Seite 1 von 1

Bliadhna Mhath Ùr!

Verfasst: Sa Jan 01, 2011 6:18 pm
von Sleite
Madainn mhath!
Bliadhna mhath ùr dhiubh uile! Tha mi 'n dòchas gun robh oidhche mhath agaibh agus gu bheil sibh a' faireachdainn nas fheàrr na mise an-diugh.
Dè rinn sibh a-raoir?

Slèite

Re: Bliadhna Mhath Ùr!

Verfasst: So Jan 02, 2011 12:20 pm
von Micheal
Bliadhna mhath ùr dhut fhèin m' eudail.
Cha do rinn mise mòran. Leis an fhìrinn innse cha toil leam an oidhche sin. Bha sinn aig an taigh, dh' òl sinn piccolo meadhan-oidhche agus aig 12:05 bha mi anns an leabaidh.

Re: Bliadhna Mhath Ùr!

Verfasst: Do Jan 06, 2011 11:12 pm
von Isbeal
Agus tha mise a' guidhe bliadhna ùr fìor mhath dhuibh uile cuideachd! :D

Gun tòisich a' bhliadhna ùr nas fheàrr dhut na thàinig an tè sa chaidh gu crìch, a Mhìcheil!

Re: Bliadhna Mhath Ùr!

Verfasst: Do Feb 10, 2011 12:25 pm
von NoClockThing
Bha mi aig taigh caraid agam agus ghabh sinn beagan Sekt. Choimhead sin air an uinneig airson na cleasan-teine agus sin a bh' ann.

Nach boring a tha sinn uile :lol: