Seite 1 von 1

2014 - dè as miann leibh?

Verfasst: Mi Jan 08, 2014 4:02 pm
von Sleite
Bha an cuspair seo againn ann an 2012. Ach dè as mian leibh ann an 2014?

Sgur smocadh?
Call cuideim?
Ionnsachadh barrachd Gàidhlig?
Dol innte nas tràithe?

Innsibh dhuinn!

Slèite

Re: 2014 - dè as miann leibh?

Verfasst: Di Jan 14, 2014 11:06 am
von Steffi1
Is miann leam

gum faod mi mo chuid Gàidhlig a leasachadh
gum faod mi leabhraichean Gàidhlig a leughadh
gum faod mi oileanaich eile a bhrosnachadh

nach fheum mi obair bho mhoch gu dubh
nach fheum mi amasan eile fhaighinn
nach fheum mi cùrsa Gàidhlig a chur dheth

agus

gum bi mo theaghlach is mo charaidean uile
slàn is fallain fad na bliadhna. :D
´S e an rud as cudromaiche nam bheachd-sa

Steffi

Re: 2014 - dè as miann leibh?

Verfasst: Di Jan 14, 2014 1:52 pm
von Sleite
Is miann leam

ruith 10 km
dol air cuairt coiseachd fad 3 latha leam fhìn
cur crìoch air a' cheum agam
faighinn air adhart nas fheàrr le mo chèile
fàs nas socaire
cluich a' phiana

Slèite

Re: 2014 - dè as miann leibh?

Verfasst: Di Jan 14, 2014 3:57 pm
von Anna
Is miann leam:


ruith 5 km còmhla rim mhac
ruith 10 km leam fhìn
leasachadh a' Ghàidhlig agam
chan obair cus
tog tuilleadh ùine còmhla rim theaghlach

Re: 2014 - dè as miann leibh?

Verfasst: Di Jan 21, 2014 4:38 pm
von Regine
o, 's e ceist mhath a th' ann. Is mean leam gum fàs mi nas fheàrr anns a' Ghàidhlig, gur e ùine a bharrachd agam ri sgeulachdan anns a' Ghàidhlig a leughadh, gun dèan mi spòrs tuilleadh, gum biodh mi air mo shocair le mòran rudan. :-)

Re: 2014 - dè as miann leibh?

Verfasst: Do Feb 06, 2014 2:41 pm
von mona nicleoid
A bheil cuimhne agaibh orm? ;)

Chuir mi romham barrachd a dhèanamh le Gàidhlig a-rithist am bliadhna. Tha mi a' sgrìobhadh is a' leughadh tòrr air Facebook, ach tha mi ag iarraidh a bhith ann an còmhradh ann an àiteachan eile cuideachd.
Agus thòisich mi blog ùr: http://claidheamhisfearsaid.wordpress.com/ - chan eil mòran ann, ach tha mi ag iarraidh sgrìobhadh mu iomadh cuspair.

Re: 2014 - dè as miann leibh?

Verfasst: So Feb 23, 2014 11:02 am
von NoClockThing
Nach ann gu bheil torr pròiseactan agaibh uile! Chan eil mi fhin ach airson am flat agam a chumail glan sgiobalta :lol: