Às a' chdsin

Sleite
Beiträge: 1739
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Às a' chdsin

Beitragvon Sleite » So Jan 08, 2012 8:19 pm

Rinn mi cèic uinnein an-diugh. Tha i glè fhurasta!

Feumaidh tu
400g Flùr
250ml bainne
1 pacaid beirm tioram
6 spàinean mòra de dh'ola
1 spàin teatha de shalann
1 spàin teatha de shiùcar

1 1/2 cg de dh'uinneanan
300g de mhuic-fheòil smocte
Ola
salann & piobar
1 spàin teatha de charbhaidh
4 uighean
300g de dh'uachdar geur (creme fraiche)

Measgaich na grìtheidean airson na taoise uile còmhla, taoisnich e gu math agus fàg ann an àite blàth e fad uair a thìde
Praidhig a' mhuic-fheòil ann am beagan ola gus am bi e donn, cuir ris na h-uinneanan ann an sliseagan tana agus praidhig a h-uile rud aig teas meadhanach gus am bi na h-uinneanan deiseil. Cuir ris salann, piobar agus carbhaidh. Leig e fàs beagan nas fhuaire agus cuir ris na h-uighean agus an uachdar. Nuair a tha an taois air fàs, roilig a-mach e gus am bi e a' dol air sgàl-fuinidh (Backblech) le iomallan. Cuir na h-uinneanan air agus cuir san àmhainn e fad 35 mionaidean aig 180 C.

A bheil reasabaidh snog agaibhse cuideachd?
Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Isbeal
Beiträge: 1030
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Re: Às a' chdsin

Beitragvon Isbeal » Di Jan 10, 2012 1:36 am

Brot samhraidh furasta

Grìtheidean (do 6 -8)

creamh-gàrraidh meadhanach
piobar-cluig uaine
piobar-cluig buidhe
curran meadhanach
courgette bheag
làn laimhe pònair Fhrangaich no ruith, no
peasraichean mange-tout no sugar-snap
buntàta meadhanach, amh no deasaichte
2 chanastair tomàto Eadailteach, geàrrte le buille
sùgh-glasraich no sùgh-circe (3 canastair-tòmato falamh)
piobar dubh garbh-bleithte (cha cleachd mise salann - tha salann gu leòr ann an sùghan-glasraich no circe malairteach)
geagan beaga lusan, geàrrte, mar phairseil, lus an rìgh, ròs-Màiri, lus-marsalaidh, no lusan de Provence tioram.

Geàrr an creamh-gàrraidh - pàirt geal na shliseagan agus pàirt uaine na phìosan beaga - agus bruich air an socair e ann am beagan ola ann am pana mòr trom, air teas meadhanach. Ma bios thu a' cleachdadh ròs-Màiri às a' ghàrradh, cur e ris a-nis, gum am bi e a' fàs nas buige. Geàrr na piobaran-cluig agus an curran nam pìosan beaga agus cuir iadsan anns a' phana cuideachd. Caraich a h-uile rud bho àm gu àm gus nach bi an creamh-gàrraidh a' fàs donn. Anns an eadar-àm faodaidh tu na glasraich eile a ghearradh agus glèidh iad an darna taobh.

An uairsin cuir an dà chanastair thomàtothan ris a' phana agus measg iad fon ghlasraich. Ma bios iad rud beag uisgidh, cuir spàin math puree tomàto ris. Piobraich am measgachadh gu math leis a' phiobair gharbh-bleithte dhubh agus cuir na lusan ris. Glèidh beagan pairseil airson a' bhrota a sgeadachadh. A-nis cuir an t-sùgh ann (cleachdaidh mise 3 canaistair-tomàto falamh làn sùigh; cha toil leamsa rudan a thomhas - tha mi ro mhì-fhoighidneach!) agus caraich gu math e a-rithist.

Feumaidh tu a' ghlasraich air fhàgail a chuir ris a-nis - sin a' cuid dhan am bu chòir bruich gu sàmhach air teas ìosal anns a' bhrot: buntàta, courgettes, pònair no peasraichean garbh-gearrte, no glasraich cha mhòr sam bith eile a tha agad san taigh, gu h-àraidh ma bhios iad dathte.

Leig leis a' bhrot a bhith a' bruich air teas ìosal le mhullach rud beag folgailte fad 20 -30 mhionaidean gus am fàs e nas tighe agus gus am bi na blasan a' measgachadh ri chèile. Feumaidh am buntàta a bhith deiseil agus a' ghlasraich eile rud beag al dente.

Cur dha na bhobhlaichean e le pìosan pairseill mar dheasachadh agus ith le aran-sòda e.

Bon appetit!

Sleite
Beiträge: 1739
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Às a' chdsin

Beitragvon Sleite » Di Jan 10, 2012 12:51 pm

Mmmmmmh! Tha coltas math air sin. Feuchaidh mi e as t-samhradh!
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Isbeal
Beiträge: 1030
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Re: Às a' chdsin

Beitragvon Isbeal » Mi Jan 11, 2012 1:55 am

Agus tha coltas ceart cho math aig an fhear agadsa! :lol:

Sleite
Beiträge: 1739
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Às a' chdsin

Beitragvon Sleite » Mo Jul 13, 2015 11:02 am

Bha an t-sìde grod Disathairne, mar sin chuir mi seachad ùine sa chidsin. Rinn sinn Canneloni:
Airson ceathrar:

Pasta
200g flùr pasta
2 ugh
1 spàin mhòr ola
salann
Taoisnich a h-uile rud gu math fada gus am bi e bog agus sùbailte. Bheir sin greis. Ach ma nì thu gu ceart e, cha bhi e a' stigeadh san inneal. Na cuir uisge ann!!!! Fàg e ann am poca plastaig fad leth uair a thìde. An uair sin geàrr e ann an 4 pìosan agus cuir e tron inneal pasta, a' tòiseachadh leis an t-suidheachadh as tighe, agus a' gluasad dhan t-suidheachadh as tana beag air bheag. Ma tha e a' fàs stigeach, cuir rud beag flùr air an dà thaobh.

An Lìonadh
400g bloinigean gàrraidh (duilleagan ùra no às an reòthadair)
200g ricotta
1 ugh
30g càise parmigiano
salann, piobar, cnò-meant (Muskat)

Bruich na bloinigean gàrraidh gus an tig an t-uisge a-mach. Leig leis fuarachadh agus pronnaich a h-uile uisge a-mach nad dhòrn. An uair sin geàrr e measgaich e leis na rudan eile agus cuir na spiosan ris mar a thogras tu.

Sabhs Tomàta
ola cruinn-ola
1 uinnean (pìosan beaga)
2 clòbh creimh (pìosan beaga)
1 crogan tomàtaichean
1 curran (pìosan beaga)
salann, piobar, lusan Eadailteach

Cuir an t-ola ann am praise agus teasaich na h-uinneanan agus na currain. An uair sin cuir na rudan eile ris agus bruich e fad leth uair a thìde.

Sabhs Bechamel
Dèan sin mar a nì thu e an-còmhnaidh....

Cuir spàin de na bloinigean-gàrraidh air aon taobh den phasta agus ruighlig e coltach ri isbean. An uair sin geàrr e, agus dèan fear eile, agus fear eile gus am bi a h-uile rud air falbh. Cuir beagan ola ann am pana a tha freagarrach airson an àmhainn, agus cuir na ruighlichean uile ann. Is dòcha gum bi thu feumach air dà. Cuir an sabhs tomàta air a' mhullach, agus an uair sin an sabhs bechamel. Dh'fhaodadh tu mozzarella a chur air cuideachd. An uair sin cuir san àmhainn e aig 180C gus am bi e donn agus a' bruich gu sunndach.

Blasta gasta!

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Sleite
Beiträge: 1739
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Às a' chdsin

Beitragvon Sleite » Do Okt 15, 2015 12:53 pm

Tha fhios agaibh gun do rinn sibhse seo seachdainean air ais, ach an seo, tha na smeuran dìreach deiseil an-dràsta, agus nì mi silidh còmhla ris na h-oileanaich an ath-sheachdain. Ciamar a nì sibhse e?

Bidh sinn a' cruinneachadh mu 5kg de smeuran air àrainn na Colaiste (Sabhal Mòr Ostaig) an ath Dhihaoine. Cha toir sin fada idir, oir tha mi 'n dùil gum bi co-dhiù 6nar a' gabhail pàirt.

An uair sin bidh sinn a' dol dhan chidsin agus a' cur na smeuran ann am poit le beagan uisge agus 2-3 ùbhlan agus sùgh liomaid. Bidh sinn gam bruich gus an tig an sùgh a-mach às na smeuran. An uair sin cuiridh sinn a h-uile rud tro chlobhd agus nach bi na dearcan fhèin anns an t-silidh. Tha mi 'n dùil gum bi co-dhiù 3L de shùgh againn. Cuiridh sinn an sùgh ann am poit ghlan còmhla ri 3kg de siùcar silidh. Ma tha barrachd sùgh againn, bidh sin ceart gu leòr cuideachd. Chan eil mi cho cinnteach mu dheidhinn seo, ach tha eagal orm gum bi an t-silidh ro thana. Dè ur beachd?

Bidh sinn ga ghoil fad 10 mionaidean agus an uair sin cuiridh sinn e ann an crogain. Feumaidh na crogain a bhith fìor ghlan air neo bidh an t-silidh a' fàs liath. Bidh gu leòr ann airson a h-uile duine :)

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Sleite
Beiträge: 1739
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Às a' chdsin

Beitragvon Sleite » Mo Mai 23, 2016 5:41 pm

Bha biadh blasta ionadail againn a-raoir: risotto le aspàrag agus creamh fiadhaich.

Airson dithis:
1 uinnean beag
150g ris cruinn
250g aspàrag
2 dhòrn creamh fiadhaich
ola cruinn ola
sùgh glasraich
fìon geal
salann
pìopar
càise parmigiano

teasaich na h-uinneanan san ola, cuir ris an ris agus teasaich fad corra mionaid. Cuir ris an fhìon agus bruich gus am bi e air falbh. Cuir ris an sùgh beag air bheag gach turas a tha e air fàs tioram. Geàrr an aspàrag ann am pìosan agus fàg na cinn an dàrna taobh. 5 mionaidean mus bi an ris deiseil cuir ris an aspàrag, ach fàg na cinn (chleachd mise fear uaine, oir chan fhaighear fear geal an seo, is dòcha gum bi sin feumach air barrachd bruich, mar sin cuir e ann nas tràithe). Aig an deireadh, geàrr na duilleagan creimh ann an strìopan, cuir ris na cinn aspàraig agus an creamh, cuir mun cuairt e agus teasaich e fad mionaid no dhà. Faigh blasad dheth agus cuir ris salann is piobar ma tha sin a dhìth. Cuir a h-uile rud ann an dà thruinnsear, cuir càise air a' mhullach agus gabh tlachd ann. :)

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Isbeal
Beiträge: 1030
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Às a' chdsin

Beitragvon Isbeal » Mi Mai 25, 2016 12:21 am

Mmmm, 's toil leam aspàrag uaine gu mòr mòr! Nì mi seo aig deireadh seachdain! :flur:

An seo do chreamh-fiadhaich?
http://www.theguardian.com/lifeandstyle ... ild-garlic

Am biodh e ag obrachadh le uinnean earraich na àite?

elke
Beiträge: 121
Registriert: So Feb 05, 2012 1:12 pm
Wohnort: Faisg air Dresden
Kontaktdaten:

Às a' chdsin

Beitragvon elke » Mi Mai 25, 2016 10:13 pm

'S e reasabaidh mhath a th' innte ! Ach bha an creamh-fiadhaich againn fo làn bhlàth anns a' ghàrradh aig deireadh a' Ghiblein . Mar sin chan urrainn dhomh a ghearradh tuilleadh am bliadhna.

Isbeal
Beiträge: 1030
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Às a' chdsin

Beitragvon Isbeal » Mi Mai 25, 2016 11:13 pm

Elke, seall an dealbh - an e seo a tha agaibh sa ghàrradh?

http://www.theguardian.com/lifeandstyle ... ild-garlic

elke
Beiträge: 121
Registriert: So Feb 05, 2012 1:12 pm
Wohnort: Faisg air Dresden
Kontaktdaten:

Às a' chdsin

Beitragvon elke » Do Mai 26, 2016 5:39 pm

' S e ! Bha sinn ga phlanntachadh o chionn còig bliadhnaichean deug. Gach earrach gearraidh sinn creamh-fiadhaich agus nì sinn pesto, sabhs agus bidh sinn ga chleachdadh airson càise (Frischkäse).

Isbeal
Beiträge: 1030
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Às a' chdsin

Beitragvon Isbeal » So Jun 05, 2016 3:29 pm

Mòran taing, Elke! :D
Bidh gàrradh agam an ath bhliadhna - 's dòcha gun soirbhich leam sin àiteachadh cuideachd!


Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast