Opera 11 sa Ghàidhlig

Isbeal
Beiträge: 1029
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Opera 11 sa Ghàidhlig

Beitragvon Isbeal » Do Dez 16, 2010 4:27 pm

Bha ar n-Akerbeltz trang a-rithist! :D

*********************

Nollaig chridheil a chàirdean - an turas mu dheireadh le tiodhlag am bliadhna-sa ge-tà ;)

A chionn 's gu bheil taghadh cudromach, tha Opera 11 ri fhaighinn sa Ghàidhlig a-nis agus a-rithist (bha tionndadh Gàidhlig dheth ann gu Opera 5.x). Feumaidh sibh na leanas a dhèanamh (tha fhios agam gu bheil seo car sparragach ach sin mar a tha cànain ag obair aig Opera...):

1) Stàlaich Opera 11 (Beurla)

2) Rachaibh gu http://www.opera.com/download/languagefiles/ 's faighibh am faidhle ouw1100_gd.lng aig Scottish Gaelic > 11.0

3) Sàbhailibh am faidhle. Tha misa 'ga chur ann an Program Files > Opera > locale (far a bheil faidhle na Beurla cuideachd)

4) Tha Installation Instructions air http://www.opera.com/download/languagefiles/ ach tha diofar beag eatarra 's Opera 11, seo dhuibh mìneachadh ùr ma-thà:

5) Briogaibh air Menu > Settings > Preferences > Details > User Interface Language > Select > taghaibh am faidhle ouw1100_gd.lng far an do dh'fhàg sibh e

6) Briogaibh OK.

7) Cha-chinnngggg .... Gàidhlig

Agus gabhaibh mo leisgeul - tha rudan beaga cearr leis an spacing ann an cuid a dh'àitichean agus mearachdan beaga leis a' Ghàidhlig an-siud 's an-seo. 'S e fìor Mharathon a bh' ann agus cha d' fhuair mi cothrom ceartachaidh idir an turas seo ach bheir mi m' fhacal dhuibh gun cuir mi ceart iad!

Gabhaibh tlachd ann!

Tha seo gu h-àraidh mar thaing uam-sa do Chaoimhín Coimpiutaireachd (a tha cho dèidheil air Opera 's a rinn obair mhòr gus Gàidhlig a chur air Opera 5.x roimhe) airson a leithid a thaic a thug e dhomh thairis air na bliadhnaichean! Nollaig chridheil, a Chaoimhín!

--
Akerbeltz
Goireasan Gàidhlig air an lìon
Fòn: +44-141-946 4437
Facs: +44-141-945 2701
Am Faclair Beag ◦ Akerbeltz ◦ Firefox sa Ghàidhlig ◦ Thunderbird sa Ghàidhlig

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Re: Opera 11 sa Ghàidhlig

Beitragvon NoClockThing » Fr Dez 17, 2010 1:40 pm

Sgoinneil, tapadh leat! :D
'S e saoghal a th' anns gach cànan


Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast