Anns a' Ghàrradh

Sleite
Beiträge: 1738
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Anns a' Ghàrradh

Beitragvon Sleite » Mi Mär 20, 2013 1:30 pm

A bheil gàrradh agaibh? Dè bhios sibh a' dèanamh ann? A bheil flùraichean agaibh? An cuir sibh glasraich? Cò nì an obair anns a' ghàrradh? A bheil an gàrradh agaibh a' còrdadh ribh? Dè na planaichean a th' agaibh?


Tha gàrradh beag agam. Tha an ùir glè dhona air sgàth 's gur e taigh ùr a th' ann. Tha mi air buachar eich a chur air agus bidh mi a' feamnadh gach bliadhna. Tha mi fortanach gu bheil a' mhuir cho faisg orm. Tha àite agam air beulaibh agus ri taobh an taighe far a bheil flùraichean a' fàs. Gu mì-fhortanach chan eil mi eòlach air ainmean nam flùraichean sa Ghàidhlig, ach tha feadhainn àrda agam a tha a' coimhead beagan mar ròsan, agus tha feadhainn ìseal agam a tha buidhe agus gorm. Thog mi rudeigin à geugan seileach air a' bhalla agus tha clematis a' fàs suas an sin. Air cùl an taighe tha bogsa agam ann a bheil uinneanan, biotais agus currain a' fàs. A bharrachd air na h-uinneanan, chan eil e air a bhith cho soirbheachail. Tha pìos eile agam anns an robh broccoli, peasraichean agus mearag. Cha robh sin cho soirbheachail na bu mhotha, ach fhuair mi beagan. Tha pìos àrd le balla cloiche agam far a bheil lusan agam airson a' chidsin. Tha e a' coimhead glè shnog.

Is toil leam obair sa ghàrradh agus bidh mi an-còmhnaidh uabhasach toilichte nuair a bhios rudeigin a' fàs. Gu mì-fhortanach chan eil mi cho fortanach leis na glasraich. Is dòcha gu bheil e ro fhuar agus gu bheil an ùir ro dhona. A bharrachd air sin bha i uabhasach tioram an-uiridh.


Saoil am biodh Mìcheal deònach tòiseachadh gus an ionnsaich sinn corra facal?

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Anna
Beiträge: 519
Registriert: So Jan 17, 2010 5:00 pm

Re: Anns a' Ghàrradh

Beitragvon Anna » So Mär 24, 2013 6:29 pm

Bha gàrradh agam ach gu mì-fhortanach, chan eil fear agam an-drasta.

Ach thachair rud-eigin inntinneach ann an sgoil mo mhic an-uiridh.
Bha mi an sin airson coinneamh a fhrithealadh agus bha sinn a' bruidhinn mu cuspairean na sgoile. Agus gu h-obann dh'fhaighnich na neach-teagaisg dhinn ma bhios e comasach gàrradh na sgoile a shàbhaladh. Cha robh duine sam bith ag obair anns a' ghàrradh seo fad còig bliadhnaichean. Agus mar sin bha an gàrradh a' coimhead uabhasach : bha lusan a' sgoaileadh ceithir timcheall a' ghàrraidh agus bha e a' coimhead mar dlùth-choille.
Dh'aidich na h-uile oir bha iad làn-thoilichte.
Ach nuair a bha fuilear ann an obair air a' ghàrradh a thòiseachadh, bha iad uile air falbh.
Tha sin a' ciallachadh gu bheil an cùram airson a' ghàrraidh orm fhìn. Chan eil sin na bha mi a' smaoineachadh, ach 's e sin mar a tha e.
Agus chan eil sin cho dona oir nì mi na 's toil leam.
Tha mi eòlach air luibhean agus mar sin bidh sinn a' planntachadh feadhainn.
Rinn mi bun-smaoin dè nì na sgoilearan leis na luibhean.
Ach mus tòisich sinn obair anns a' ghárradh feumaidh na neach-teagaisg ionnsachadh ciamar a dh'feumas iad na pròiseactan a dhèanamh ;)
Chan eil ach an t-iasg marbh a' snàmh leis an t-sruth.
Nuair a bhios tu ag iarraidh àbhachd a thoirt do Dhia, dèan plana!!!

Steffi1
Beiträge: 508
Registriert: Do Mär 01, 2012 4:15 am
Wohnort: Frankfurt
Kontaktdaten:

Re: Anns a' Ghàrradh

Beitragvon Steffi1 » Mi Mär 27, 2013 3:38 am

Tha gàrradh beag snog againn air cùl an taighe. Nuair a cheannaich sinn an taigh anns a´Mhàrt 2007, bha sinn caran mì-thoilichte a thaobh a´ghàrraidh. Nuair a choimhead sinn a-mach air an uinneig bha sealladh uabhasach ann. Mar a dh'innis Anna dhuinn feumaidh mi ràdh cuideachd gun robh dlùth-choille againn. Bhàsaich bean an taighe anns an t-Sultain 2006 agus cha tug a mic an aire ris an taigh no ris a´ghàrradh anns an eadar-àm. Cha robh càil de dh'fhios againn mu na flùraichean agus tha mi làn-chinnteach an-diugh gun do sgrios sinn cuid de na flùraichean air sgàth ´s gun robh sinn dhen bheachd gur e luibheanach a bh´ann. Bha ùine gann againn agus bha cus obrach eile a´feitheamh rinn anns an taigh. Ach feumaidh mi aideachadh gur dòcha gun do rinn mi e a dh'aona gnothach. Bha againn ri obair gu math fada agus bha mi air mo shàrachadh. Aig an àm ud, dhùisg mi gu tric san oidhche à aislingean neònach anns an robh mi ag obair gu cruaidh anns a´ghàrradh le ìnean dubha. Ach dh'fhàs sinn deiseil leis an obair seo. Cheannaich sinn tòrr lus-crom-chinn is iomadach tuiliop dathail. ´S e sealladh mìorbhaileach a bh´ann ann nuair a thòisich an t-earrach anns an taigh ùr againn airson a´chiad turas agus tha mi a´dèanamh fiughair ris an t-sealladh ma a thòisicheas an t-earrach am bliadhna mar bu chòir. Tha i uabhasach fuar fhathast agus tha faireachdainn orm nach tòisich an t-earrach gu brath.

Tha mi ag aontachadh le Sleite. Is toil leam a bhith ag obair anns a´ghàrradh ach gu mì-fhortanach cha robh mi cho fortanach le glasraich an-uiridh ged an robh mi ga dòrtadh gu dìcheallach as t-samhradh. Is dòcha gun do rinn mi ro thric e. Bha mi dhen bheachd nach biodh uisge a´dèanamh cron oirre. A bharrachadh air an sin bha àite is solas gu leòr aig a´chlasraich. Chan eil mi cinnteach carson nach robh sin ag obair, is dòcha gur e an ùir as coireach. Cò aig´a tha fios ? Cha phlanntaich mi glasraich am bliadhna air sgàth s´ gun robh sin gam tuathail nach do dh'fhàs i an-uiridh. Ach tha mi moiteil às a´ghàrradh againn co-dhiù. Cha b´e ach rèidhlean mòr is preasan againn anns a´ghàrradh. Chan eil sin a´cur dragh orm idir a bheil beàrnan-brìde no dhà no eòinean a´fàs anns a´ghàrradh. Chan eil mi cho measail air luibheanach a bhuain cha mhòr gu bheil mi ga fhaicinn. Chan eil planaichean sònraichte agam am bliadhna. Gheibh mi tlachd anns an earrach nuair a thig e mu dheireadh thall.
Ma nì thu gu math, dèan ri do dhuine fhèin e.

Isbeal
Beiträge: 1029
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Re: Anns a' Ghàrradh

Beitragvon Isbeal » Di Apr 02, 2013 10:02 pm

Chan eil gàrradh no for-uinneag agam fhìn, ach tha gàrradh aig mo mhàthair agus bha mi ann aig deireadh-seachdain na Càisge. Chuir mi sìol gu leòr sna geadagan 's na tubaichean is sinn an dòchas gum bi dìtheanan àlainn annta an ath thuras a bhios mi ann! :D

Sleite
Beiträge: 1738
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Anns a' Ghàrradh

Beitragvon Sleite » Di Apr 02, 2013 10:10 pm

Thòisich mi a-nis cuideachd air sìol a chur. Tha poitean beaga agam anns a' chidsin le diofar rudan ann. Mar as trice feuchaidh mi diofar sheòrsaichean de dìtheanan, agus feuchaidh mi glasraich nas anmoiche san earrach. Chan eil mòran a' tachairt anns a' ghàrradh fhèin, air sgàth 's gu bheil i fhathast ro fhuar. Feumaidh mi ùir fhaighinn gus am bi an talamh nas fheàrr.Tha càrn agam de thodhar far an cuir mi sgudal glasraich bhon chidsin. An-uiridh fhuair mi ùir glè mhath bho sin.
Ach tha aon trioblaid agam: Gu tric chì mi rudeigin glas agus cha bhi fios agam an e lus a th' ann a chuir mi fhèin no an e rudeigin a th' ann a tha a' fàs leis fhèin agus a bhios a' sgapadh air feadh a' ghàrraidh. Bu chòir dhomh an gàrradh a chumail sgiobalta, ach thachair e gun do thilg mi rudeigin a-mach agus thuirt mo mhàthair às dèidh sin gur e flùraichean brèagha a bh' annta :(* A-nis cha tilg mi dad sam bith a-mach, ach is dòcha gum bu chòir.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Re: Anns a' Ghàrradh

Beitragvon Micheal » Di Apr 09, 2013 8:07 pm

Chan eil gàrradh agam ach dìreach lios a-mhàin. Tha e fada ro fhuar fhathast airson dad a chur ann ach tha mi an dòchas gum bi na lusan agam a' tilleadh am blidhna agus nach deach am marbhadh leis an fhuachd a bha againn a-niste fad mhìosan.
Innsidh mi dhuibh ma chì mi rud uaine nuair a thilleas mi dhachaigh.
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Sleite
Beiträge: 1738
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Anns a' Ghàrradh

Beitragvon Sleite » Mi Apr 10, 2013 10:34 am

Thòisich mi a-nis air sìol a chur. Tha i fhathast glè fhuar, ach tha fo-uinneag math agam agus tha e a-nis làn phoitean beaga le sìol agus lusan beaga. Gu mì-fhortanach cha tàinig a h-uile rud mar bu chòir. Chuir mo mhàthair sìol barra-guc (guca? guice?) thugam, ach tha an sìol uabhasach beag agus cha do dh'fhàs dad fhathast. Cha robh mi fortanach leis a' bharra-ghuc a-riamh.
Tha i a' fàs beagan nas blàithe a-nis agus tha mi 'n dòchas gum bi cothrom agam barrachd a dhèanamh a dh'aithghearr.
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Sleite
Beiträge: 1738
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Anns a' Ghàrradh

Beitragvon Sleite » So Apr 14, 2013 3:21 pm

Bha an t-uisge ann mu dheireadh thall. Bha i uabhasach tioram fad 2 mhìos. Tha i a' fàs nas blàithe cuideachd. Chuir mi barrachd sìl anns a' chidsin, agus chuir mi chraobhan cuideachd. As t-fhoghair chaiidh mi gu bùth-obrach cur chraobhan. Bha agam ris an sìol a chumail san fhuaradair fad a' gheamhraidh agus a chur ann am poit a-nis. Tha mi 'n dòchas gum fàs iad. Chuir mi beithe agus feàrna. 'S e sìol Slèiteach a th' ann gu dearbh.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Re: Anns a' Ghàrradh

Beitragvon Micheal » Mo Apr 15, 2013 2:49 pm

Tha mi dìreach air tilleadh bho shiopaireachd agus cheannaich mi 24 plant de shùbhagan-làir a chuireas mi a-nist. Agus thill mi na "geranium" às an t-seilear. Tha iad a' coimhead gu math tioram ach chithear gu bheil iad beò fhathast agus as dèidh beagan gearraidh is glanaidh bidh iad fo bhlàth ann an beagan seachdainean tha fhios.

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Sleite
Beiträge: 1738
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Anns a' Ghàrradh

Beitragvon Sleite » Do Apr 25, 2013 12:44 pm

Chuir mi sùbhagan-làir an-uiridh agus tha an lus a-nis a' fàs gu math mòr. Cha d' fhuair mi ach 2 shùbh-làir an-uiridh oir bha na h-eòin nas luaithe na mise, ach tha mi 'n dòchas gum faigh mi barrachd am-bliadhna. Cuiridh mi lìon thairis air.
Tha na lusan a chuir mi ann am poitean anns a' chidsin a-nis a' fàs glè mhath. Tha na flùraichean a' dèanamh uabhasach math agus tha an leigis a' tighinn cuideachd. Tha mi glè thoilichte am-bliadhna leis an adhartas agam. Cheannaich mi aubretia agus chuir mi sa ghàrradh e. Tha mi 'n dòchas gum fàs e gu sprogail agus gum bi làr de fhlùraichean purpaidh agam a dh'aithghearr.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Re: Anns a' Ghàrradh

Beitragvon Micheal » Mo Mai 06, 2013 8:41 am

Chuir mi ponairean is peasraichean an-dè agus a-nist tha mi an dòchas, nach ith na fèidh na planntaichean òga. An-uiridh dh' ith iad iad nuair a bha iad mu 1 m a dh' àirde. Agus na ròsan cuideachd.
Cheannaich mi freumhan "Dahlia" cuideachd agus an turas seo fhuair mi feadhainn mhòra an àite an sgudal a gheibhear ann am mòr-bhùthan àbhaisteach. Tha dùil, gum fàs planntaichean nach treasa is nas motha dhiubh.
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Sleite
Beiträge: 1738
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Anns a' Ghàrradh

Beitragvon Sleite » Di Mai 14, 2013 2:22 pm

Tha trioblaidean agam sa ghàrradh a-nis. Tha a' mhòrchuid de na lusan agam deiseil airson dol a-mach. Ach tha i cho fuar agus gaothach nach gabh sin dèanamh. Chaidh mi a-mach airson na lusan a chur Didòmhnaich, ach bha i cho gaothach is gun do lùib iad agus cha mhòr gun do bhris iad. Mar sin chaidh mi a-steach a-rithist gu luath leis na lusan agam. Tha mi 'n dùil ge-tà gum fàs an t-sìde nas fheàrr aig deireadh na seachdain seo agus gun cuir mi a h-uile rud a-mach an uair sin. Cheannaich mi tunail bheag gus na lusan ùra a chumail blàth. Feumaidh mi a bhith faiceallach ge-tà nach falbh e leis a' ghaoith. Chan e rud uabhasach seasmhach a th' ann.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Anna
Beiträge: 519
Registriert: So Jan 17, 2010 5:00 pm

Re: Anns a' Ghàrradh

Beitragvon Anna » Mi Mai 15, 2013 12:47 pm

A Shleite, tha mi duilich dha-rìreabh sin a chluinntinn.
Bidh an toiseach nuair a dh'fheumas na lusan òga fàs a-muigh daonnan doirbh ach nuair a bhios an t-sìde ro ghrabh bidh e fada nas doirbhe. Tha mi an dòchas gum bi an t-sìde nas fheàrr aig deireadh na seachdaine.
'S smuain math a th' ann an ceannachd na tunaile agus dòchasach nach bu sheòl a th' ann an tunail. :)
Chan eil ach an t-iasg marbh a' snàmh leis an t-sruth.
Nuair a bhios tu ag iarraidh àbhachd a thoirt do Dhia, dèan plana!!!

Sleite
Beiträge: 1738
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Anns a' Ghàrradh

Beitragvon Sleite » Mi Mai 22, 2013 10:38 am

Tha na flùraichean a' tighinn air adhart glè mhath a-nis. Tha tòrr brògan na cuthaige air an fheur agam agus tha mi uabhasach measail orra. Bha latha no dhà blàth againn agus dh'fhàs na flùraichean is lusan gu luath. Gu mì-fhortanach tha i fuar a-rithist a-nis. Ach Tha beagan adhartais ri fhaicinn anns a h-uile rud. Tha an tunail fhathast ann cuideachd :)
Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.


Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast