Seite 1 von 1

seòmraichean-teagaisg ùra

Verfasst: Fr Mai 27, 2011 2:52 pm
von Micheal
gheibh mi na iuchraichean airson nan seòmraichean-teagaisg ùra do dh'Ionad na Gàidhlig sa' Ghearmailt an-diugh. Feumaidh mi an togalach far an robh mi fhàgail, oir thèid a leigeal as t-samhradh. Bidh sinn nas fhaisge air an oilthigh a-nist an teas-meadhan baile Bhonn - fada nas fheàrr ach gu mì-fhortanach fada nas daoire cuideachd

Re: seòmraichean-teagaisg ùra

Verfasst: Di Mai 31, 2011 12:07 pm
von Anna
Meal do naidheachd!!! :D :D :D

Ich drücke die Daumen, das der Umzug gut klappt und Du Dich in den neuen Räumen wohl fühlst. Die Gegend direkt gegenüber dem Stadtpark ist schön.
Freue mich, wenn ich sie mal von innen sehen kann...

Entschuldige bitte, dass ich hier deutsch schreibe, aber das kann ich leider in gälisch noch nicht sagen. :oops:

Anna

Re: seòmraichean-teagaisg ùra

Verfasst: Mi Jun 01, 2011 6:02 pm
von Micheal
Tapadh leat Anna.

Re: seòmraichean-teagaisg ùra

Verfasst: Mi Jun 01, 2011 6:04 pm
von Micheal
Anna hat geschrieben:Meal do naidheachd!!! :D :D :D

Ich drücke die Daumen, das der Umzug gut klappt und Du Dich in den neuen Räumen wohl fühlst. Die Gegend direkt gegenüber dem Stadtpark ist schön.
Freue mich, wenn ich sie mal von innen sehen kann...

Entschuldige bitte, dass ich hier deutsch schreibe, aber das kann ich leider in gälisch noch nicht sagen. :oops:

Anna


Sin mar a chanas tu e:
Tha mi an dòchas gun tèid gu math leat le bhith ag imrich agus gum bi thu gu comhfhurtail anns na seòmraichean ùra. Tha an sgìre mu choinneimh na pairce glè bhrèagha

Re: seòmraichean-teagaisg ùra

Verfasst: Mo Jun 06, 2011 2:40 pm
von Anna
Halò a Mhìcheil,

tapadh leat!!! :D

Tha mi an dòchas gun tèid gu math leat le bhith ag imrich agus gum bi thu gu comhfhurtail anns na seòmraichean ùra. Tha an sgìre mu choinneimh na pairce glè bhrèagha. :wink:

Anna :D :D :D

Re: seòmraichean-teagaisg ùra

Verfasst: Mo Jun 06, 2011 5:40 pm
von Isbeal
Bhiodh e math d' fhaicinn anns na seòmraichean ùra, Anna, aon latha air choireigin! :D

Es wäre schön, dich in den neuen Räumen zu sehen, Anna, eines Tages.


Tha mise a' dèanamh fiughair ris na seòmraichean ùra - agus, tha mi an dòchas, ri luchd-ionnsachaidh ùr cuideachd! :wink:

Ich freue mich auf die neuen Räume - und, hoffentlich, auf neue Lerner!

Re: seòmraichean-teagaisg ùra

Verfasst: Fr Jun 10, 2011 5:59 pm
von Isbeal
Chunnaic mi na seòmraichean ùra Diluain mu dheireadh thall, agus 's toil leam iad gu mòr. Soilleir, sàmhach agus rùmail, agus sealladh glè mhath aca - craobhan is preasan, fiù 's craobh-phailm air beulaibh seann villa aig an oisean air cùl an togalaich.

Tha mi a' smaoineachadh gum bi sinn a' faireachdainn glè mhath an sin! :D :D :D

Re: seòmraichean-teagaisg ùra

Verfasst: So Jun 12, 2011 10:16 am
von Micheal
Agus bho an-diugh fhèin tha na leabhraichean ann cuideachd. Chan eil fhios agam cia mheud bogsa a ghiùlain mi don chàr agus an uair sin a-staigh. Theab mo làmhan tuiteam dhìom.

Re: seòmraichean-teagaisg ùra

Verfasst: So Jun 12, 2011 11:15 pm
von Micheal
Nist, tha an leabharlann deiseil - agus faodaidh mi ràdh gu bheil e glè chomfhurtail. leabhraichean Gàidhlig de gach seòrsa agus cuideachd leabhraichean mu eachdraidh na h-Albann. Agus a-màireach cuiridh mi an daran seòmar air dòigh - oifis ach bidh goireasan ann airson teagaisg cuideachd.

Re: seòmraichean-teagaisg ùra

Verfasst: Do Aug 04, 2011 10:32 pm
von NoClockThing
'S e obair mòr a th' ann a bhith ag imrich. Tha mi an ochas gun còrd an àite ùr riut, ged a tha mi cinnteach gum bi cuid ag ionndrainn an Hotel Jacobs agus am brot agad :D