Seite 1 von 1

Dualchainntean

Verfasst: Do Feb 09, 2012 11:29 am
von Sleite
Tha mi dìreach ag èisteachd ri Prògram Choinnich mu dhualchainntean. Chan ann dìreach gu bheil e inntinneach cluinntinn mu dhiofar dhualchainntean agus beachdan dhaoine ach tha am prògram a' tòiseachadh le eisimpleirean de dhiofar dhualchainntean agus tha e brèagha a bhith ag èisteachd ri sin. Mholainn gu mòr gun èist sibh ri seo fhad 's a tha e ri fhaighinn!

Slèite

Re: Dualchainntean

Verfasst: Do Feb 09, 2012 2:57 pm
von NoClockThing
Mòran taing airson a' mholaidh seo! Feuchaidh mi gun èist mi ris.

Re: Dualchainntean

Verfasst: Fr Feb 10, 2012 11:43 am
von Isbeal
Bha aithris air sin air BBC Alba 'Naidheachdan' cuideachd -

http://www.bbc.co.uk/naidheachdan/16868111

Dual-chainntean a' dol à bith

le agallamh le Uilleam Lamb.


Agus air BBC Radio 4, Today programme, an-diuigh:

0820
Great efforts have been made in recent decades to preserve the language and culture of Scottish Gaelic, against the fact that the number of native speakers has been in long-term decline. New research from the University of Edinburgh suggests that before long there may only be two Gaelic dialects left. Andreas Wolff of BBC Alba reports from Ballachulish in Argyll, on the mainland, where a young musician is learning the local dialect that may be on the verge of extinction.

http://news.bbc.co.uk/today/hi/listen_again/default.stm

Re: Dualchainntean

Verfasst: Do Feb 16, 2012 6:50 pm
von NoClockThing
Barrachd mu dhualchainntean - pìos rannsachaidh air fuaimean aig clann-sgoile is doine as aosta ann an Glaschu an coimeas ri Leòdhasaich

http://www.clairenance.co.uk/Academic_work.html

Re: Dualchainntean

Verfasst: Fr Feb 17, 2012 12:33 am
von Micheal
Cha chluinn thu dual-chainnt na sgìre againn fhìn ach aig cloinn-sgoile air an dùthaich. Anns na bàiltean mòra cha togadh ach 2% den chloinn leis an dual-chainnt. An ceann ginealach neo dhà bidh e marbh. Thòisich am Millowitsch-Theater a bhiodh a' cluich ann an dual-chainnt a-mhàin fad 120 bliadhna le bhith a' cluich ann an Hoch-Deutsch, oir chan eil an luchd-amhairc a' tuigsinn tuilleadh na thathar ag ràdh air an àrd-ùrlar. Ged a tha mise fileanta, cha chleachd mi gu tric e, oir chan eil cothrom agam a bhruidhinn tuilleadh.
Sin mar a tha e anns an Rheinland
Mìcheal

Re: Dualchainntean

Verfasst: Fr Feb 17, 2012 12:32 pm
von NoClockThing
Is truagh sin is bha mi den bheachd gun robh muinntir Khölle cho pròiseil às an dualchainnt aca gum maireadh i :(