Carthannas Taigh-Sholais

Sleite
Beiträge: 1723
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Carthannas Taigh-Sholais

Beitragvon Sleite » Mo Mai 27, 2013 4:15 pm

A chàirdean

Tha taigh-solais beag faisg air drochaid an Eilein Sgitheanaich agus 's ann le Urras an Eilein Bhàin a tha e. Tha na daoine ag obair ann gu saor-thoileach agus iad a' togail beagan airgid bho luchd-turais airson an ionad aca a ghlèidheadh. Tha cosgaisean a bharrachd aca ge-tà airson an taigh-solais a chumail agus nì iad tachartas gus airgead a thogail. Air an latha bidh mi fhèin gam leigeil sìos air ròpa bhon taigh-sholais agus tha mi a' cruinneachadh airgid airson sin.

Bhiodh e uabhasach snog beagan taic fhaighinn bhuaibh. 'S e deagh rud a th' ann, gu sònraichte ma tha sibh measail air a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan (no ma tha sibh air tòrr taic fhaighinn bhuamsa leis a' Ghàidhlig sna bliadhnaichean a dh'fhalbh :spors: )

Nach toir sibh sùil air an làrach-lìn seo https://mydonate.bt.com/fundraisers/jannidiez1

Ceud mìle taing

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Re: Carthannas Taigh-Sholais

Beitragvon NoClockThing » So Feb 23, 2014 11:08 am

'S fhada on uairsin ach thug mi beagan airgead dhaibh a-nis. Tha mi 'n dùil gu bheil feum aca air an-còmhnaidh :)
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Sleite
Beiträge: 1723
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Carthannas Taigh-Sholais

Beitragvon Sleite » So Feb 23, 2014 3:02 pm

Ceud mile taing. Cha do thachair e fhatahst ach tha iad fhathast an dùil a dhèanamh.
Cha dèan brògan tioram iasgach.

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Re: Carthannas Taigh-Sholais

Beitragvon NoClockThing » So Mär 02, 2014 10:00 pm

Dh'fhalbh an ùine air an duilleag agadsa 's mar sin thug mi an t-airgead dhaibh gu dìreach.
'S e saoghal a th' anns gach cànan


Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast