsin. Rinn e cèic bhlasta dhomh. Ghabh sinn pìos beag dhith, agus an uair sin chaidh sinn dhan taigh-bhidh. Chaidh sinn gu "Red Skye" agus bha e fìor mhath. Ghabh mi feusgain mar chiad chùrsa agus an uair sin bradan le creachain agus sabhs safran. Bha e air leth!

Mòran taing airson nan dùrachdan. :)

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.


Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast