Seite 1 von 1

2012 - dè as miann leibh?

Verfasst: Fr Dez 30, 2011 12:47 pm
von Micheal
Dé as miann leibh airson 2012.
Gun a bhith smocadh tuilleadh?
A' call cuideam?
nas lugha de dh'fhacebook?
barrachd airgid?

Feuchaidh mise nach call mi cus ùine le rudan nach eil cudthromach dhomh san àm ri teachd, agus bhiodh 10 kg nas lugha de chuideam math cuideachd.

Bliadhna ùr mhath dhuibh uile

Mìcheal

Re: 2012 - dè as miann leibh?

Verfasst: So Jan 01, 2012 6:53 pm
von Sleite
Nì mise oidhirp gun a bhith a' gabhail rudan cho pearsanta fad na h-ùine.

Slèite

Re: 2012 - dè as miann leibh?

Verfasst: So Jan 01, 2012 11:05 pm
von Isbeal
Tha mise airson feuchainn ri dol nas traithe dhan leabaidh! :twisted:

Agus gun a bhith a' feitheamh gus na mionaidean mu dheireadh mus toisich mi obraichean cudromach! 8)

Bhithinn sona gu leor le sin a-mhain; chan eil neart agam airson cuidhteas fhaighinn de a h-uile peacadh beag! :wink:

Re: 2012 - dè as miann leibh?

Verfasst: Do Jan 12, 2012 2:57 pm
von NoClockThing
Isbeal hat geschrieben:Tha mise airson feuchainn ri dol nas traithe dhan leabaidh! :twisted:

Guma math a thèid leat :twisted:


Mise, gun a bhi cho stressed out mun a h-uile rud a tha agam ri dhèanamh - b' urrainn dhomh barrachd a dhèanamh gun stress a bhith orm co-dhiù! :roll:

Re: 2012 - dè as miann leibh?

Verfasst: Fr Jan 13, 2012 9:44 am
von Micheal
NoClockThing hat geschrieben:

Mise, gun a bhi cho stressed out mun a h-uile rud a tha agam ri dhèanamh - b' urrainn dhomh barrachd a dhèanamh gun stress a bhith orm co-dhiù! :roll:


Feuchaidh mise an aon rud ach chan eil dùil gum bi sin ag obrachadh. :roll:

Mìcheal

Re: 2012 - dè as miann leibh?

Verfasst: Di Jan 17, 2012 12:40 pm
von NoClockThing
Uill, guma math a thèid leinn! :lol:

Re: 2012 - dè as miann leibh?

Verfasst: Mi Jan 18, 2012 6:41 pm
von Micheal
Seadh. Gur math a thèid leinn!